Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Saturday, 30th August 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Mu dheireadh – fèis a tha sa Ghàidhlig an da-rìribh



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 31 May 2008
CHAIDH fèis litreachais Ghàidhlig a chumail ann an Glaschu an t-seachdain sa chaidh, 's a rèir a h-uile duine a bha an sàs ann, b'ann air leth math a chaidh a h-uile càil an lùib an tachartais ùir seo a bha a' feuchainn ri dearbhadh gun obraicheadh fèis litreachais Ghàidhlig sa bhaile.
Bha cothrom aig daoine ionnsachadh bho sgrìobhadairean aithnichte mar Aonghas "Dubh" MacNeacail, Màrtainn Mac an t-Saoir, Rody Gorman agus Anna Frater, bha deasbad ann mu Bhoireannaich agus Litreachas na Gàidhlig, bha bùthan-obrach dràma 's ealain a
nn do chloinn, chaidh leabhar ùr le Fionnlagh MacLeòid a chur air bhog, agus chualas ceòl agus bàrdachd aig cuirm-chiùil air an oidhche. Agus b'ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha a h-uile càil.

B'e "Leabhar is Craic" a thug iad air an fhèis ùir, seach gur ann le club-oidhche Gàidhlig Ghlaschu, "Ceòl is Craic", a chaidh a cumail, le taic bho GHASD, bho Chultar agus Spòrs Ghlaschu, bho Chomhairle nan Ealan 's bho Chomhairle nan Leabhraichean. Thuirt Rona NicDhòmhnaill, oifigear leasachaidh nan ealan Gàidhlig aig Cultar agus Spòrs Ghlaschu, "Sa chòig bliadhna a dh'fhalbh cha mhòr nach fhacas an aon uiread de nobhailean Gàidhlig air am foillseachadh 's a chunnacas ann an clò ann an eachdraidh fhada litreachas na Gàidhlig roimhe, agus chan eil teagamh ann gu bheil sinn a' ruighinn ìre càileachd eile leis na nobhailean seo.

"Se Ùr-Sgeul, an clò Gàidhlig, gu mòr as coireach gun do thachair seo, iomairt a thòisich 's a leudaich Comhairle nan Leabhraichean agus a dh'fhoillsich am foillsichear 'Clàr' á Inbhir Nis. 'S iomadh triop a bhruidhinn mi fhìn 's John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean mu mar a bha feum aig sgrìobhadairean 's bàird air àite no tachartas far am faod iad tighinn còmhla a bhruidhinn air gnothaichean cruthachail ann an Gàidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.

"Ged as e tachartas beag poidhleatach a th' ann an 'Leabhar is Craic', tha e cudromach agus lèirsinneach. Le bhith a' comharrachadh litreachas na Gàidhlig agus le bhith toirt aithne dha, tha sinn a' toirt taic agus spèis do luchd ealain – agus 's iadsan as motha a tha a' dèanamh cinnteach gum mair agus gum fàs sgrìobhadh na Gàidhlig."

Thuirt Rona gun do chòrd na bùthan-obrach sgrìobhaidh gu mòr ri daoine (bha mu 32 duine an sàs annta), 's gu robh e math gu robh cothrom aig na sgrìobhadairean fhèin coinneachadh agus bruidhinn tron latha. Bha deasbad panail ann cuideachd air a' chuspair "Boireannaich agus Litreachas na Gàidhlig". Air a' phanal bha Cairistìona NicCoinnich bho Oilthigh Obar Dheathain, a' bhana-bhàrd Anna Frater, an sgrìobhadair Caitrìona Lexy Chaimbeul 's am bàrd Aonghas "Dubh" MacNeacail. Bha deasbad fharsaing aca air mar a tha boireannaich air an riochdachadh ann an litreachas na Gàidhlig, air boireannaich mar sgrìobhadairean tro na linntean, air an àite a th' aca an-diugh an litreachas na Gàidhlig, 's air iomadh rud eile co-cheangailte ris a' chuspair.

Air an oidhche bha dìnnear ann agus chaidh an leabhar ùr aig Fionnlagh MacLeòid, Dìomhanas, fhoillseachadh – cruinneachadh de sgeulachdan goirid leis an ùghdar eirmseach seo. An uair sin bha cuirm air an oidhche far an robh Griogair Labhraidh a' seinn 's a' cluich, far an robh cuid de na bàird a bha an làthair ag aithris, 's far an cualas cuid de na h-òrain aig Bob Dylan, a dh'eadar-theangaich Rody Gorman, ann an Gàidhlig.

Thuirt John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean gu robh e cudromach a-nis gum faicear tuilleadh fhèisean litreachais Gàidhlig dhen t-seòrsa seo: "Tha Comhairle nan Leabhraichean air a bhith a' moladh a leithid a dhèanamh airson deagh ghreis.

"Dh'obraich seo an Glaschu, bu chòir togail air 's a dhèanamh an àiteachan eile. Mholainn-sa Uibhist a-Deas, Nis ann an Leòdhas, Dùn Èideann 's Obar Dheathain mar cheithir àiteachan a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson a leithid, gus am bi sinn ag amas air sreath de dh'fhèisean litreachais Gàidhlig a' dol aig diofar amannan tron bhliadhna.

"Dh'fheumadh sinn taic airgid bho leithid Bòrd na Gàidhlig air son seo a chur air chois – chan eil an t-airgead againn an-dràsta. Cuideachd bu chòir dèanamh cinnteach gu bheil co-òrdanachadh ann gus nach bi na fèisean ùra seo a' dol aig an aon àm ri tachartasan ealain (no Gàidhlig) eile – sin agaibh rud a tha gu math sìmplidh a chur air dòigh ach uaireannan chan eil e a' tachairt idir. Dh'fhaodadh seo bhith fìor mhath. Tha e math gu bheil Gàidhlig 'na pàirt dhe na fèisean-leabhraichean àbhaisteach mar Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann agus eile, agus bu chòir dhuinn cumail oirnn le sin, ach bu chòir rud a bhith againn dhuinn fhìn cuideachd."

Gu dearbh tha e coltach gur e sin a bh' aca ann an Glaschu Di-Sathairne sa chaidh, fèis litreachais le Gàidhlig aig a cridhe, chan ann air an iomall.

Chan eil dad nas nàdarra na bhith bruidhinn mu sgrìobhadh Gàidhlig ann an Gàidhlig, agus tha e coltach gu bheil e a' dol a thachairt nas trice.





The full article contains 954 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 30 May 2008 11:24 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

radge dug,

31/05/2008 11:57:13
Bhiodh e math Feis Leabhraichean Gaidhlig fhaicinn an Dun Eideann. Mar as abhaist, chan eil torr sgeul air a' Ghaidhlig ann, seach oraid no dha.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.