Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Wednesday, 3rd December 2008

Haggis Hunt is now on!

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Croitearan agus goilfearan an ugannan a-chèile an Aisgearnais



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 05 July 2008
THA raon goilf aig Aisgearnais ann an Uibhist a-Deas a tha gu math iomraiteach, oir chaidh a dhealbhadh leis a' ghoilfear ainmeil Tom Morris.
Thug a' Bhaintighearna Gordon Cathcart, leis an robh an oighreachd, cuireadh dha ann an 1891 raon anns an robh 18 tuill a stèidheachadh air taobh an-iar an eilein. Cha robh cliù ro thlachdmhor aig a' Bhaintighearna am measg nan eileanach, oir bha i c
ruaidh, sanntach agus an-iochdmhor.

Thar nam bliadhnachan cha robh, mar bu trice, ga chur gu feum ach beagan de luchd turais agus daoine profeiseanta mar dhotairean agus luchd lagha. Aig toiseach an dàrna cogaidh, ghabh an RAF sealbh air a' mhachaire air son raon-laighe, agus chaidh an cùrsa aig Morris às an t-sealladh. Cha robh for air nuair a chrìochnaich an cath, agus tha e air a bhith fo fheur 's fo mhuran bhon uair sin, ged a chaidh pìos anns a bheil ochd tuill a chumail fosgailte.

Chan eil raon eile ann a tha cho eadar-dhealaichte ris, oir air iomall tha tràighean geala, air fheadh tha coilleagan muranach, agus aig uairean, tha an dà chuid crodh is caoraich ag ionalradh air. Aig amannan bidh cluicheadairean an dùil gum feum iad cluich a- muigh air a' mhuir neo am measg nan sgeirean. Bidh goilfearan gu tric aon latha a' sabaid an aghaidh fuachd agus gaillinn 's an ath latha a' gabhail tlachd ann an sìde shocair chiùin.

Ann an 1922 nuair a chaidh an talamh a bhriseadh 'na chroitean, fhuair a' Bhaintighearna Gordon Cathcart cead cluich air an raon goilf, a bha 'na phàirt de mhòr-fhearann nan croitearan. Bha goilf agus croitearachd a' dol air adhart gun strì neo aimhreit thar nam bliadhnachan gus an tàinig fathann o chionn ghoirid gun robh raon a chaidh a dhealbh le Tom Morris fon mhachair.

Chaidh a dhearbhadh gun robh sin fìor, agus cho-dhùin Stòras Uibhist, a ghabh sealbh air an oighreachd air sgàth na coimhearsnachd, gun sgeadaicheadh iad an raon 's gun leudaicheadh iad e gu 18 tuill.

Gu mì-fhortanach tha na croitearan a' cumail a-mach gun do thòisich Stòras Uibhist air an obair gun a bhith a' cumail mòran còmhraidh no deasbaid riutha mu dheidhinn. Ghabh iad an caoch, agus a-nis tha an dà bhuidhinn an ugannan a-chèile. Tha cùisean a-nis aig an ìre far a bheil na croitearan a' maoidheadh gun tèid iad gu Cùirt an t-Seisein agus math dh'fhaoidte chun a' Bhruiseil cuideachd.

Tha Huw Edwards, a chaidh fhastadh le Stòras Uibhist mar neach stiùiridh, den bheachd gun tig ionmhas às an raon a chuireas gu mòr ri econamaidh Uibhist a-Deas. Tha e ag ràdh gu bheil goilfearan ann bho gach ceàrn a tha deònach cluich air a h-uile raon a chaidh a dhealbhadh le Tom Morris, agus le bòidhchead na sgìre agus na seallaidhean air leth a tha rim faicinn ann, tha fios gun tig iad gu tìr a' mhurain le an cuid airgid. Air an làimh eile, tha Aonghas MacIain, a tha 'na chroitear, ag aithris gu bheil croitearachd fada nas cudromaiche na goilf.

Tha làn àm ann a-nis fuasgladh fhaighinn air a' chòmhstri seo eadar croitearan is goilfearan, oir mar a chanas an seanfhacal, sgoiltidh farmad a' chlach.





The full article contains 592 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 04 July 2008 10:19 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 

Featured Advertising



Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.