Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Friday, 5th September 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Sgeama Gàidhlig sa bhun-sgoil: 'anabarrach cudromach'



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 28 June 2008
THA 's dòcha 6,000 sgoilear an sàs ann, agus tha 100 tidsear ga theagasg ann an còrr is deich roinnean comhairle air feadh na h-Alba, ach dè th' anns an sgeama seo nach eil a' nochdadh sna figearan foillsichte mu fhoghlam Gàidhlig?
Se Gàidhlig airson Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil, no GLPS mar as fheàrr a dh'aithnichear e, an t-ainm air an iomairt seo a thòisich mar sgeama dearbhaidh ann an 1999 ann an Earra-Ghàidheal is Bòid agus Roinn na Gàidhealtachd. Tha e air fàs gu mòr
bhon uair sin agus tha còrr is 800 sgoilear a-nis a' dèanamh GLPS ann an Earra-Ghàidheal a-mhàin, agus feadhainn dhiubh an uair sin a' leantainn orra gu Gàidhlig do luchd ionnsachaidh san àrd-sgoil.

Le àireamhan agus fàs mar seo, tha e gu math furasta a thuigsinn carson ma-tà, a tha cuid a dhaoine a' coimhead air an sgeama seo mar iomairt a dh'fhaodadh cur gu mòr ri gleidheadh na Gàidhlig. Agus se rud eile a tha gu math tarraingeach mu dheidhinn gur e luchd ionnsachaidh a th' anns na tidsearan fhèin a tha air cùrsa bogaidh is trèanaidh a dhèanamh gus beagan Gàidhlig a theagasg do na sgoilearan aca taobh a-staigh clàr-oideachais nam bun-sgoiltean Beurla. Mar sin chan eil e a' toirt thidsearan Gàidhlig air falbh bho na h-aonadan, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean Gàidhlig aca fhèin. Se an caochladh a tha fìor: tha e a' cur ris an àireamh thidsearan a tha comasach gu ìre air choireigin ann an Gàidhlig. Agus mar thoradh air an sgeama, tha sibh a' faighinn barrachd inbhich agus clann le comasan sa Ghàidhlig agus a tha bàigheil don chànan.

Tha a-nis coltas ann gu bheil Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh gum faigh na tidsearan seo aithne, no fiù 's teisteanas, proifeiseanta a leigeadh leotha Gàidhlig a theagasg do luchd-ionnsachaidh chan ann a-mhàin sa bhun-sgoil ach do luchd-ionnsachaidh air a' chiad dà bhliadhna san àrd-sgoil.

Thuirt Mata M. MacÌomhair, cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, aig co-labhairt air GLPS ann an Sruighlea o chionn ghoirid: "Chan eil maireannachd na Gàidhlig an urra ris an fhileantach tuilleadh, tha e cuideachd an urra ris an neach-ionnsachaidh. Tha e mar uallach air Bòrd na Gàidhlig àireamh luchd-labhairt a' chànain a mheudachadh agus bidh mòran den mheudachadh sin an crochadh air mar a bhrosnaicheas agus mar a bheir sinn taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus a' leantainn air a' bheachd sin, tha mise a' faicinn GLPS anabarrach cudromach ann an ath-bheòthachadh a' chànain.

Bu mhath leam Aithne Phroifeiseanta ùr fhaicinn dha luchd-teagaisg a tha ag ionnsachadh Gàidhlig a theagasg - feart a bheir cead dhaibh an cànan a theagasg dha luchd-ionnsachadh ann am Bun-sgoiltean agus ann an Àrd-sgoiltean."

A rèir Mhgr MhicÌomhair, dh'fhaodadh fada a bharrachd chothroman a bhith aig luchd-teagaisg agus sgoilearan a dhol an sàs ann an Gàidhlig tron sgeama seo, agus tha e na amas san Ro-innleachd Nàiseanta air son Foghlam Gàidhlig gun tèid GLPS a sgaoileadh gu sgoiltean eile san dùthaich gus am bi e na sgeama nàiseanta.

Thuirt Rosemary Nic a' Bhàird, Manaidsear Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig: "Feumaidh sinn a-nis obrachadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus an t-iarrtas a thaobh solar GLPS ann an sgoiltean na h-Alba a choileanadh agus cur ris an àireamh luchd-teagaisg le trèanadh agus teisteanas freagarrach a bhiodh comasach air GLPS a liubhairt ."

Tha faclan dòchasach tighinn bhon Riaghaltas mun chuspair cuideachd. Tha Maureen Watt BPA, Ministear airson Sgoiltean agus Sgilean ag ràdh: "Tha GLPS na thaic luachmhor dha na h-oidhirpean againn a' Ghàidhlig a dhìon agus tha mi an dòchas gun smaoinich barrachd luchd-teagaisg mu bhith dol an sàs ann an solarachadh GLPS, agus mar thoradh air sin, gum bi barrachd chothroman aig an òigridh na buannachdan fhaighinn bho bhith ag ionnsachadh a' chànain aig ìre thràth san fhoghlam aca."

Ma tha GLPS a' dol a dh'fhàs aig ìre nàiseanta feumaidh maoineachadh ceart a bhith ann. Agus feumaidh tidsearan gu leòr a bhith dèonach a dhol an sàs ann. Ma chumas e air a' fàs mar a dh'fhàs e bhon a thòisich e, tha teans ann gun toir e buaidh nach beag air na h-oidhirpean gus Gàidhlig a ghlèideadh.

Ach se rud a tha doirbh a thuigsinn an-dràsta, dè a' bhuaidh a th' aig an sgeama air cor na Gàidhlig? A chionn 's nach eil na sgoiltean uile a' clàradh gu bheil iad a' dèanamh GLPS, chan eil àireamhan oifigeil againn fhathast airson cò mheud sgoilear a tha ga dhèanamh.

Chan eil àireamhan dearbhte againn a dh'innseas dhuinn cò mheud duine a tha a' dol cho fada ri fileantas (the an sgeama ro ùr airson sin a dhearbhadh), no cò mheud a tha leantainn orra gus Gàidhlig a dhèanamh san àrd-sgoil (a-rithist dh'fhaodadh gu bheil e ro thràth sin a thomhas). Ma tha GLPS ag obrachadh cho math sa tha daoine a' cumail a-mach, bu chòir dhuinn naidheachd mhòr a dhèanamh dheth agus fianais cheart a shealltainn do dhaoine, a' gabhail a-staigh an Riaghaltais. Agus se sin a rèir coltais na tha Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile ag iomairt air a shon an-dràsta.

BÒRD NA GÀIDHLIG's Chairman, Matthew MacIver, has called for professional recognition to be given to teachers delivering Gaelic Learners in the Primary School (GLPS), a scheme which has enjoyed great success since it began in 1999. There are now thought to be 6000 pupils involved in GLPS and some 100 teachers across more than 10 local authority areas. The scheme is now seen as a vital part of efforts to save Gaelic.




The full article contains 1062 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 27 June 2008 11:50 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.