Naidheachd mhath. Rannsachadh eile air cogadh Iraq. Feumaidh e a bhith ann an dìomhaireachd, bheir e còrr 's 12 mhìos, bidh buill a' chomataidh 'nan daoine sònraichte, taght', agus an neach air an ceann – Sir John – dhen a' bheachd gu bheil Tony Blair, mar stiùiriche-chogaidhean 's fear dìon na rìoghachd, airidh air àite ri taobh Churchill. Cha chuir iad coire air duine; cha téid duine a chronachadh no dhìteadh. Cha leig duine a leas nochdadh mu'n coinneamh mura h
Thòisich iad a' gearain mar-thà, iadsan a bha an aghaidh a' chogaidh bho thùs, iadsan a chaill mic sa chogadh – ach có ris a bha dùil aca? Dé eile bha iad a' sùileachadh bho burraidh a chuir a thaic, thar nam bliadhnaichean, ri prìomhaire cho meall
ta, mì-onarach, saobh-ghlòrach 's a bh' air ceann riaghaltas 'nar linn? 'S tha Mandelson air ais, 's chan eil e 'na thàmh. 'S tha Cherie fhathast a' dol man an donas. 'S tha Tony, an Crìostaidh mór, 'na fhear-sìth san Ear-Mheadhanach. Caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, fàsaidh iad sean, àrd ann an cumhachd. Cha ghreimich mo thoinisg air.
Nach math, as déidh a' phlathaig ud, a bhith smaoineachadh nach fhada gu'm bi mi air ais an Uibhist, am measg seinneadairean 's dannsairean 's luchd ciùil 's daoine dòigheil eile bho na ceithir ceàrnaidhean …
– Bha thu ann an-uiridh, nach robh?
– Bhà. Leig dhomh fhìn inns'. Mi sgrìobhadh colbh …
– Tha cuimhne agad mar a thachair dhut an-uiridh? Mar a rinn thu amadan dhiot fhéin?
– Tha, ach …
– Mar a chuir thu thu fhéin a bheul an t-sluaigh?
– Uill, ach se bha sin …
– Dèan cinnteach nach tachair an aon rud am-bliadhna!
– Mar a tha mi a' feuchainn ri innse dhut …
– Thusa ag òl còmh' ri Uibhistich! Duine nach fhuiling deoch-làidir – ist, 's mise bruidhinn! – cha robh i a' taitneadh riut an latha b' fheàrr a bha thu. Thusa a' gabhail ort suidhe mu bhòrd na dibhe maille ri Uibhistich, daoine tha cleachdte rithe!
– Cha b'e Uibhistich ach Uibhisteach. Aon Uibhisteach. Pìobaire. Stais, agus amhaich man Mike Tyson. Ás na Garbh Chrìochan taobh athar.
– Gu sealladh Dia 'na thròcair ort!
– Thig rud air duine gun fhiosd. Agus mus seall e ris fhéin …
– Chuir e bho na casan thu. Agus an ath mhadainn, nuair a bha thusa anns an leabaidh 'na do shitig fhéin, a' gomadaich 's a' plosgairtich gun lùths, bha esan beò 's a' buiceal air beulaibh clas, le dheagh bhracaist 'na bhroinn, feadan air ghleus, agus peallaid na caorach a' glacadh na gaoith' ás a bheul.
– Cha thachair e 'm-bliadhna. Teatha chruaidh a-mhàin.
– Dèan cinnteach nach tachair! Chan eil thu dol a Bharraigh fhad 's a tha thu shìos an-sin?
– Cho fad 's as aithne dhomh …
– Seachain Barraigh. Tha na Barraich nas mios'.
The full article contains 517 words and appears in The Scotsman newspaper.