Ciad bhoinneachan á tobar an dualchais
Published Date:
08 March 2008
By alasdair h caimbeul
CHUIREADH CD ùr Guthan an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse air bhog Diar-Daoin aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha e toirt blasad de na clàraidhean a tha Tobar an Dualchais a' dol a ghlèidheadh ann an cruth didseatach.
Tha am pròiseact, luach £2.9 millean, ag amas air còrr agus 12,000 uair a thìde de chlàraidhean ann an Gàidhlig 's ann an Albais a thasgadh air-loidhne, agus fhuair mu 80 duine a bha an làthair blasad air cuid dheth.
Tha sgeulachdan, òrain, beul-aithris agus bàrdachd ri chluinntinn air an CD. Thuirt Tormod MacGillìosa, stiùiriche an t- Sabhail Mhòir: "Se pròiseact air leth cudromach a tha seo airson na Gàidhlig agus airson Albais.
"Bidh e cudromach cuideachd do sgoiltean Gàidhlig agus do choimhearsnachdan, oir bidh cothrom aig bailtean is coimhearsnachdan sealbh a ghabhail air an dualchas seo a-rithist, na h-aon bailtean is coimhearsnachdan às an d'thàinig e sa chiad dol-a-mach."
A rèir Mairead Dhòmhnallach, stiùiriche Tobar an Dualchais, tha iad an dòchas gum bi a' chiad chuibhreann de na clàraidhean air an tasgadh air-loidhne as t-samhradh 2009.
Tha na clàraidhean seo a' tighinn bho thrì chruinneachaidhean mòra: Sgoil Eòlais na h-Alba an Dùn Èideann, Cruinneachadh Fear Chanaigh, agus feadhainn de na clàraidhean aig Roinn Ghàidhlig a' BhBC.
The full article contains 249 words and appears in The Scotsman newspaper.
-
Last Updated:
07 March 2008 10:47 PM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh
-
Related Topics:
Gaelic language