Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Gaidheil is eile: "shuas an sin am bad-eigin"

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 28 August 2005
CHAN eil an suidheachadh a' còrdadh fiùs ri muinntir a' mhinisteir fhèin anns an sgìre aige fhèin ann an Sealltainn.
Tha fiùs muinntir Shealltainn ag ràdh gu bheil am plana as ùire aig am minister Tavish Scott - ball Shealltainn ann an Taigh an Ròid - dha na h-ùghdarrasan còmhdhail glan às an rian. Chan eil iad den bheachd gun oibricheadh ùghdarras far am biodh iad
san còmhla ri muinntirr nan Innse Gall dìreach mar nach eil sinne a' smaoineachadh gun oibricheadh e nam biodh sinne còmhla riu-san.

Chan e gu bheil càil aig muinntir nan Eilean Siar an aghaidh muinntir Shealltainn. Tha dualchas Lochlannach againn cuideachd, 'se dìreach gu bheil sinne air tighinn beò leis. Chan eileas fiadhaich fhathast mu dheidhinn an dol-a-mach leanabail suarach a bh'aca a thaobh bile na Gàidhlig. (A bheil iad dhà-rìreabh a' cosg nam mìltean thar mhìltean air poileasaidhean Gàidhlig mar a bhathas ag ràdh? Agus an do rinn Bòrd na Gàidhlig air na cladaichean aca ann am bàtaichean agus claidheamhan nan làmhan gus toirt orra sanasan Gàidhlig a chuir suas mar a bha cuid a' rabhadh? Chan fhaca mise a bharrachd iad.)

Chan e gu bheil gràin aig duine air an sgìre. 'Se a th'ann gu bheil na h-Eileanan an Iar is Sealltainn le chèile den bheachd nach oibricheadh aon bhòrd còmhdhail air sgàth is cho beag siiubhal agus a tha a' dol eadar an dà àite.

Tha crìochan nam bòrd còmhdhail air eiseamplair eile a thoirt seachad mar nach eil muinntir Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn muinntir na Gaidhealtachd is nan Eilean ann. Chunnaic iad Eileanan is Gaidhealtachd is rinn iad dà bhòrd - fear dha tìr-mòr na Gaidhealtachd is fear eile dha na h-Eilean a' gabhail a-steach Arcaibh, Sealltainn is na h-Eileanan an Iar. Ma tha comhfhurtachd sam bith anns an t-suidheachadh 'se gu bheil na Sir Humphreys shìos ann an Dun-Èideann a cheart cho aineolach mu deidhinn Sealltainn is a tha iad mu dheidhinn nan Gaidheal fiadhaich borb len cànan is creideamh coimheach.

Coma leibh na SSSIs, ann an cànan nan deisichean, 'se th'ann am muinntirr , Arcaibh, Sealltainn is nan Innse Gall ach TEFJ - Truaghan de dh'Eileanaich Fad bho Jenners - cuirear còmhla co-dhiù iad "Tha iad dìreach shuas an sin ann am bad-eigin."

'Son a h-uile neach às na h-Eileanan Siar a bhios a' deanamh air Sealltainn bidh mìle a' deanamh a' deanamh air Inbhir-Nis. Bidh na ceudan a' deanamh air Glaschu is Dun-Èideann neo Obaireadhainn son gach neach a bhiodh a' deanamh air Sealltainn neo Arcaibh. Chan eil càil a dh'fheum ann còmhdhail nan Eilean Siar fhilleadh a-steach le Sealltainn neo Arcaibh. Ma tha na h-Innse Gall gu bhi a' dol a-steach còmhla ri sgìre sam bith, bu chòir a dhol a-steach còmhla ri sgìre na Gaidhealtachd, as bith dè cho mì-thlachdmhor is a bhiodh sin dha gu leòr anns na h-Eileanan a tha a-muigh. Tha air sgàth agus gu bheil cruaidh fheum aig muinntir nan Eilean an Iar air ceanglaichean a tha ag obair le chèile air tìr-mòr na Gaidhealtachd. 'Se cùis-nàire a th'ann cho beag co-oibreachadh is tha eadar clàran-ama bàta, bus is treana a leigeadh le muinntir Leòdhais is na Hearadh Steòrnabhagh fhàgail air a' bhàta feasgair agus a bhi cinnteach gun ruigeadh iad air trèinichean a dhèidheadh gu deas agus a bhiodh a' fàgail Inbhirnis aig beul na h-oidhche.

Bu chòir do mhuinntir nan Eilean Siar a bhi gu math faiceallach mu dheidhinn a bhi ag iarraidh air an ceann fhèin a thaobh seo. Ged a bhiodh iad anns a' bheag-chuid ann an ùghdarras dhan Ghaidhealtachd is dha na h-Eileanan an Iar, tha an dà thaobh den Chuain Sgìth gu mòr air am fidhe ri chèile a thaobh còmhdhail. Ged a bhiodh na h-Eileanan "neo-eiseamaileach" a thaobh seo, is gun chàil a chinnt ann am bi an cothrom aca sin a dheanamh, cha mhòr nach fheumadh iad bruidhinn ri Ùghdarras na Gaidhealtachd as pot.

Ann an Leabhair ùr Roger Hutchinson, A Waxing Moon, mu dheidhinn Sabhbal Mòr Ostaig is suidheachadh na Gàidhlig. Thathas a' toirt iomradh air na daoine ann an deisichean a thàinig à Oifis na h-Alba gus innse dha muinntir nan Eilean an Iar nach oibricheadh aon chomhairle dhaibh le na bh'ann de dhiofaran mu dheidhinn samhail na Sàbaid. Sàbaid ann neo as, cha do spìon na h-Eileanan mar a sgàin Bosnia, a dh'aindeoin rabhaidhean daoine glice Dhun-Èideann.

Co-dhiù, cha sinne na h-aon daoine nach eil iad a' tuigsinn. Abair comhfhurtachd.

In translation

For once Gaels in the islands can take comfort that they are not the only ones on the receiving end of official cluelessness. Scottish Executive civil servants have decided to lump Orkney, Shetland, and the Western Isles together in one transport authority, despite travel between the two areas being minimal. The move has led to a mounting tide of anger across the three islands groups.



Page 1 of 1

  • Last Updated: 29 August 2005 10:21 AM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
  • Related Topics: Gaelic language
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.