Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Wednesday, 9th July 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

An nobhail as fheàrr aig Tormod?



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 22 March 2008
"'S DÒCHA gun aithnich esan mise," tha Murchadh, am prìomh charactar, ag ràdh ann an Slaightearan (Clàr, £8.99), an nobhail ùr aig Tormod MacGill-Eain. "Nach eil fhios agad gu bheil mi air a bhith air telebhisean?"
"Mhurchaidh, bha thusa air telebhisean Gàidhlig," tha a bancharaid bhrèagha, Raonaid, a' freagairt gu pianta. "Bha thu air Speaking Our Language. Aig leth-uair an dèidh ceithir sa mhadainn. Chan fhaca Sam thu. Chan fhaca duine beò thu."

Is toil le
am sin. Dhùraiginn gu robh tuilleadh ann an Slaightearan a bha buileach cho éibhinn ris. Tha deagh Wellerism ann, gun teagamh: "Mar a thuirt am bodach Barrach, tha mi ann an quadrangle." Gu mì-shealbhach tha Tormod ga mhilleadh rud beag le bhith ga chleachdadh a-rithist. An do dhìochuimhnich e gun robh e ann mar-thà?

Tha Slaightearan air a sheatadh ann an taigh-òsta san Eilean Sgitheanach, 's tha suaip làidir aige ri episod de Fawlty Towers, le caob no dhà san teis-meadhain coltach ri Morecambe agus Wise – eirmseachd cainnte a-null 's a-nall eadar am Badhlach Murchadh agus bana-ghlanadair bheag Leòdhasach, Mòrag.

Mar as àbhaist le nobhailean Thormoid, tha thu air t' fhàgail a' faireachdainn gur e sgriobt TBh as motha a tha thu leughadh. Ach an turas seo dh'fhairich mi barrachd diùmb ris na h-urracha móra a thionndaidh sìos e na ri Tormod air son a sgrìobhadh.

Oir tha 'n t-ùghdar glacte lethach-shlighe eadar an dà mheadhan. Le làthaireachd chorparra Thormoid, a ghloicearachd 's a ghuthan, dh'obraicheadh seo mar thelebhisean. 'S mar nobhailiche, tha e a' feuchainn ris na leasain ionnsachadh, mar gun do leugh e gach léirmheas uair bho uair. Chan eil na boireannaich ann an Slaightearan idir 'nam fodar dha na fir. Tha iad làidir ach boireann. Tha na caractaran uile air an deagh chumadh. Chan eil drabastachd ann. 'S tha tuairisgeul ann cho math ris a' chòmhradh.

Saoilidh mise gur e seo an nobhail as fheàrr a sgrìobh Tormod. Tha e cuideachd fìrinneach m'a bheatha fhéin (ann an riochd Mhurchaidh).

Mar sin tha trì neartan aige mar sgrìobhadair: tha Gàidhlig bhrèagha aige; tha e 'na bhàrd math; tha e fìrinneach mu a bheatha fhéin. Saoilidh mi nis gu bheil nobhail mhór dhubh anns an duine mu ghloicireachd, mu dhrongaireachd 's mu bhròn.

Chomhairlichinn dhasan The Entertainer aig John Osborne a leughadh, a dhol a dh'fhaicinn na rinn Laurence Olivier 's Jack Lemmon dheth, agus tionndadh gu Shrapnel (Clàr, £8.99) a dh'fhaicinn ciamar a nì e nobhail cheart Ghàidhlig dheth. 'S chomhairlichinn dhuibhse cothrom eile a thoirt dha agus Slaightearan a leughadh. Còrdaidh e ruibh. Cha mhór nach eil e iomchaidh do dh'òigridh cuideachd!

THA Scottish Gaelic Studies 23 a-mach. An toiseach, feumar fàilte air leth blàth a chur air an aon aiste ás na naoi a tha sa Ghàidhlig, "Mairearad Ghriogarach: sùil thòiseachail air bana-bhàrd air dìochuimhne", le Michel Byrne.

