Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Friday, 5th September 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

'Tha na bailtean móra cho cudromach dhan Ghàidhlig ris na h-Eileanan'



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 17 May 2008
THA mi uabhasach toilichte Kidnapped aig Raibeart Louis Stevenson fhaicinn a' tighinn a-mach mar sgeul-dhealbh làn-dhathte Ghàidhlig, Fo Bhruid (Waverley Books, £8.99), eadar-theangaichte gu sgileil le Iain MacDhòmhnaill. Leamsa ge-tà tha e coltach ri iomadh film – tha e math a bhith a' coimhead nan dealbh, agus tha an sgriobt air leth math – Gàidhlig bhrèagha – ach tha mi coma mun sgeulachd, 's ann an dòigh chan eil e ag obrachadh cho math ri Dr Jekyll agus Mgr Hyde, mun tug
Thog Stevenson an sgeulachd timcheall air Gall òg, Dàibhidh Balfour, an everyman a dh'fheumte gus saoghal nan Gaidheal borba a chur an céill don leughadair Bheurla. Chan eil an innleachd seo freagarrach don Ghàidhlig. Cuideachd, tha Fo Bhruid dìleas
don nobhail, ach chan eil Kidnapped dìleas don eachdraidh. O chionn ghoirid leugh mi Ancient Animosity le Lee Holcombe, an cunntas as fheàrr 's as mionaidiche a th' againn air murt Chailein Ghlinn Iubhair air 14 Céitein 1752; bha e air muin eich nuair a bhuail an dà pheileir e, 's bha e air muin eich fhathast nuair theich am murtair.

Ach tha an t-aodach ùghdarrasach. A réir taisbeanadh a tha dol san Leabharlainn Nàiseanta an Dùn Éideann an-dràsta, "The Art of the Graphic Novel", rinn Cam Ceanadach, a tharraing na dealbhan, tòrr rannsachaidh air aodach an linn, 's tha a bhuil air.

Tha "The Art of the Graphic Novel" fosgailte gu 1 Ògmhios. Chì thu na dealbhan gu léir o Fo Bhruid (ach gun balunaichean gun fhaclan) a' lìonadh làn bhalla, còmhla ri sgeidsichean tùsail a' Cheanadaich.

Gu h-iongantach, chan eil an taisbeanadh ag ainmeachadh idir gu bheil an leabhar ri fhaotainn ann an Gàidhlig.

BHA mi cho beò-ghlacte le Alasdair MacCaluim, Reversing Language Shift: The Social Identity and Role of Scottish Gaelic Learners (£19.50) 's gun do leugh mi air aon suidhe e (ach gun do leum mi cuid de na statistigean).

Tha e 'na thrì phàirtean. An toiseach tha MacCaluim a' toirt cunntas mionaideach air eachdraidh na Gàidhlig san fhichead bliadhna sa chaidh. Aig cridhe an t-seanchais dheagh-chothromaichte seo tha an dàimh eadar an neach-ionnsachaidh 's am fileantach. Se frionas na dàimhe seo a tha a' fàgail an leabhair cho math, mar gum b'e nobhail a bh' ann, làn gaoil agus gràin, dìmeas agus dìth thuigse, adhraidh agus àmhghair – agus hang-ups cho amaideach 's nach creideadh tu iad nan robh iad ann an nobhail. Saoil am bi crìoch thoilichte ann …?

Anns a' mheadhan tha toradh nan ceisteachan a chuir MacCaluim a-mach gu uiread de luchd ionnsachaidh 's a ghabhadh. Tha rannsachadh den t-seòrsa seo riatanach do luchd planaidh.

Aig an deireadh, falaicht' eadar an liosta leughaidh 's an index, tha an nì as dibhearsanaiche air fad – beachdan mu fhileantaich a thogadh ás na ceisteachain. Tha eisimpleir mhath 'nam measg de cho doirbh 's a tha e an tula-fìrinn a cheapadh sa chuspair seo. Tha aon duine ag ràdh: "My father didn't speak his native language to me and, being brought up in Glasgow I didn't have the option to study Gaelic, even to O Grade. These things made me angry and upset as a young adult … (I am] still young."

Tà, chan eil mise òg, ach tha mi á Glaschu, 's tha Gàidhlig fhileanta agam, taing do phoileasaidhean foghlaim cathair-bhaile Ghlaschu, a bha an sàs mun do dh'fhàg mi an sgoil an-siud ann an 1964 's a tha an sàs an-diugh. Am faodadh e bhith gun robh mi fortanach nach robh Gàidhlig aig mo phàrantan?

Nise chan eil mi cumail a-mach gun do dh'ionnsaich mi Ghàidhlig ann am bliadhna no dhà. Tha seo cudromach oir tha e 'na ghearan mór san leabhar seo cho slaodach 's a tha ionnsachadh na Gàidhlig. Tha 15 bliadhna air ainmeachadh mar fhigear nach eil idir math gu leór, ach saoilidh mise gu bheil e reusanta. Thòisich mise ag ionnsachadh Gàidhlig mu 1962 's bha mi fileanta fo 1977 nuair thòisich mi a' sgrìobhadh dhan phàipear seo. Agus sin aig àm a bha deagh chuid de dh'aon-chànanaich Ghàidhlig mun cuairt fhathast 's gun dol ás agad ach Gàidhlig a bhruidhinn riutha. Co-dhiù bheir duine a thogas cànan aig glùn a mhàthar mu 15 bliadhna a' tighinn gu fileantachd.

Chan eil ach aon ghearan beag agamsa mun leabhar agus se sin gu bheil MacCaluim ag ràdh gun robh e "furasta" £10 millean fhaighinn a-mach á Calum Rifkind son telebhisean na Gàidhlig. Chan e sin a chaidh innse dhuinn aig an àm. Gu dearbh bha am fear a rinn e, Iain Aonghas MacLeòid, air a mheas 'na ghaisgeach.

