Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Saturday, 19th July 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Dòchas do luchd togail nan luideag



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 15 March 2008
"THA mi fo iomagain a thaobh airgead ach tha mi toilichte."
Seo na thuirt Shrinivas, fear òg a tha ag obair a' cruinneachadh sgudal air sràidean Bhangalore. Se ragpicker a th' ann, còmhla ris a' bhean aige, Lakshmi.

Tha luchd togail nan luideag aig bonn a' chomainn-shòisealta sna h-Innseachan. Tha iad a'
cruinneachadh sgudal 's ga reic ri daoine tha ga ath-chuartachadh.

Tha deich bliadhna bho thàinig gnìomhachas an teicneòlais gu Bangalore agus tha am baile a' fàs. Tha cuid a' dèanamh fìor mhath ach chan eil a h-uile duine a' faighinn an aon chothrom.

Tha an t-uabhas ann, coltach ri Shrinivas, a tha a' cruinneachadh sgudal no a' dèanamh obair eile nach eil cho "sgileil". Chì iad seo na dh'atharraich anns a' bhaile ach tha iad a-mach ás a' chùis. A dh'aindeoin seo tha iad làn dòchais gum faigh iad cothrom san àm ri teachd.

Chan eil a leithid a rud ann an India ri co-ionannachd chothroman. Tha bèarnan mòra sòisealta ann cho math ri bèarn mòr tuarastail. Gu mì-fhortanach chì mise neo-ionannachd ann am Bangalore a h-uile latha.

Ged a tha tòrr a' dèanamh tuilleadh 's tuilleadh airgid, tha nas lugha aig Shrinivas agus Lakshmi na bha aca roimhe. Tha seo a chionns gun d'fhuair companaidh prìobhaideach cùmhnant o chionn bliadhna bho Riaghaltas Bangalore gus sgudal a chruinneachadh. Chan eil uiread a sgudal air na sràidean 's a b' àbhaist a bhith.

Bha uair a bha Shrinivas a' cosnadh eadar 200 agus 300 rupee san latha – eadar £2 agus £3. An-diugh chan eil e a' faighinn ach eadar 50 agus 100 rupee – eadar 60 sgillinn agus £1.20. Se briseadh dùil mòr a th' ann dha.

Tha Shrinivas agus Lakshmi a' cur cuideam air na cothroman a bhios aig Mahadesh, am mac, a tha trì bliadhna dh'aois. "Tha fear ás an sgìre seo ag ionnsachadh na h-aibidil 's nan àireamhan do Mhahadesh. Tha sinn an dòchas gun tèid e dhan sgoil nuair bhios e còig."

Bidh an dithis a' sàbhaladh airgead ach an toir iad an cothrom as fhèarr as urrainn dhaibh do Mhahadesh. Tha creideamh aca 's tha iad làn dòchais. Leis an obair chruaidh a tha iad a' dèanamh 's an taic bhon fhear chòir, tha mi fhìn dòchasach gum faigh Mahadesh na cothroman nach d'fhuair a phàrantan.

WE highlight the poverty trap in those Indian cities to which high tech has brought new-found wealth. Lakshmi and her husband Shrinivas are ragpickers, but their income has gone down since the city government signed a street-cleaning contract with a private company.

Below we present the best recent CDs: Margaret Stewart's richly traditional I Will Raise my Sails, Mary Ann Kennedy singing with the seven Seòid (Heroes), Ian Hardie's Appalachian fiddle (Westringing), the Old Blind Dogs' Four on the Floor, Phamie Gow's highly creative Moments of Time.





The full article contains 529 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 14 March 2008 11:26 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.