THA dithis bho shaoghal nan ealain 's nam meadhanan air companaidh clò a cheannach ann an Leòdhas. Tha iad ag amas air tàillearan sònraichte, leithid Savile Row, 's na taighean mòra fasain.
Chunnaic an gnìomhachas atharraichean mòra thar na bliadhna sa chaidh, le ainmean ùra a' gabhail sealbh air companaidhean. An uair a thug Brian Haggas a' Bhuidheann KM thairis o chionn beagan a bharrachd air bliadhna bha draghan aig daoine sna h-Eile
anan Siar dè a' bhuaidh a bheireadh e air gnìomhachas a' chlò Hearaich.
Le bhith ceannach a' chompanaidh bho Derek Moireach bha sealbh aige air 95 ás a' cheud den ghnìomhachas, agus rinn Haggas soilleir gu robh e ag iarraidh an uiread de phàtranan clò Hearach a chleachd a bhith ann a ghearradh air ais gu mòr. Bha e cuideachd ag amas air a' mhòrchuid den chlò a bha iad a' dèanamh a chleachdadh gus seacaidean daora spaideil a dhèanamh.
Chan ann mar sin ge-tà tha Clò Bhrèanais, a cheannaich am fear-sgrìobhaidh Iain Fionnlagh MacLeòid 's a' bhana-sheinneadair 's a' bhana-chleasaiche Anna Mhoireach. Tha e 'na chompanaidh beag, le còignear luchd obrach, stèidhichte ann an Nis agus a' frithealadh air luchd ceannaich sònraichte. Mhìnich Iain Fionnlagh: "Tha sia mìosan o ghabh sinn Clò Bhrèanais os làimh. Se Iain Sutharlanach agus a bhean Diana aig an robh e roimhe sin. Tha timcheall air deich bliadhna fichead bho thòisich e, agus tha e ainmeil am measg tàillearan air feadh an t-saoghail – se clò aotram a th' ann 's tha tòrr dhaoine ga cheannach ann an dùthchannan leithid an Eadailt, a' Ghearmailt, an Eilbheis 's Ameireagaidh. Tha an clò againn mìorbhaileach air son seacaidean agus deisean a bharrachd air iomadach rud eile.
"Tha diofar dhaoine ga cheannachd, bho thàillearan Savile Row leithid Anderson & Sheppard gu companaidhean fasain leithid Manolo Blahnik, Bulgari agus Vivienne Westwood. Tha cuideachd tòrr dhaoine a' tighinn thugainn gus rudeigin sònraichte a dhèanamh dhaibh. Mar sin tha sinn ag obair aig ìre uabhasach àrd ann an saoghal fasain."
Càit a bheil Iain a' faicinn a' chompanaidh aca sa mhargaidh? "Se clò a thèid a dhèanamh a dh'aona ghnothach do dhaoine bhios sinne a' dèanamh. Cha bhi sinn a' dèanamh mòran de dh'aon phàtran. Faodaidh daoine iarraidh oirnn pìos clò a dhèanamh dhaibh sa phàtran a thogras iad fhèin, sna dathan a thogras iad fhèin, agus faodaidh iad taghadh bho Shetland wool, lambswool agus cashmere – mar sin faodaidh deise neo seacaid a bhith agad nach eil aig duin' eile.
"Ma tha cuideigin a' cosg mhìltean air deise ann an Savile Row, chan eil iad airson gu faic iad cuideigin eile a' coiseachd sìos an t-sràid leis an aon chlò oirre. Agus se rud cudromach a th' ann do dhaoine g'eil e Handwoven in the Outer Hebrides of Scotland."
Se sin an rud a tha sònraichte mu Chlò Bhreanais ma-thà. Gu h-eu-coltach ris a' mhòrchuid den chlò Hearach a-nis, a tha fo smachd Haggas, tha roghainn aig daoine dè seòrsa pàtrain a gheibh iad agus fiùs dè an seòrsa snàtha a gheibh iad. Oir chan e clò Hearach a th' ann an clò Bhrèanais, chan eil e air a dhèanamh á snàth Hearach ach á diofar sheòrsaichean snàtha.
Tha e cudromach do dh'Iain Fionnlagh 's do dh'Anna gu bheil an companaidh stèidhichte ann an àite mar Nis, far a bheil e a' toirt obraichean do dhaoine 's a' cur ri econamaidh cugallach. Na tha cudromach cuideachd do na daoine a tha a' ceannach an stutha aca is iad an t-àite sa bheilear a' dèanamh a' chlò agus an dòigh thradiseanta anns a bheilear ga dhèanamh.
Dè thug air Iain Fionnlagh 's Anna a dhol an sàs sa ghnìomhachas? "Bha fios againn sa bhad gur e companaidh sònraichte a bh' ann an Clò Bhrèanais: stèidhichte sna h-eileanan, ceangailte ris an àite 's ri tradisean an àite. Tha daoine air feadh an t-saoghail a' tighinn thugainn, bho Saudi Arabia gu Chile, an t-Suain gu Ameireagaidh, ag iarraidh rudeigin eadar-dhealaichte, rudeigin air a dhèanamh le sgil agus cùram. Sin a gheibh iad bho na daoine a tha ag obair againne."
The full article contains 772 words and appears in The Scotsman newspaper.