Dh'fhàg mise air MacCaluim uaireigin (air an duilleig seo) gur e "rottweiler na Gàidhlig" a bh' ann. Tha mi ga thoirt air ais. Anns an leabhar seo tha e nas coltaiche ri cù a threòraicheas na doill. Tha e cho stuama, cho measarra.

Ach tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal, 's as déidh Reversing a leughadh chuirinn-sa na planaichean air son caolas ùr teilidh dhan t-sitig 's chosgainn-sa an t-airgead air faclaire math.

Tha Reversing ri fhaighinn on Dr John M Kirk, Cló Ollscoil na Banríona, School of English, Ollscoil na Banríona, Béal Feirste, BT7 1NN (j.m.kirk@qub.ac.uk).

THA Gàidhealtachdan Ùra, deasaichte le Wilson McLeod (Roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Éideann, £5) 'na chruinneachadh beag snog de dh'aistean le diofar sgrìobhadairean, ann an Gàidhlig (ochd dhiubh) agus ann an Gaeilge (ceithir) mu na ghabhas dèanamh dhan Ghàidhlig 's dhan Ghaeilge ann am bailtean móra na h-Alba 's na h-Éireann.

Tha diofaran inntinneach (agus vive la différence) eadar mar thathar a' déiligeadh ri diofar bhailtean. Do Ghlaschu se eachdraidh mhionaideach nan aonadan 's nan sgoiltean Gàidhlig. Do Dhùn Éideann se toradh suirbhidh mu Ghaidhil a' bhaile, le tòrr figearan. 'S do dh'Inbhir Nis se treòraiche turasachd, mar gum bitheadh, ri buidhnean Gàidhlig a' bhaile.

Tha MacCaluim san leabhar seo cuideachd, a' mìneachadh car son a tha na "Gàidhealtachdan ùra" seo cudromach. A h-uile nì a sgrìobhas e, cuiridh e 'nam cheann na thuirt Pope mu "what oft was thought, but ne'er so well express'd". Tha feum aig Gàidhlig nan eilean air na Gaidhealtachdan ùra seo a chionnns gur ann sna bailtean móra a-mhàin a tha "neart ann an doimhneachd" de shluagh ri fhaotainn. Feumar a' Ghàidhlig a neartachadh sna h-àiteachan chun a bheil an òigridh a' teicheadh cho math ris na h-àiteachan a tha iad a' fàgail air an cùlaibh. Sann sna bailtean móra a-mhàin an-diugh a bheirear àireamhan móra de chloinn le Gàidhlig, de luchd ionnsachaidh, de dh'eòlaichean cànain agus de ghoireasan de gach seòrsa còmhla gu ìre 's gum bi teans ann a' chànan a thoirt a-nuas o ghinealach gu ginealach.

Tha sin, a réir MhicCaluim, a' fàgail nam bailtean móra cho cudromach ri na h-eileanan. Chan eil e 'g ràdh nas cudromaiche: dìreach cho cudromach.

Se leabhar prataigeach tha seo 's chan eil eachdraidh ann nas prataigiche na an té aig Joan NicDhòmhnaill mu iomairt "Taigh Gàidhlig Dhùn Éideann" (saoilidh mi gur e mise a mhol an t-ainm o thùs) a bha dol o 1996 gu 2004. Bheir i caoineadh ort, oir ann an 1996 bha an iomairt deiseil ri togalach eireachdail a cheannach ann an ceann siar Dhùn Éideann air £200,000 nuair chuir beag-dhiathan Comhairle nan Ealan stad air gnothaichean. Nan robh an togalach sin aca an-diugh b' fhiach e millean.

Siad na facail mu dheireadh aig Joan: "Chan eil a dhìth ach toil phoilitigeach." Saoilidh mi gu bheil sin fìor, co-dhiù a thaobh chlachan, aoil, agus structaran de gach seòrsa. Tha mi fhìn a' gabhail fadachd ri Alasdair MacAilein, ball-pàrlamaid nan Eilean, fhaicinn 'na mhinistear a' chultair.

A' beachdachadh air brìgh an leabhair seo san fharsaingeachd, chuirinn-sa m' airgead air sgoiltean làn-Ghàidhlig agus air campaichean-samhraidh. 'S leis mar a tha margadh nan taighean agus cùisean poilitigeach a' dol, chan abrainn nach bi Taigh Gàidhlig aig Dùn Éideann fhathast.





The full article contains 1483 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 16 May 2008 11:50 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

bring them on,

17/05/2008 00:01:48
Is this an OF thread?
2

bring them on,

17/05/2008 00:43:35
As I seem unable to post on the Joyce McMillan article, I will make my comments here.

That is a good article. The lady has balls bigger than Jimmy Calderwood.

Hope everyone reads it.
3

,

17/05/2008 01:12:14
Comment Removed By Administrator
Reason:
4

,

17/05/2008 01:40:18
Comment Removed By Administrator
Reason:
5

Calum Crubag,

17/05/2008 16:00:48
Caochladh math de leabhraichean. Bidh e math leabhar MhicChaluim a leughadh. Cuideachd, tha 'Fo Bhruid' math dha-riribh is tha e cordadh ri clann. Tuilleadh den t-seorsa, tapadh leibh.
6

RodaidhG,

B.Ath.Cl. 19/05/2008 22:19:56
An leabhar aig MacCaluim - carson a rinn e Beurla? Tha seans gur e scribhadair math a th'ann, ach tha e a' cleachdadh Beurla ar feadh an leabhar. Inisidh e fhein carson... Ba mhaith liom Gaelic.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.