Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Tuesday, 14th October 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Murchadh Macleoid - Chan fheum sinn càch "thoirt leinn" son còirichean fhaighinn



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 13 July 2008
MAR a bhios iad ag ràdh, tha deamocrasaidh ann agus tha deamocrasaidh ann. Agus cha bu chòir feart sam bith a thoirt dhan rannsachadh-beachd a rinneadh mu sgoil Ghàidhlig air leth dha Port Rìgh. Tha air sgàth is nach eil e ceart air chor sam bith gum biodh cumhachd aig aon choimhearsnachd air dè na sochairean a bu chòir a bhith aig buidheann eile.
Anns an rìoghachd againn, tha sinn beò ann an saoghal far a bheil còirichean aig daoine. Tha iad aig gach neach fa leth. Chan eil an sochair agamsa deachdadh dè a' chànan a bhruidhneas na nàbaidhean agam.

Bidh fios aig mòran a tha air a bhith a'
leanntainn suidheachaidh na Gàidhlig gu bheil tomhais-beachd anns an Eilean Sgitheanach air tighinn a-mach leis an naidheachd nach eil a' mhòr-chuid de na pàrantan airson an leithid.

Tha cuid den bheachd nach eil an sgìre deiseil son an leithid. Cuid den bheachd gun fheum barrachd mìneachaidh a bhith ann gus na pàrantan a tha teagmhach mun chùis a dh' iompachadh

Cha bu chòir dhan sin a bhith gu diofar sam bith.

Smaoinichibh nam biodh e an taobh eile. Smaoinichibh nam biodh bhòt ann gus sgoil Bheurla a stèidheachadh, agus nam biodh an cothrom aig na pàrantan Gàidhlig bhòt a thoirt seachad, agus gum biodh dragh orra gun toireadh an leithid droch bhuaidh orra fhèin.

Cha bhòtadh iad airson an leithid ann am bith.

Smaoinichibh air bho shealladh eile. Nam biodh Comhairle Bhaile Ghlaschu a' beachdachadh mu sgoil ùr Chaitligich, agus nan toireadh iad an cothrom dhan sluagh gu lèir bhòtadh air an leithid, Caitligich, Pròstanaich, Muslamaich, eus-chreidmhich, gach neach. Is gun tigeadh a' choimhearsnachd anns an fharsaingeachd a-mach an aghaidh an leithid, ged a bhiodh na pàrantan Caitligeach air a son. Bhiodh troimhe-chèile eagallach ann – agus bhiodh deagh adhbhair ann son an leithid.

Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd an co-dhùnadh mu sgoil Ghàidhlig dhan sgìre a stèidheachadh air iarrtasan nam pàrant Gàidhealach a chuireadh an cuid chloinne taobh na Gàidhlig. Chan eil beachdan dhaoine eile gu diofar sam bith.

Chan eil deamocrasaidh a' ciallachadh gun fheum aon phàirt den choimhearsnachd aig a bheil 50%+1 càch a chumail sìos. Tha deamocrasaidh a' ciallachadh saorsa dha daoine is còirichean dhaibh. An fheadhainn nach eil ag iarraidh an cloinn a chuir a thaobh na Gàidhlig, cha ruig iad an leas.

Leigidh iad le na teaghlaichean Gàidhlig an cuid chloinne a chuir gun fhoghlam a thoilleas iad fhèin.

Tha leth-chiallaich anns an sgìre den bheachd gum biodh sgoil Ghàidhlig ag adhbharachadh sgaraidhean anns a' choimhearsnachd. O na truaghain. Smaoinichibh, bha a h-uile càil anns na sgìrean Gàidhealach coltach ris a' chiad mhionaid ann am Pàdraig Post. A h-uile càil cho dòigheil. A' ghrian a' deàrrsadh, am post a' cèilidh air na cailleachan, am ministearan a' smèideadh air na bodaich, an cat na shìneadh anns a' ghàrraidh. Sin mus tàinig na Gàidheil crosta, len cuid "cànan." Smaoinichibh, Gàidhlig ann an Eileanan na h-Alba!

'S ann a bhiodh e èibhinn mura biodh e cho duilich. Seo againn sgìrean far a bheil an sochair aig daoine a bhi eadar-dhealaichte ma thoilleas iad fhèin anns a h-uile dòigh eile. Cha ghabh na h-eaglaisean is buidhnean creideamh eadar-dhealaichte air Ghàidhealtachd a chunntadh. Tha sgaraidhean nar measg mar a tha sinn. An fheum gach neach a bhith a' frithealadh nan aon taighean-adhraidh? Na h-aon bhùithtean? A bhith a' coimhead ri na h-aon phrògraman air an telebhisean?

Chan eil e an urra ri na Gàidheil daoine eile a "thoirt leo" ann an seadh sam bith. Tha e an urra ri na Gàidheil a bhith a' seasamh an còirichean fhèin.

• Is iomadh duine ann an saoghal na Gàidhlig a ghabhas dragh mu Alasdair Moireasdan a bhith na chathraiche air an sianail ùr Ghàidhlig. Tha e duilich fhaicinn ciamar as urrainn dreuchd mar seo a bhith ann an làmhan neach a bha na mhinistear riaghaltais agus a tha an lùib gnìomhachais, an Clò Mòr, nach eil fada bho na naidheachdan aig àm sam bith.

TEACH YOURSELF GAELIC

Trod: to be angry


Pronounced Trodd, with a rolling r-sound. This a good word to know because it is simple and makes you sound like you have known the language since Ossian was a boy. Bha e a' trod – vah e uh trodd – he was angry. Tha e a' trod rium – Hah e uh trodd ruh-oom – he is being angry to me. Bha a h-uile duine a' trod – Vah uh hool-la din-na uh trodd – everyone was arguing. Trod always implies that there is someone to be angry with. You cannot use it with a car or a computer, for example.

Fiadhaich – fee-ya-heekh – is a good word to use to mean wild or angry, whether with a person or with a situation. Fiadhaich also means wild as in animals or plants.















The full article contains 914 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 12 July 2008 8:29 PM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.