Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


'Lostbost' agus 'Là', crùn BBC Alba

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 25 October 2008
BHO thòisich BBC Alba air 15 Sultain tha cothrom air a bhith aig cuid, an fheadhainn aig a bheil an t-uidheam ceart air son signal fhaighinn, beachd a ghabhail air na prògraman. Eil iad a' frithealadh feumalachdan an luchd coimhead? Eil iad tarraingeach do daoine aig a bheil Gàidhlig cho math ris a' mhòr-shluagh aig nach eil? Gu seachd àraid, eil iad a' sàsachadh bodach reamhar air choreigin ann an Lunnainn a chuireas bacadh air a h-uile nì mur faic e "luach poblach" ann?
Tha cathraiche MG Alba, Alasdair Moireasdan, gu math fosgailte mun ghnothach. Dh'aidich e nach eil gu leòr comasach na prògraman ùra fhaicinn, gum bu chòir BBC Alba a bhith ri fhaighinn air Freeview, 's gum bruidhinn e ris a' bhodach.

Chaidh athch
uinge a chur air dòigh gus an d'thuirt Sràid Downing nach robh gnothach acasan ri telebhisean, gu bheil iad ga fhàgail aig Riaghaltas na h-Alba, fios a bhiodh 'na dheagh naidheachd do Mhinistear a' Chultair, Linda Fabiani, mura robh e ceàrr.

Se an fhìrinn gu bheil srian leasachaidh na Gàidhlig ann an làmhan corra dhuine neònach ann an dùthaich eile nach eil a' tuigsinn dè tha aca no dè nì iad leis. Bhiodh e a-cheart cho math a h-uile nì fhàgail ann an làmhan cinnteach Gaidhealach oir a rèir na tha ri fhaicinn den stuth ùr gu ruige seo sann acasan a tha na sgilean 's an neart gus na prògraman den t-seòrsa as fheàrr a chruthachadh.

Seall muinntir Lostbost mar eisimpleir. Tha sgeulachd da-rìribh èibhinn aca, làn lùban neònach, làn spòrs agus sàr amaideis a tha tòiseachadh le Antaidh aig an taigh a' faighinn bàs tràth nuair thuiteas saideal MG Alba air a ceann. Tha i fàgail na croit aig nighean a peathrach 's aig a teaghlach a tha searbh sgìth de Ghlaschu 's a tha a' leum ris a' chothrom ged a tha aca ri àite a thoirt do fhear-dàimh a tha dìreach an dèidh faighinn a-mach á institiusean 's e cho craicte ri cù.

Saoil an tuig am bodach reamhar dad dheth? Chan e ceist cànain ach cultair. Tha e coltach gu bheil muinntir Lostbost nas cleachdte ris an àrd-ùrlar na ri TBh ach se rud math tha sin mu dheidhinn.

Deagh chleasachd agus deagh sgrìobhadh – ach tha Lostbost eisimeil air luchd coimhead a tha tuigseach orra sin.

B' fhiach uidheam ùr fhaighinn gu sònraichte air son Màiri Mhoireasdan fhaicinn. 'S i màthair an teaghlaich agus fiùs nuair a tha i dèanamh an iarnaigidh no a' cumail an duine aice 's an clann fo smachd 's a' feuchainn a bhith serious, tha i èibhinn, tha i seacsaidh 's tha rud aice nach eil aig mòran air teilidh – fìor thàlant.

Thèid deagh thàlant a mhilleadh le droch thelebhisean ge-tà. Seall Ceòl Country 's an còmhlan ciùil taighe aca. Se aon rud taic ri seann òran spioradail, leithid An Coigreach Siubhalach a ghabh Raonaid Walker 's i a' dèanamh deoba nas fheàrr dheth na fiùs Dusty Springfield, a guth binn soilleir a' tarraing nam pong as àirde gun strì sam bith. Ach se rud eile taic a chur ri fìor dheagh òrain Ghàidhlig, agus chan ann tric a tha Goill comasach air sin a dhèanamh. Mhill iad na h-òrain eile aig Raonaid agus mhill iad na rinn Kirsteen NicDhòmhnaill dhaibh mar nach robh iad a' tuigsinn dè bha aca, guth a tha tighinn thairis air na linntean, guth bòidheach a tha bruidhinn ri eachdraidh 's ag innse sgeulachd a tha brònach ach dòchasach. Tha sinn ann, a dh'aindeoin gach nì. Guth nach tuig gloicean gòrach le'n cuid guitars gu brath.

