Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Tuesday, 13th May 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Mèarrs connspaideach a' dol air adhart an-diugh an Inbhir Nis



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 05 April 2008
BIDH mèarrs air a chumail ann an Inbhir Nis an-diugh le buidheann aig a bheil freumhan sa choimhearsnachd Phròstanaich an ceann a tuath na h-Èireann.
Nuair thuirt Poileas a' Chinn a-Tuath nach robh adhbharan sàbhailteachd ann gus casg a chur air, tha e coltach nach robh roghainn aig Comhairle na Gaidhealtachd ach cead a thoirt do na h-Apprentice Boys of Derry mèarrsadh sìos Rathad Chùil Daothail g
u meadhan a' bhaile. Ghabh a' Chomhairle ri beachd an luchd lagha aca gum biodh e an aghaidh còirichean cinne daonna cead a dhiùltadh.

Tha e coltach gu bheil na h-Apprentice Boys a' sìor fheuchainn ri meòirean fhosgladh air feadh an t-saoghail. Tha iad a' dèanamh a-mach gur e "club cultarach" a tha annta, nach eil ceangal aca ris an Orange Order, nach eil iad an aghaidh Caitligich idir, 's nach eil a dhìth orra ach "tachartas eachdraidheil a chomharrachadh 's a chuimhneachadh". Se an tachartas sin mar chaidh geataichean Doire Chaluim Chille a dhùnadh an aghaidh nan Seumasach ann an 1689.

Tha mòran an Inbhir Nis nach eil a' faicinn ceangal sam bith ris an eachdraidh sin agus ri cultar ceanna-bhaile na Gaidhealtachd 's tha comhairlichean iomagaineach gun dèan a leithid a mhèarrsan sgaradh eadar daoine. A rèir John Holden, comhairliche ceann a-deas a' bhaile, a tha e fhèin á Cill Choinnich ann an Èirinn, chan eil dualchas gràin-chreidimh aig a' Ghaidhealtachd idir. "Anns na 47 bliadhna a tha mise a' fuireach an seo cha chuala mi aon fhacal an aghaidh Caitligich no Èireannaich no càil mar sin idir.

"Chan eil e ceart idir a bhith a' leigeil le daoine an aillse aca a sgaoileadh ann an àite a tha cho glan bho ghalar na gràine. Tha Inbhir Nis a' fàs nas luaithe na baile eile san Roinn Eòrpa. Bheir am mèarrs seo droch ìomhaigh dha. Tàlaidhidh e daoine craicte."

O bhruidhinn Holden a-mach an aghaidh a' mhèarrs, a bharrachd air iomadh teachdaireachd thaiceil fhuair e brath fòn bho fhear le blas làidir cheann a-tuath Èirinn 's e a' bagairt gu dubh air gu pearsanta. "Sin an dearbh sheòrsa duine nach eil sinn ag iarraidh a thighinn an seo idir."

Thathar an dùil gum bi feachd làidir poilis an làthair, air cosgais sporan a' phobaill, rud a tha an comhairliche Holden a' faicinn mì-chothromach. "Ma tha aig leithid club ball-coise Caley Thistle ri cosgaisean poilis a phàigheadh, car son nach bu chòir dhan 'chlub eachdraidheil' seo cosgaisean a' mhèarrs aca a phàigheadh?"

A rèir neach labhairt na Comhairle cha bhiodh e ceadaichte stad a chur air a' mhèarrs ach nan robh e a' gabhail àite air talamh no ann an togalach a bha leis a' Chomhairle fhèin, seach air an rathad.





The full article contains 512 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 04 April 2008 10:45 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

Calum Crubag,

05/04/2008 16:58:19
"Mearrs"?? De seorsa Gaidhlig a tha sin? Nach e 'caismeachd' a bu choir bhith ann?

A thaobh nan amadan seo, carson a tha cead aca caismeachd an Alba idir?
2

Steafan,

05/04/2008 17:12:26
Tha "mèarrs" ceart gu leor. Tha e ann an Dwellys le aon "r". Chan e "caismeachd" a tha iad a' deanamh, tha sin ceangailte ri "iomairt", ach chan e ach "mèarrs" a tha seo.

Tha an t-ughdar ceart co-dhiu,chan eil feum air an seorsa "mèarrs" tha seo.
3

Calum Crubag,

06/04/2008 12:31:30
Tha 'caismeachd' fad nas fhearr. Gu h-araid nuair a tha ceol na chois, mar a th'aig 'an Luchd Buidhe'. Coltas car fuadain air 'mearrs', a dh'aindeoin na th'aig Dwelly choir.

Ceart, ge-ta, ca'il am feum airson na caismeachd seo? No air creidseamh idir?

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.