Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


An là chunnaic mi 96 marbh air a' phàirce

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 11 April 2009
FICHEAD bliadhna an amas, air a' chòigeamh latha deug den Ghiblean, chruinnich 50,000 neach aig Pàirce Ball-Coise Hillsborough ann a Sheffield a dh'fhaicinn darna cuairt dheireannach Cupa an FA far an robh Liverpool a' dol a chluich Nottingham Forest.
Bha mi fhìn 'nam measg, oir bha mi riamh a' leantainn Forest bhon àm a chuir mi seachad ag obair ann an Nottingham. Se latha math earraich a bh' ann an ceann a-tuath Shasainn, an latha a b' fheàrr dhen bhliadhna gu ruige sin. Fhuair sinn sinn fhìn
sa Khop, bruthach anabarrach mòr aig ceann a-deas na pàirce.

Dh'fheumadh sinn seasamh, ach cha robh thu air fear de na balaich sna làithean sin mur an do roghnaich thu seasamh gus coimhead ball-coise. Eadar sinn fhìn 's am blàr-cluiche bha feansa mhòr iarainn dhen t-seòrsa a bha deatamach san àm gus casg a chur air an dol-a-mach fhiadhaich aig cuid a luchd leantainn.

M'ar coinneamh, air cùl na feans' acasan, bha luchd leantainn Liverpool, an fheadhainn leis am bu mhiann seasamh air an cròdhadh a-steach do cheithir peanaichean a bha fada na bu lugha na a' bhruthach againne. Bha iad sunndach ge-tà, 's dibhearsan a' dol 'nam measg leis na nithean annasach plastaig, air an sèideadh suas le gaoth, a bha san fhasan aig an àm. Tha cuimhne agam air fear a' crathadh òrd eagallach mòr shuas os a chionn. Chitheamaid gun robh an fheadhainn san dà phean mheadhanach air an dinneadh a-steach gu dlùth an coimeas ris an dà phean eile air an robh coltas caran lom.

Cha do lìon na suidheachain san stand air ar làimh cheart gu dhà no thrì mhionaidean ro thoiseach gnothaich, nuair a bha an dà sgioba a' tighinn a-mach air a' phàirce; ràinig mòran de luchd leantainn Liverpool fadalach, agus cabhag orra. Bha 'n stadium a-nis loma-làn. Dh'èirich a' ghaoir aibhiseach brosnachaidh, agus thòisich an geama. Bha an dà phean air bhoil.

Thàinig Liverpool air adhart 'nan deann; bhuail Peter Beardsley am maide-tarsainn againne, air ar beulaibh, ach leig sinn ar n-anail a-rithist nuair a chaidh a chlìoradh gu sgiobalta, 's dh'obraich gillean Forest suas a' phàirc' e gu h-ealanta. Ach bha rudeigin a-nis a' tachairt air cùl na loidhn' aig Liverpool. Bha balach òg air rathad fhaighinn thar na feansa iarainn agus rug e air muincheall air Nigel Clough, cluicheadair-aghaidh Forest, a' feuchainn ri rudeigin innse dha, fhads a bha seòl-mara de chinne-daonna a' goil air cùl na dearbh fheansa, agus dithis no triùir de phoileas agus de mharasgalan a' cur nam both air an taobh a-bhos dhith.

Nuair a chaidh an geama a thoirt gu stad leis an rèidhtire rinn sinn ochanaich; na scousers ri sabaid a-rithist, shaoil sinn, ach cha b' fhada gus an robh sinn air chaochladh beachd oir chunnaic sinn sealladh a chuir mòr iongantas oirnn.

Chitheadh a' mhuinntir a bha 'nan suidhe san stand os cionn a' chruaidh-chàs glè mhath gu dè bha a' tachairt fodhpa, 's leagadh fear dhiubh sìos le greim aig dithis eile air adhbhrannan gus am beireadh e air làimh air fear no tè a chaidh a thogail suas ga ionnsaigh le càch. Gu math luath lean mòran eisimpleir, agus cha chreid mi nach deach na ceudan a thogail gu sàbhailteachd leis a' ghaisge seo.

Air ar son-ne dheth, cha robh air ach fuireach far an robh sinn, 'nar tosd. Bha na cluicheadairean air a' phàirc' fhàgail. As dèidh treis, dh'fhosgladh geata beag – a bha glaiste roimhe sin – san fheansa, 's bhrùchd na ceudan de dhaoine faingte a-mach air an raon-chluich tron bheàrn chumhang. Ma bhrùchd, bha e mar gun do thilg mòran dhiubh iad fhèin sìos air an fhonn agus bha iad 'nan laighe an-sin gun charachadh.

Cha robh ann ach chaos. Ged a bha mòran dhen phoileas agus dhe na marasgalan a bha an làthair fhathast gun charachadh, a' feitheamh rì òrdugh nach tàinig, bha feadhainn ann – iadsan a b' fhaisg' air an ùpraid – a bha a' dol mar an donas, cuide ri muinntir an Naoimh Eòin, gus cobhair a dhèanamh mar a b' fheàrr a b' urrainn dhaibh. Ach cha robh iad idir suas ris, bha an gnothach air a dhol ás làimh buileach; agus a-nise chitheamaid na cuirp.

Chaidh mu dhusan dhe na mairbh a chàradh gu cabhagach leis a' phoileas dìreach air ar beulaibh; dh'fheumadh iad sin a dhèanamh gun sreidsearan, oir cha robh sreidsearan ann.

Cha robh plan'-èiginn aca, cha do ghabh neach sam bith an stiùir. As dèidh ùineachan agus ùineachan – còrr agus dà fhichead mionaid – nochd a' chiad charbad-eiridinn air a' bhlàr-chluich. Bha an siostam PA air a bhith balbh, ach a-nise chualas Kenny Dalglish a' guidhe oirnn gun co-obraicheamaid uile leis na h-ùghdarrasan. Dh'innis guth eile dhuinn gun robh an geama ga chur dheth, b' fheudar dhuinn falbh dhachaigh.

A' dol dhachaigh, cha robh heat air an rèidio ach Hillsborough. Bhathas a' meas gun deach còrr agus ceithir fichead duine – fir, boireannaich agus clann – a phronnadh gu bàs air sgàth tuilleadh as còir dhen luchd leantainn a' dol dhan àite cheàrr, an àireamh a' sìor fhàs. Nuair dhùin mi an doras, dh'fhalbh an lùths bho mo chasan agus sgeith mi.





The full article contains 974 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 10 April 2009 8:07 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.