Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


TBh? Stuth math – bu chòir a làimhseachadh nas fheàrr

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 16 May 2009
SE tha math mu dheidhinn BBC Alba gu bheil craoladairean aca a tha comasach air saoghal làith-eil na h-Alba a chur an cèill, a' coimhead air cuspairean nach fhaic sinn ro thric tro mheadhan na Beurla. Daoine gun dachaigh, dràibhearan làraidh, buaidh na dibhe, luchd dèanadais poilitigeach, clàraidhean nam feachdan dìomhair, creideamh, cultaran in-imrich, saobh-chreidmheachd – tha liosta fada de chuspairean ris nach dèiligeadh na meadhanan "Albannach" ás aonais nan Gaidheal gasta nac
Ach a dh'aindeoin cho math 's cho fìor mhath 's a tha cuid de phrògraman BBC Alba, faodaidh droch dheasachadh agus cruth mì-fhreagarrach blas neònach a thoirt air bathar TBh agus reidio.

Leis cho coltach ri chèile ann an cruth agus stoidhle 's a t
ha a' chuid as motha de phrògraman Gàidhlig air fàs a-nis, le cus leumadraich obann bho chuspair gu cuspair 's neach aithris a' bruidhinn bhon stiudio, tha thu faireachdainn gu bheil thu a' sìor choimhead an aon phrògram fhada gun chrìoch.

Chan e 's nach obraich sin math gu leòr uaireannan. Ann am Balaich an Iasgaich tha sinn a' faicinn beatha iasgairean Uibhist a-Tuath agus Ghriomasaigh, le deilbh agus agallamhan a tha a' tairgse blasad den obair gun sgur a tha a' buannachadh biadh mara do bhùird nam beartach 's a' cumail teaghlaichean air an eilein.

Ged a tha neach aithris a' mìneachadh ghnothaichean á sàbhailteachd an stiudio tha blas agus blàths a chainnte a' dol leis a' phrògram, agus tha tòrr chothroman ann gu bhith 'g èisteachd ris na h-iasgairean fhèin ag innse mar a tha gnothaichean.

Cha eil an sreath 'S ann an Ìle idir cho math, a dh'aindeoin gu bheil e a' gealltainn "sealladh air coimhearsnachd Ìle tro sgàthan na Gàidhlig".

Mar iomadach neach eile bha fadachd agam ri Ìle ghorm an fheòir fhaicinn ga riochdachadh ceart sna meadhanan agus chan ann tric a tha sinn a' cluinntinn Gàidhlig ghlan Earra-Ghàidheal co-dhiù.

Mar sin bha cothrom aig BBC Alba air rudeigin adhartach a dhèanamh.

Rinn an sgioba chlàraidh an dìcheall le bhith a' togail deilbh 's a' bruidhinn ri daoine glè inntinneach, leithid a' chroiteir Iain Mac a' Phearsain nach do dh'fhàg an t-eilean gus an robh e naoi bliadhn' deug, Dòmhnall Mac an Deòir a dh'fhalbh tràth ach a thill dhachaigh an dèidh 50 bliadhna de bheatha phrofeiseanta ann am foghlam, Niall Oliver a tha air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre 's gu bheil e a' teagasg tron chànan sa bhunsgoil, Fraoch (Heather) Nic an Deòir, neach-ealain aig a bheil tàlant sònraichte gu bhith a' tarraing deilbh de bheothaichean.

Thog iad tòrr stuth eile nach robh cho inntinneach ach a tha fhathast a' sealltainn beatha an eilein, leithid càraid Ghearmailteach a' pòsadh, dol a-mach ann am Beurla aig a' chòisir Ìlich, deoch-slàinte do luchd turais aig taigh staile.

Bha stuth gu leòr aca airson deagh phrògram mus deach a dheasachadh a rèir feallsanachd an t-suarachaidh, anns a bheil an neach coimhead a' faicinn rud inntinneach airson tiotain ach dìreach nuair a tha e tighinn faisg air a' chuspair, no air an neach tha bruidhinn, tha an dealbh air falbh gu àite eile, neach eile, fhad 's a tha guth car fuar, puingeil, fad ás a' mìneachadh ghnothaichean le bhith a' leughadh sgriobt a gheibheadh duais aig bòrd fàilte no aig companaidh iomairt ionadail ach nach eil freagarrach do phrògram telebhisean Gaidhealach.

Mar sin tha 'S ann an Ìle a' faireachdainn nas coltaiche ri sanas a gheibheadh luchd turais air bòrd itealain air an t-slighe gu Alba bho na Stàitean, seach prògram do luchd coimhead Gaidhealach no Albannach.

Deagh chothrom air a dhol a dholaidh.

Tha na dearbh mhodhannan obrach a' milleadh tòrr phrògraman eile cuideachd. Ged a tha e ann an nàdar Trusadh a bhith 'na mheasgachadh de dhiofar chriomagan inntinneach, agus gu bheil sin mar neart dha, tha amannan agus gu bheil e air leth cudromach an cruth àbhaisteach a chur an dàrna taobh. Bha am prògram aca air uchd-mhacachd air leth math, le agallamhan anns an robh sinn a' faighinn gu math faisg air daoine ag innse sgeulachdan beatha a bha doirbh innse agus uaireannan uabhaidh brònach an cluinntinn. Ach cho luath 's a dh'innseadh neach rudeigin doirbh bha am focas air falbh gu cuideigin eile, a' leantainn nam fasanan as suaraiche air a bheil na companaidhean Sasannach cho dèidheil an-dràsta.

Tha sgeul uchd-mhacachd aig Cathy Mary Nic a' Mhaoilein nach eil idir cho brònach, 's tha sinn fortanach gun d'fhuair i cothrom na Fèinne ann an companachd shocair shèimh Iain Èirdsidh Mhic a' Mhaoilein ann am prògram eile, Anam 's Inntinn. A dh'aindeoin beagan mì-chinnt a thaobh dè 'n camara bha beò agus stoidhle caran foirmeil aig an toiseach, tha comasan drùidheil Iain Èirdsidh a' sealltainn mar a tha blàths agus tuigse Gaidhealach a' dèanamh nam prògraman as fheàrr a gheibhear air an teilidh an-dràsta.

Aidh, se aon rud ma-thà a bhith tionndadh ri cuspairean annasach ach se rud eile a bhith gan làimhseachadh ceart.





The full article contains 929 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 15 May 2009 10:08 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

Duine,

Inbhir Nis 20/05/2009 11:22:57
Seadh, tha mi a' dol leat an sin mu 'S ann an Ìle', bha mi dèanamh fiughair fhaicinn agus e, mar a thuirt thu, cho gann a chluinneas sinn a' Ghàidhlig aca. Bha amannan ann far an do choinnich thu riuthasan aig a bheil i, is bha sin taitneach inntinneach gun teagamh. Ach cha robh seo ach na phàirt bheag dheth.

A' faireachdainn mar bhidio turasachd...ach cha mhòr gun tug e dhomh adhbhar a dhol ann (tha fhios ge-tà nach eil Ìle cho faoin gallta sa bha i a' coimhead).

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 

Featured Advertising



Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.