BIDH mèarrs air a chumail ann an Inbhir Nis an-diugh le buidheann aig a bheil freumhan sa choimhearsnachd Phròstanaich an ceann a tuath na h-Èireann.
Nuair thuirt Poileas a' Chinn a-Tuath nach robh adhbharan sàbhailteachd ann gus casg a chur air, tha e coltach nach robh roghainn aig Comhairle na Gaidhealtachd ach cead a thoirt do na h-Apprentice Boys of Derry mèarrsadh sìos Rathad Chùil Daothail g
u meadhan a' bhaile. Ghabh a' Chomhairle ri beachd an luchd lagha aca gum biodh e an aghaidh còirichean cinne daonna cead a dhiùltadh.
Tha e coltach gu bheil na h-Apprentice Boys a' sìor fheuchainn ri meòirean fhosgladh air feadh an t-saoghail. Tha iad a' dèanamh a-mach gur e "club cultarach" a tha annta, nach eil ceangal aca ris an Orange Order, nach eil iad an aghaidh Caitligich idir, 's nach eil a dhìth orra ach "tachartas eachdraidheil a chomharrachadh 's a chuimhneachadh". Se an tachartas sin mar chaidh geataichean Doire Chaluim Chille a dhùnadh an aghaidh nan Seumasach ann an 1689.
Tha mòran an Inbhir Nis nach eil a' faicinn ceangal sam bith ris an eachdraidh sin agus ri cultar ceanna-bhaile na Gaidhealtachd 's tha comhairlichean iomagaineach gun dèan a leithid a mhèarrsan sgaradh eadar daoine. A rèir John Holden, comhairliche ceann a-deas a' bhaile, a tha e fhèin á Cill Choinnich ann an Èirinn, chan eil dualchas gràin-chreidimh aig a' Ghaidhealtachd idir. "Anns na 47 bliadhna a tha mise a' fuireach an seo cha chuala mi aon fhacal an aghaidh Caitligich no Èireannaich no càil mar sin idir.
"Chan eil e ceart idir a bhith a' leigeil le daoine an aillse aca a sgaoileadh ann an àite a tha cho glan bho ghalar na gràine. Tha Inbhir Nis a' fàs nas luaithe na baile eile san Roinn Eòrpa. Bheir am mèarrs seo droch ìomhaigh dha. Tàlaidhidh e daoine craicte."
O bhruidhinn Holden a-mach an aghaidh a' mhèarrs, a bharrachd air iomadh teachdaireachd thaiceil fhuair e brath fòn bho fhear le blas làidir cheann a-tuath Èirinn 's e a' bagairt gu dubh air gu pearsanta. "Sin an dearbh sheòrsa duine nach eil sinn ag iarraidh a thighinn an seo idir."
Thathar an dùil gum bi feachd làidir poilis an làthair, air cosgais sporan a' phobaill, rud a tha an comhairliche Holden a' faicinn mì-chothromach. "Ma tha aig leithid club ball-coise Caley Thistle ri cosgaisean poilis a phàigheadh, car son nach bu chòir dhan 'chlub eachdraidheil' seo cosgaisean a' mhèarrs aca a phàigheadh?"
A rèir neach labhairt na Comhairle cha bhiodh e ceadaichte stad a chur air a' mhèarrs ach nan robh e a' gabhail àite air talamh no ann an togalach a bha leis a' Chomhairle fhèin, seach air an rathad.
The full article contains 512 words and appears in The Scotsman newspaper.