AIG aois 86 dh'fhoillsich Ruaraidh MacThòmais a-nis an t-ochdamh cruinneachadh bàrdachd aige, Sùil air Fàire (Acair, £15). Tha e làn àbhachdais, bròin agus feirge, 's leugh mi e le tlachd gun abhsadh o thoiseach gu deireadh. Cha b' urra dhomh a chur sìos.
Aon de "dhleastanasan" nam bàrd se beachd a thoirt gu cunbhalach air an t-saoghal anns a bheil a luchd-leughaidh beò, los gun abair iad bho àm gu àm, le gàire beag, "Mar a thuirt MacThòmais 'na ghliocas …"
Sin an seorsa leabhair a th' ann an Sùil
air Fàire. Na dh'iarr MacThòmais riamh air an t-saoghal cha robh e mór – dìreach gun cumadh na Gaidhil orra a' bruidhinn Gàidhlig, gu sònraichte ri'n cuid theaghlaichean, mar a rinn iad, gun sireadh gun iarraidh, fad dà mhìle bliadhna, 's gum meal Alba neo-eisimeileachd mar th' air a mheas nàdarra aig gach dùthaich Eòrpach eile. (Aig ìre air choreigin chuir e treas iarrtas air an liost – gun seachain an òigridh drogaichean, rud eile ris an aontaich a' mhórchuid chiallach.)
Mar sin tha aig MacThòmais ri déiligeadh ris an fhìrinn neònaich gu bheil cùis na Gàidhlig mar chainnt nan daoine ann an Leódhas ga call aig an dearbh àm 's a tha cùis na h-Alba a' tighinn air adhart 'na leumannan: mar gun robh an Cruthaighear ag ràdh ris, "Seach gur e droch bhalach a bh' annad, bheir mi dhut an dara rud a dh'iarr thu ach cha toir a' chiad."
Tha inntinn MhicThómais cho geur 's a bha i riamh 's cha sguir a smuaintean a leasachadh 's a chruth-atharrachadh. An samhla as trice a tha a' nochdadh air feadh Sùil air Fàire, se "sprùilleach", "breothadh", "bloighean", "criomagan", ach san earrainn "Leòdhas a-Rithist" dh'fhairich mi gun robh eachdraidh an eilein agus beatha a' bhàird mar fhear-teagaisg oilthigh a' dol 'nan aon, 'nan co-chur, paisgte gu grinn le ìomhaighean aoise agus maireannachd leithid Clach an Truiseil, na seann òrain agus an ealain Chruithneach. Sin dynamic an leabhair.
Tha e furasta fhaicinn nach eil an eaglais 'na nàmhaid tuilleadh. Ghabh prothaid, sannt agus calpachas a h-àite: "Ann an saoghal nan car-a'-mhuiltein / far a bheil a' bhò a' tuiteam air a bus / is Beairteas an inbhe na diadhachd / feumaidh sinn a bhith air ar faiceall / nach eil min-fuadain air a' chlàr / is baoghal am bucas nan uighean … / 's tha 'n fheòil / nas cunnartaich na bha i riamh."
Tha feannagan a' nochdadh dà uair mar shamhla air son daoine as beag air a' bhàrd – Dòmhnall Dewar 's luchd-reic dhrogaichean, saoilidh mi, chan e idir ministearan. Ach tha dòchas san leabhar cuideachd; ciamar nach bitheadh, agus oghaichean aige? Bho Phàrlamaid na h-Alba tha e ag iarraidh "lì a' bhùrn-èirigh a' leantainn / a' cur lasair nar n-inntinnean".
Tha sreath de dhàin ann mu Ghlaschu a tha fiùs nas fheàrr na an fheadhainn a rinn e roimhe. Bidh iad 'nam pàirt den dìleab aige. Rud eile tha math mun leabhar ghrinn seo: ged a tha tionndaidhean Beurla ann, chan eil na dàin uile air an eadar-theangachadh. Tha sin cudromach ann an saoghal na Gàidhlig an-diugh 's tha mi toilichte gur e sin an rathad a tha ar prìomh bhàrd a' gabhail.
Tha gach duilleag de Shùil air Fàire 'na ròic dhan t-sùil no dhan eanchainn, no dhan dà chuid. Guth a bha 'na ghuth air leth fad mo bheatha, tha e bruidhinn a-mach cho calma, cho ciùin, cho coma, cho blàth, cho sgaiteach 's a bha e riamh. Tha mi a' gabhail fadachd a-cheana ri naodhamh cruinneachadh MhicThòmais. Mar a tha e fhéin ag ràdh, tha cho math dha bhith sgrìobhadh, oir chan eil càil as d'fhiach air TBh.
The full article contains 694 words and appears in The Scotsman newspaper.