THA taisbeanadh a' fosgladh DiCiadain sa tighinn, 9 Giblean, ann am Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh a bhios a' sealltainn dìleab phrìseil a tha gu math follaiseach anns a' bhaile.
Is dòcha nach eil cus de mhuinntir Steòrnabhaigh mothachail dha cho cudromach 's cho neo-chumanta 's a tha an dìleab seo, neo fiùs gu bheil i aca.
Se obair iarainn a' bhaile a tha gu bhith air a taisbeanadh ann: rèilichean, pìoban, guitearan 's io
madach eisimpleir eile den t-seòrs' obrach seo a tha sgeadachadh prìomh bhaile Leòdhais.
Tha an taisbeanadh stèidhichte air sgrùdadh a rinn Ali Davey bho Alba Eachdraidheil ann an 2006. Mhìnich i: "Tha obair iarainn Steòrnabhaigh air aon de na cruinneachaidhean as fheàrr 's as motha a tha fhathast againn ann an Alba. Chaidh na rèilichean a thoirt air falbh on chuid as motha de bhailtean ann an Alba san Dàrna Cogadh gus an cleachdadh ann an iomairt a' Chogaidh. Mar a thachair, cha robh mòran feum anns a' mhòrchuid dheth – ach bhathar dhen a' bheachd fhathast gun robh e cudromach daoine a bhith a' faireachdainn gun robh iad a' dèanamh diofar. Ach sna h-eileanan cha b' fhiach a' chosgais a thoirt gu tir-mòr, 's mar sin bha an obair iarainn air a glèidheadh ann an àiteachan mar Steòrnabhagh.
"Ma thadhlas sibh air a' mhòrchuid de bhailtean na h-Alba an-diugh se glè bheag de dh'obair iarainn a chì sibh a tha fhathast gun mhilleadh no nach eil air a toirt air falbh. Gu math tric chì sibh bailtean ás aonais nan rèilichean aca.
"A bharrachd air na rèilichean ann an Steòrnabhagh, tha taghadh math de dh'obair iarainn eile mar rònaichean, guitearan agus structaran eile. Bha Alba air aon de na prìomh àiteachan a bha dèanamh obair iarainn san 19mh linn, 's bha iad ga cur a-null thairis gu dùthchannan air feadh an t-saoghail. Aig an aon àm, ann an Steòrnabhagh bha cuid a mhuinntir a' bhaile a' fàs beartach ri linn gnìomhachas an sgadain a bha a' dol am meud, agus b'e dòigh fhasanta a bh' ann an obair iarainn air do chuid bheartais a nochdadh!"
Rinn Ali sgrùdadh air Rathad Cnoc nan Gobhar, Corran Cnoc nan Gobhar 's an t-Ionad Glèidhteachais (a tha a' gabhail a-steach a' mhòrchuid de mheadhan a' bhaile), agus fhuair i a-mach gu bheil am baile air leth beartach le obair iarainn Alba. "Tha sràidean baile Steòrnabhaigh mìorbhaileach. Tha iad a' sealltainn cò ris a bhiodh a' mhòrchuid de shràidean na h-Alba coltach san àm a dh'fhalbh mus tugadh an obair iarainn air falbh, 's mus do chuir iad 'na h-àite ballachan cloiche, callaidean agus rèilichean stàilinn nach robh idir cho math. Gu ìre mhòr tha muinntir Steòrnabhaigh air an obair iarainn aca a ghlèidheadh. Tha cuid dhith a tha gu math sean ach fhathast ann an staid uabhasach math.
"Tha an obair iarainn a' cur gu mòr ris an àrainneachd thogte."
Tha an taisbeanadh a' cur "mìorbhailtean" Steòrnabhaigh 'nan làn choitheacsa eachdraidheil, a' mìneachadh cò na companaidhean (leithid Carron agus MacPhàrlain) a bha a' dèanamh na h-obrach, agus a' sealltainn cuid de na structuran mòra iongantach a bha iad a' cruthachadh 's a' sgaoileadh air feadh an t-saoghail, leithid "fuarain sgeadachail" agus eile.
Thèid leabhar fhoillseachadh sa Chèitean agus mapa treòrachaidh a dh'innseas tuilleadh mu obair iarainn Steòrnabhaigh 's a chuidicheas daoine le bhith a' coimhead far a bheil i suidhichte air na sràidean fhèin. Thuirt Ali: "Chan eil a' mhòrchuid de mhuinntir Steòrnabhaigh, is dòcha, mothachail dhan obair iarainn, cho cudromach 's a tha i, no cho cudromach 's a tha am baile mar aon de na beagan àiteachan a tha air fhàgail far a bheil an uiread dhith air fhàgail. Tha mi an dòchas gum bi barrachd dhaoine mothachail dha sin as dèidh an taisbeanaidh seo."
The full article contains 727 words and appears in The Scotsman newspaper.