CHA bhi luchd-ciùil mar as trice ag iarraidh gur iadsan a nochdas an toiseach mu choinneamh nam breitheamhan ann am farpais, ach sin a b' eudar don fhìdhlear Jack Smedley á Bucaidh anns an fharpais "BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year". Se cluichdeadair air leth ceòlmhor a th' ann, agus chòrd an seat mu dheireadh aige, sreath de ruidhlidhean, gu mòr ris na bha an làthair.
Chualas Adam Holmes, seinneadair á Dùn Èideann, an uair sin. Bha beagan dragh aige an gitàr aige a chumail air ghleus anns an talla, agus bha seo follaiseach gu h-àraid san dara òran. Chrìochnaich e le Ae Fond Kiss, ach feumar a ràdh gun robh an t-se
inn caran gann de dh'fhaireachdainn.
Sann ás Inbhir Uaraidh a tha am fìdhlear Daniel Thorpe, agus rinn e cùrsa-ciùil anns a' Phloc mun do choisinn e ceum le urram anns an RSAMD. Chluichd Daniel measgachadh de cheòl sean agus ùr, agus bha an cluichd aige fìor thogarrach.
Bha na Gaidhil glè eòlach air an dara seinneadair sa chuairt chrìochnachaidh. B' esan Coinneach MacNeacail ás na Lochan, a choisinn Bonn Òir a' Chomainn agus Bonn Òir an t-Seann Nòis ann an 2005. Nochd beagan de mhì-chinnt aig fìor thoiseach a' chiad òrain, Òran do Iain Breac MacLeòid, agus bha Coinneach ri mholadh gu mòr air son cho math 's a fhuair e seachad air a-sin. Sheinn e gu cinnteach le guth làidir, blàth, le taic o Aaron Jones agus dithis de theaghlach ainmeil 'IcEanraig, Ewan agus Megan, ann an trì dhe na ceithir òrain a ghabh e.
Chrìochnaich e le Òran an t-Seasganaich, a sheinn e le spòrs agus spiorad, 's bha e follaiseach gun do chòrd e ris an luchd èisteachd, a' mhòrchuid dhiubh gun fhacal Gàidhlig.
Se sàr phìobaire agus cluichdeadair fìdeig a bh' anns an fhear a thàinig air an àrd-ùrlar an dèidh Choinnich, Lorne MacDhùghaill á Carradal. Bha a' phìob aige fìor bhinn agus a chluichd air a rèir. Dhearbh e cuideachd gun robh e a-cheart cho mòr aig an taigh le seann phuirt agus ceòl mòr 's a bha e leis na puirt anns an nòs ùr leis an do chrìochnaich e.
Se Ruairidh MacIlleMhaoil ás Inbhir Narann an cluichdeadair mu dheireadh, agus on mhionaid a thòisich e bha e follaiseach gun robh rudeigin a bharrachd anns a' chluichd aige, agus anns an dòigh san robh e ga ghiùlan fhèin air an àrd-làr. Bha buaidh mhòr aig a' chluichd aig Aonghas Grannd agus Liz Carroll air, ach bha e follaiseach gun robh an cluichd aige a' tarraing air iomadh gnè ciùil. Se Clann Ulaidh am port mall a thagh e agus bha e brèagha.
Chrìochnaich Ruairidh le sreath de ruidhlidhean a bha mìorbhaileach math, agus aig a' cheann thall cha robh cus teagamh ann cò gheibheadh an duais. Bha e sàr airidh air.
The full article contains 544 words and appears in The Scotsman newspaper.