THA Michael Newton, Sgeulachdan an Dà Shaoghail ann an Ceithir Litrichean (Sandstone, £7.95), eu-coltach ri ficsean Gàidhlig sam bith eile th' air a' mhargadh an-diugh. Tha an t-ùghdar air tilleadh gu stoidhle agus cuspair a bha cumanta o chionn ceud bliadhna - sìthichean, sgrìobhadh an cruth litrichean, tòrr fhaclan nach cluinnear gu tric, sgeulachdan tradiseanta gam filleadh san t-seanchas. Agus chuir e car iongantach ùr-nodha no dhà 'nan earball cuideachd.
Air son aon rud, tha brùidealachd agus drùisealachd a' togail cinn an-siud 's an-seo. 'S beag air bheag tha e tighinn thugad gu bheil an t-ùghdar a' togail ar n-eachdraidh 's ar dualchais 'na dhòrn, gan tionndadh agus gan sgrùdadh bho thaobh o nach d
each am faicinn roimhe. Car mar a nì iad sna filmichean nuair dh'fhosglas actair frids 's a chithear a làmh a' tighinn thugad mar gun robh thu 'nad bhotal bainne.
Ann an aon litir tha sinn a' coinneachadh ri Anndra MacMhathain, duin' òg a tha a' cuideachadh nam bochd le chuid luibhean agus leighisean. Tha na h-ùghdarrasan Gallda ga chur an greim, ga chràdh, ga fheuchainn anns a' chùirt mar "Andro Man", ga dhìteadh gu bàs mar bhuidseach 's ga losgadh. Ann am faclan eile, tha an t-ùghdar a' gabhail ainm agus tachartais eachdraidheil 's a' leigeil fhaicinn dhuinn an t-seòrsa fìrinn fhalaichte shòisealta a tha, is cinnteach, air an cùlaibh.
Anns an aon dòigh tha Newton air a bheò-ghlacadh leis na facail "Tìr nam Marbh" a tha (ann an rann àraidh) mar ainm aig na sìthichean air an t-saoghal againne. Agus siud sinn a-nis a' coimhead air an t-saoghal mhì-thoilichte againne tro shùilean nan sìthichean.
Seo sgrìobhadh mac-meanmnach den t-seòrsa as fheàrr. Tha mi 'n dòchas gun leugh gach ùghdar san t-sreath "Ùr-Sgeul" an leabhar 's gum faic iad ciamar a nithear rud ùr-nodha a riaraicheas inntinn an 21mh ceud á dualchas "sean-fhasanta".
Chan eil a' Ghàidhlig san leabhar ro fhurasta. Tha i 'na cothlamadh car neònach de chainnt Charmina Gadelica (95 ás a' cheud) 's de chainnt luchd ionnsachaidh an latha an-diugh (5 ás a' cheud). Ach tha geàrr-chunntas Beurla ann.
The full article contains 408 words and appears in The Scotsman newspaper.