Bha Mairearad á Gleann Eireachdaidh ann an Siorramachd Pheairt, bha i beò timcheall air 1750-1800, agus rinn i 34 òrain a dh'fhoillsicheadh ann an 1831 – "an cruinneachadh as motha de bhàrdachd Ghàidhlig le boireannach mus nochd an obair aig Màiri Mhòr". Tha sna h-òrain seo "seallaidhean cruinn, brìoghmhor (ged nach ann làn) air sgìre ann an deis meadhan atharrachadh eaconomach, cultarail is spioradail," a réir Byrne, "tro shùilean bana-Ghàidheil – piuthar, màthair, bean phòsta, bean chinnidh, Crìostaidh".

Tha na h-aistidhean eile a' sìneadh o na meadhan aoisean gu na bliadhnachan ri teachd. Tha Sharon Arbuthnot a' cur a corraig air ceanglaichean a dh'fhaodadh a bhith eadar "sgian", baile Sgàin (Scone) agus na Skenes (muinntir na sgithinn?) á Siorramachd Obar Dheathain. Agus abracadabra, san ath aiste tha A D M Forte a' toirt sùil air beatha 's obair an sgoileir lagha Sir John Skene (c. 1540-1617) á Siorrachd Obar Dheathain 's a' faotainn gu leòr san obair aige a bheireadh a chreidsinn oirnn gu robh tuigse aige air Gàidhlig.

Tha Anndra Breeze a' cumail a-mach gun tàinig am facal Sgot-Bheurla fary on fhacal Ghàidhlig "faire". Tha mi cinnteach g'eil e ceart. Se facal saighdeireil tha seo 's bha saighdearan air aon de na buidhnean bu thràithe bhiodh a' siubhal o dhùthaich gu dùthaich. Dh'obraich e dà rathad: se faclan saighdeireil a tha sa mhórchuid den Bheurla ann am bàrdachd Iain Luim. Ach tha fary a' nochdadh mu 200 bliadhna roimhesan, an uair a bha Gàidhlig aig còrr agus leth de shluagh na h-Alba.

Tha Colm Ó Baoill a' sgrùdadh nas aithne dhuinn de bheatha 's obair triùir an eachdraidh litreachas na Gàidhlig air an robh Raibeart Caimbeul (agus aonan air an robh Rob an Roibein) 's a' faighneachd an e an aon duine a bh' annta. Tha Chrisma Bould a' toirt sùil air an Urr. Aonghas MacCoinnich á Tung ann an Leòdhas a sgrìobh Eachdraidh na h-Alba (1867). Gu h-inntinneach, cha b' urra do dh'Iain Òg Ìle a thuigsinn car son a sgrìobhadh duine leabhar eachdraidh ann an Gàidhlig!

Tha Nancy McGuire a' toirt dhuinn clàr mionaideach de phàipearan a' Chaiptein Alastair MacMhathain á Dòirnidh, a tha 'nan làn chiste de bhàrdachd thradiseanta. 'S tha Iain S Mac a' Phearsain a' sgrùdadh bàrdachd Ghàidhlig á Eilean a' Phrionnsa.

Mu dheireadh, ann an aiste a bheir cagnadh do luchd-iomairt, tha Iain Galloway a' coimhead air ceanglaichean eadar cànan agus cultar. Bidh buidhnean poblach a-mach air "cànan agus cultar na Gàidhlig" mar gun robh iad 'nan nithean air leth; faighneachd do Ghòrdan Brown, ge-tà, ciamar a bheir Muslamaich cultar Bhreatainn orra fhéin 's their e anns a' bhad: "Le Beurla ionnsachadh."

Gheibhear Scottish Gaelic Studies o Roinn Cheiltis Oilthigh Obar Dheathain, prìs £21.50.





The full article contains 1041 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 21 March 2008 9:58 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.