Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Wednesday, 15th October 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Beul na gaoithe



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 05 July 2008
CHUIR an còmhlan roc Sasannach Radiohead iongnadh air an luchd amharc aig cuirm-ciùil mhòr ann an Glaschu Didòmhnaich sa chaidh nuair a chleachd iad beagan chriomagan Gàidhlig bho Radio nan Gaidheal.
ÀS DÈIDH easaonta a mhair fichead bliadhna eadar trì siostaman sgrìobhaidh eadar-dhealaichte, tha luchd-labhairt na Còrnais (Kernewek) air aontachadh ri aon siostam sgrìobhaidh coitcheann don chànain airson foghlaim agus cleachdaidhean oifigeil.

G
ED a tha comhairlichean Ghallaibh a' cumail a-mach nach eil muinntir an àite ag iarraidh soidhnichean dà-chànanach, tha a' mhòr-chuid den fheadhainn a bhòt ann an cunntas-bheachd air-loidhne anns an John O'Groat Journal air taic a thoirt do shanasan-rathaid dà-chànanach anns an sgìre.

AGUS tha rannsachadh ùr leis an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a nochd anns a' phàipear am Bratach air sealltainn gun robh barrachd dhaoine ann an Gallaibh aig an robh Gàidhlig bho thùs na aig an robh Beurla bho thùs cho anmoch ri toiseach an 19mh linn.

THA ainm ùr air Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig. Bho seo a-mach is e MG Alba (a' ciallachadh "Meadhanan Gàidhlig" Alba) a bhios oirre.

LEIG Mata MacÌomhair dheth a dhreuchd mar chathraiche Bhòrd na Gàidhlig an t-seachdain seo. Thèid cathraiche eadar-amail a thaghadh leis a' Bhòrd gus an tèid cathraiche ùr fhastadh. Is e Art MacCarmaig leas-chathraiche ùr na buidhne.

DH'FHAOIDTE gum faicear seòlaidhean-lìn le .cym (a' Chuimrigh) agus .bzh (a' Bhreatainn Bheag) às dèidh co-labhairt aig ICANN (buidheann-riaghlaidh an eadar-lìn) a cho-dhùin gum bu chòir beachdachadh air a lèithid. Tha iomairt làidir ann an Alba airson .sco fhaighinn ach chan eil iomairt air a bhith ann airson .alba gu ruige seo.





The full article contains 321 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 04 July 2008 10:19 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

Duine,

Inbhir Nis 07/07/2008 16:28:08
'S toigh leam pìosan fiosrachaidh mar seo!

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.