Tha cuid ag ràdh gun deach an t-sianal ùr a chur air bhonn gus an tuiteadh e. A' coimhead Ceòl Country tha sin a' coimhead fìor. Ach tha Dòmhnall Caimbeul, àrd-oifigear MG Alba, deimhinne nach tachair e. Thuirt e: "Se a' chiad dhùbhlan an t-sianal a chur air an èidhear, 's ged nach robh sin furasta tha e a-nis ann 's a' coimhead glè mhath. Tha ar cas a-staigh air an doras agus ma bha duine sam bith a' sùileachadh gum fàilligeamaid bha iad ceàrr. Se leum gu math beag a tha ann gu teicnigeach an t-sianal a chur air Freeview agus air càball, agus tha na sùilean a-nis air na daoine aig a bheil an comas sin a cheadachadh."

Chan urrainn dhuinn ach a bhith an dòchas gun obraich sin dhan a h-uile duine a-nis agus mòran an dùil gum biodh BBC Alba ioma-mheadhanach. Tha barrachd phrògraman ri fhaicinn air loidhne a-nis, a' gabhail a-staigh prògram math chàraichean, Air an Rathad, prògram bidhe a tha gu dearbh eadar-dhealaichte bhon chòrr, Slighe gu Biadh, agus sàr phrògram naidheachd, An Là.

Tha gleans agus stoidhle sònraichte math air Là a tha a' leigeil fhaicinn gur urrainn do thelebhisean Albannach a bhith Albannach agus eadar-nàiseanta, agus gu dearbh Gaidhealach, aig a' cheart àm. Tha an dòigh giùlain aig an luchd lìbhrigidh dìreach glan. Tha iad comhartail spòrsail nuair a tha sin iomchaidh agus chan eil an aon dol a-mach aca 's a tha aig luchd lìbhrigidh Beurla. Tha fiùs an cuid aodaich agus an gruag freagarrach, rud a tha cudromach do chuid ach doirbh a dhèanamh.

Chan eil gnothaichean uile foirfe ann an saoghal nan deugairean ge-tà. Tha Aifric 'na phrògram Èireannach le formula do dheugairean a tha coimhead seann fhasanta a-nis. Bha cho math dhaibh na guthan Èireannach a chumail agus fo-thiotalan Gàidhlig a chur ann. Bhiodh sin da-rìribh inntinneach 's bhiodh e 'na chothrom eòlas a chur air na h-Èireannaich. Ach chruthaicheadh e prògram anns nach robh rum don Bheurla ghrànda 's cha chòrdadh sin ris na timean seo, is dòcha …





The full article contains 1079 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 12 November 2008 11:24 AM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language , BBC Alba
 
1

Steven M.,

Salmondland 25/10/2008 00:42:25
Typical labour lies. If Scotland was independent everything would be great.
2

Steven M.,

Salmondland 25/10/2008 00:50:57
Typical labour lies. If Scotland was independent everything would be great.
3

UIlebheast,

Loch Nis 25/10/2008 13:07:17
#1/2
se direach amadan a th'annad.

Deagh artigail co-dhui, Tha mi a dol leis an cuid nas motha dha ach feumaidh mi radh gu bheil Afric an clar as fhearr leis mo mhac agus nighean.

S docha nach eil clann aig an sgriobhadair !

Se mo beachdsa gu bheil an sianal ur sgionneil fhein, gu h araid airson a chlann.

Tha e direach duilich nach eil cothrom againn a cur an fo tiotalan air dheth !
4

radge dug,

25/10/2008 13:37:45
Tha mi cinnteach gu bheil iadsan seo math ach chan fhaic mi iad. Cuir BBC Alba air Freeview sa bhad.

Put BBC Alba on Freeview now - otherwise it's a huge waste of money.
5

Steafan,

25/10/2008 13:55:02
Agus leig leinn fhaicinn ann an duthchannan eile air an lion cuideachd! Carson a tha e comasach TG4 na Gaidhlig na h-Eireann fhaicinn air an lion ann an duthaich sam bith, seach BBC Alba....? Spiocach gu dearbha!
6

Gràisg,

Inbhir Narann 25/10/2008 16:38:49
Tha thusa ceart Steafan - tha coimhearsnachd eadar-naiseanta luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann agus tha iad àiridh air a leithid fhaicinn.
Nach eil dleastanas aig BBC ALBA don luchd-ionnsachaidh?
7

Calum Crubag,

25/10/2008 16:55:29
BBC Alba air Freeview agus air loidhne gun dail!

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 

Featured Advertising



Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.