Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Tuesday, 13th May 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Tormod MacGillìosa a' fàgail Sabhal Mòr Ostaig as dèidh 25 bliadhna



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 19 April 2008
RÀINIG Sabhal Mòr Ostaig clach-mhìle mhòr an t-seachdain seo chaidh nuair dh'fhosgail an togalach ùr aca, Fàs. Tha Stiùiriche na Colaiste, am Profeasair Tormod MacGillìosa, e fhèin a' dlùthachadh ri clachan-mìle mòra – san Dàmhair bidh e 25 bliadhna san dreuchd agus san t-Samhain tha e ga leigeil dheth, agus e an dùil aghaidh a chur ri dùbhlan eile.
Nuair chaidh mi a choimhead air bha e an teis-meadhan imrich a dhèanamh gu oifis eile airson greis fhads a thathar a' leasachadh na h-oifis aige fhèin. Dè bha roimhe nuair a dh'fhàg e obair manaidsear, stèidhichte ann an Wishaw, ann an companaidh a b
ha a' togail thoglaichean agus rathaidean ann an 1983, a thighinn gu colaiste Ghàidhlig ann an Slèite far nach robh ach ochdnar oileanach? "B'e rud gu tur ùr a bh' ann, bha tòrr obair aig daoine ri dhèanamh, bha aca ri curriculum ùr a chur an cèill, rud nach robh air tachairt chun na h-ìre sin.

"Cuideachd an dòigh smaoineachaidh a bh' aca, a bha gu tur ùr 's gu math iomchaidh a thaobh na Gaidhealtachd. Oir bha iad a' coimhead air Gàidhlig agus air coimhearsnachd na Gàidhlig, cha robh iad, mar a bhiodh iad ann am foghlam gnìomhachais aig an àm, a' coimhead air multi-nationals, bha iad a' coimhead air buidhnean beaga agus sgiobaidhean beaga, ciamar a bha bun-structair leasachaidh ag obair air a' Ghaidhealtachd. Rud a bha gu math adhartach aig an àm sin."

Ach ged a thòisich iad a' cholaiste air bun-stèidh car cugallach aig àm nuair a bha daoine a' sùileachadh nach maireadh a' mhòrchuid de phròiseactan leasachaidh, dh'fhàs SMO agus leudaich e, agus ri ùine shoirbhich leis le bhith a' toirt beachdan agus lèirsinn gu bith. Mhìnich Tormod: "Tha mi a' smaoineachadh gur e am pòsadh eadar feallsanachd agus gluasadan pragtaigeach an rud a tha air a bhith 'na neart mhòr a thaobh an t-Sabhail.

"Agus faodaidh tu an sgeulachd sin a leantainn, nuair nach robh ach an togalach seo againn ann an 1983, bha sinn a' smaoineachadh air an ath cheum, agus nuair a thòisich airgead na Mìle Bliadhna bha sinn a' smaoineachadh air 'Baile Ùr Ostaig'. Cha do thachair sin, ach tha e air tachairt a-nise, oir tha na pìosan eadar-dhealaichte againn. Tha Àrainn Chaluim Chille againn, tha Fàs againn, agus bha Fàs mar an fheallsanachd a bha air cùl Baile Ùr Ostaig cuideachd."

A rèir Thormoid tha a' cholaiste air taic mhòr fhaighinn bho chaochladh dhaoine thar nam bliadhnaichean, ach an toiseach bha aca ri dearbhadh do dhaoine gun obraicheadh rud a bha gu tur ùr, foghlam aig an treas ìre tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àite iomallach mar Shlèite: "Bha dùbhlan romhainn an toiseach: a' toirt air daoine creidsinn anns an rud a bha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, agus chan e a-mhàin an luchd-poilitigs, bha thu bruidhinn mu dhaoine aig ìre ùghdarrais ionadail, a' choimhearsnachd fhèin fiùs, nach robh a' creidsinn gun obraicheadh an rud seo, no gu dearbh gum bu chòir an rud seo a bhith a' tachairt. Agus tha cùisean bhon taobh sin air atharrachadh, tha mi smaoineachadh, gu tur sna 25 bliadhna a dh'fhalbh."

Tha a' cholaiste aig an ìre a-nis far a bheil i tabhann foghlam ann an Gàidhlig aig ìre ceum agus for-cheum agus foghlam thidsearan bunsgoile. "Tha sinn a' tòiseachadh le teisteanas bunsgoile ach cha bhi e duilich gluasad gu àrdsgoiltean. Sna bliadhnaichean tha romhainn tha mi a' smaoineachadh gum biodh tu 'g iarraidh tòiseachadh air cuspairean, chitheadh tu gum biodh e furasta dhol gu eachdraidh, ceòl, na rudan a tha sinn an sàs ann co-dhiù. 'S an uair sin a' feuchainn ri bhith còmhdach curriculum na h-àrdsgoile chun na h-ìre as urrainn dhuinn. Agus feumaidh barrachd ghoireasan agus barrachd dhaoine a bhith aig an àite airson sin a thoirt air adhart."

Agus se sin an rud a tha Tormod an dùil a thachras aig SMO – tuilleadh adhartais. "Chan e seo ach a' chiad 25 bliadhna, ma smaoinicheas tu air 25 bliadhna eile, se àite gu math eadar-dhealaichte a bhios ann. Bidh Sabhal Mòr a' fàs, agus a' leudachadh, agus bidh na h-àrainnean air an ceangal ri chèile. Bidh tòrr leasachaidhean eile ann an Slèite, 's bidh tòrr daoine òga le Gàidhlig."

'S dè tha Tormod a' cur roimhe a dhèanamh a-nis? "Bhithinn ag iarraidh ma gheibh mi an cothrom a bhith an sàs ann an obair leasachaidh, thoradh se sin an rud a tha mi air a bhith dèanamh fad mo bheatha, ag obair ann an leasachadh ann an diofar shuidheachaidhean."





The full article contains 863 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 18 April 2008 11:05 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

Calum Crubag,

19/04/2008 09:32:34
Leisgear a th'ann. Chan eil ceartas san t-saoghal.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.