THA Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair (Clò Àrnais, £8.50, ri fhaotainn bho Chomhairle nan Leabhraichean) 'na leabhar grinn, làn dhealbhan camara, le Gàidhlig air gach dàrna duilleig, Beurla air gach duilleig eile, agus còmhdach snog de thartan buidhe Leòdach.
Ach fuirich ort. Se an Calum MacLeòid a sgrìobh e am fear a thog an rathad ainmeil ann an Ratharsair. Dh'eug ann an 1988, 's chaidh eachdraidh a bheatha fhoillseachadh ann an 2006 ann am Beurla – Calum's Road le Roger Hutchinson. Cha b'e Calum an s
eòrsa duine a sgrìobhadh leabhar aotrom sunndach mu ghrinneas an eilein agus uaisle Chlann 'ic Leòid. Cha b'e. Bha cus feirge ann air son a leithid.
Mar a thachras an-dràsta 's a-rithist, ma-tà, air cùl an tartain tha leabhar cudromach am falach, a bu chòir do gach Gaidheal 's do gach eachdraiche a leughadh. Abair gun tug e smaointean orm. Air latha an Armistice an-uiridh bha an teilidh a' sealltainn a' pharèad àbhaistich ann an Lunnainn an uair a leugh mi seo aig Calum: "Anns a' Chogadh fhuilteach ud chailleadh dhà thar fhichead de luchd-àitichidh Ratharsair. Bha seo mun deicheamh cuid de na bha anns an eilean uile. An dèidh don Chogadh stad, agus na bha beò de shaighdearan agus de sheòladairean tighinn dhachaigh, fhuair iad an taighean-tughaidh – gun sealltainn riutha re còig bliadhna – cha mhòr gu bhith am broinn a chèile. Bha na bàtaichean-iasgaich a dh'fhàg iad a-nis grod, agus gach seòrsa lìn air lobhadh.
"Cha toireadh an Riaghaltas cuideachadh sam bith dhaibh airson an call a choinneachadh, ach a-mhàin gun rachadh neach sam bith a phàigheadh deich notaichean a chur gu ceann a tuath Chanada – far an robh 'a h-uile cothrom agus fearann gu leòr'.
"Chreid cuid seo agus ghabh iad an tairgse. Ach ma ghabh, nuair a ràinig iad, chuireadh iad gu ceann a tuath Alberta, far an robh fuachd do-labhairt, agus am fearann a b' fheàrr air a ghabhail le Frangaich agus Duitsich iomadh bliadhna romhpa. Air a' chiad gheamhradh bha sneachd ochd troighean deug air doimhne ann, agus nam beirte air iarann lom no nam buaileadh e air craiceann rùisgte, thàthadh e ris agus loisgeadh e an fheòil. Thuirt aon saighdear a chaidh ann rium mar seo: 'Bha claisean-blàir na Somme dona gu leòr, ach cha tigeadh iad suas ris an fhuachd agus ris an reothadh ann an ceann a tuath Alberta. Nan robh airgead agam, bha mi air tilleadh dhachaigh an làrna-mhàireach.'
"Seo tìr, a rèir Riaghaltas Bhreatainn, a bha 'a' sruthadh le bainne agus mil', ach tha fios is faireachadh aig na chaidh ann à seo air a chaochladh."
Tha Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair loma-làn sgeulachdan den t-seòrsa. Tha Calum MacLeòid ag innse dé thachair (uaireannan le figearan) agus có bhuaithe a fhuair e am fiosrachadh. Tha e cuideachd a' cur a chorraig air na ciontaich. Bu chòir dhan leabhar luachmhor seo a bhith air a leughadh leis na mìltean 's air a dhaingneachadh le tuilleadh rannsachaidh. Mar chuimhneachan air Calum, tha e tòrr nas cudromaiche na an rathad.
The full article contains 568 words and appears in The Scotsman newspaper.