DH'FHOILLSICH Riaghaltas na h-Alba molaidhean an t-seachdain seo gus dèiligeadh ris a' ghainnead thaighean "sòisealta" san dùthaich, ach tha e coltach gu bheil tòrr a bharrachd a dhìth ma tha a h-uile duine a tha feitheamh ri taigh sòisealta air màl, a' dol a dh'fhaighinn dachaigh.
Se aon de na prìomh mholaidhean aig an Riaghaltas airson daoine a chuideachadh: cur às don chòir a th' aig luchd-màil ùra an-dràsta an taigh comhairle no sòisealta aca a cheannach às dèidh ùine a chur seachad ann. Ach a rèir cuid de chomhairlean agu
s de bhuidhnean-taigheadais, bheir e ùine mhòr gus an dèan sin, no gin de na molaidhean eile aig an Riaghaltas gu leòr airson na ceudan de mhìltean dhaoine a tha a' feitheamh ri taigh sòisealta no comhairle ann an Alba.
Thuirt Cathraiche Comataidh Taigheadais 's Obair Shòisealta Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson: "Le bhith a' cur às don chothrom a th' aig luchd-màil ùra an taigh aca a cheannach, chì sinn piseach air cùisean san ùine fhada. Ach an-dràsta agus sna beagan bhliadhnaichean a tha romhainn cha dèan e mòran idir. Tha sinn air casg sealach a chur air ceannach thaighean comhairle no sòisealta ann an tòrr sgìrean air a' Ghàidhealtachd mu thràth. Se a tha dhìth taighean comhairle ùra a thogail, ach chan urrainn dhuinn sin a dhèanamh seach gu bheil fiachan taigheadais luach £142 millean againn, agus tha sinn a' pàigheadh £15-16 millean gach bliadhna mar riadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil sinn a' cosg 30 sgillinn a-mach às gach not den mhàl aig daoine air an riadh sin."
Thuirt an comhairliche gur e bu choireach gu robh na fiachan seo aca, gun deach tòrr thaighean comhairle a thogail san sgìre sna 1960an is 1970an nuair a bha gnìomhachas na h-ola aig àirde.
Lean i oirre: "Se a tha dhìth oirnne gun cuir an Riaghaltas às do na fiachan againn, agus se Westminster a dh'fheumadh aontachadh ri sin, no dh'fhaodadh iad ùine a thoirt dhuinn far nach fheum sinn riadh a phàigheadh. Dòigh eile cur às do na fiachan againn, an stoc thaighean againn a chur gu Comann Taigheadais, ach cha robh an luchd-màil ga iarraidh. Se aon rud a dh'fhaodadh Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh gus cothrom na Fèinne a thoirt do chomhairlean cho math ri comainn thaigheadais, oir an-dràsta pàighidh an Riaghaltas 75% de na cosgaisean airson taigh sòisealta a thogail do comann taigheadais, ach chan fhaigh na comhairlean ach tabhartas £25,000 airson gach taigh sòisealta a thogail. Mar sin, can ma chosgas e £100,000 taigh a thogail, tha e follaiseach gu bheil na comainn thaigheadais a' faighinn tòrr a bharrachd taic."
Tha mu 8000-9000 duine a' feitheamh ri taigh comhairle no sòisealta air a' Ghàidhealtachd aig an àm seo, ach ann an 2007/08 cha deach ach 500-600 taighean ùra a thogail, agus bha cothrom air mu 1,000 taigh comhairle no sòisealta eile nuair a ghluais an luchd-màil a bha a' fuireach annta a-mach. Tha an suideachadh seo a' fàgail tòrr dhaoine a' feitheamh ri taigh.
A rèir Aonghais MhicLaomainn, Àrd-oifigear Com-pàirteachas Taigheadais Innse Gall: "Tha 800 againn a' feitheamh ri taigh, ach cha tig ach mu 160 taigh an àirde airson màl a-rithist am-bliadhna le daoine gluasad gu taigh eile. Agus ged a tha sinn a' dol a thogail eadar 50-60 taigh ùr, bidh beàrn mhòr ann fhathast. Tha sinn a' call thaighean le daoine gan ceannach, gu h-àraidh ann an Steòrnabhagh, far a bheil am feum as motha airson taighean air màl. Bheir e ùine gus am faic sinn piseach bho na molaidhean aig an Riaghaltas, agus bhiodh e math nam b' urrainn dhan Riaghaltas buidseat 3–bliadhna a thoirt dhuinn. Mar a tha cùisean an-dràsta, bidh sinn a' faighinn buidseat ùr gach bliadhna, agus uaireannan tha sinn a' faighinn a-mach dè am maoineachadh a bhios againn dhà na thrì mìosan ro thoiseach na bliadhna ionmhais. Tha sin a' ciallachadh gu bheil e uabhasach duilich planadh, dhuinne agus do luchd-togail."
Thuirt tè-labhairt bho Chaidreachas Chomainn Thaigheadais na h-Alba: "Cuidichidh am moladh seo le bhith cur stad air mar a thathar a' call thaighean agus san ùine fhada glèidhidh e na taighean air màl – ach cha dèan e diofar mòr sam bith an-dràsta. Chan urrainn dhut a ràdh gun toireadh na molaidhean seo an uiread de bhuaidh a bheireadh deich mìle taigh ùr gach bliadhna, an dearbh rud a dhìth. Chan e a-mhàin gu bheil tuilleadh airgid a dhìth, ach bu chòir na Tabhartasan airson Comainn Thaigheadais a dhol suas chun na h-ìre aig an robh iad ann an 2007, gu sònraichte leis cho doirbh 's a tha e dhaibh iasadan fhaighinn aig an àm seo."
A rèir nam figearan as ùire, tha 477,327 duine a' feitheamh ri taigh comhairle no taigh bho na comainn thaigheadais ann an Alba; tha mu 600,000 taigh sòisealta air màl ann an Alba, agus chaidh mu 300,000 taigh sòisealta a reic ann an Alba bho 1980. Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gun glèidh am moladh aca a bhith a' cur às don chòir aig luchd-màil ùra an taigh aca a cheannach às dèidh ùine, eadar 10,000 agus 18,000 taigh eadar 2012 agus 2022.
The full article contains 992 words and appears in The Scotsman newspaper.