Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Saturday, 19th July 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Luchd turais a' dol mun cuairt ann an cearcallan



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 10 May 2008
Cearcall a' Chuain: sgrìobh balaich Runrig an t-òran a chòrdas ris na mìltean, agus is cinnteach gu bheil mòran fhathast a' dèanamh oidhirp air a dhol thairis a'chuain chun nan eilean agus air Gàidhlig ionnsachadh air a shàilleabh. A-nis tha cearcaill eile air nochdadh far am faod luchd turais tadhal air eileanan 's far am faod iad Gàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh.
Thòisich deasbad mu chearcall Gàidhlig aig a' Mhòd san Òban ann an 2003 oir bha teachdairean á Èirinn a' dèanamh luaidh air cho soirbheachail 's a tha an leithid de rud air a bhith dhaibhsan. Tha an "Ring of Kerry", a tha ceud mìle ann am faid, a' tà
ladh nam mìltean de luchd turais ás gach ceàrn.Tha slighe agus àiteachan fuirich a dh'fhaodas iad a chleachdadh air a dhealbhadh dhaibh.

Chaidh a' chiad chearcall ann an Alba ainmeachadh san Iuchar an-uiridh. Tha e stèidhichte air an t-slighe-chuain aig Mac a' Bhriuthainn ris an can iad Hopscotch. Tha e a' toirt a-steach an t-Òban, Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a-Deas, Beinn na Fadhla, Uibhist a-Tuath, an t-Eilean Sgitheanach agus Malaig. An dèidh dha a dhol air an t-slighe, sgrìobh Aonghas Pàdraig Caimbeul leabhraichean iùil air a bheil fèill mhòr, agus ghabh na mìltean ùidh sa chuairt. Leis cho soirbheachail 's a tha i air a bhith, chuireadh còig cuairtean eile air bhog air an aiseag eadar an t-Òban agus Muile bho chionn ghoirid agus chuir suas ri 300 gnìomhachasan an taic riutha. 'Nam measg tha Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid, taighean òsta 's àiteachan fuirich.

Is iad na turasan: An t-Òban, Muile, Àird nam Murchan, An t-Eilean Sgitheanach; An Gearastan, Malaig, an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a-Tuath, Beàrnaraigh, Na Hearadh, Leòdhas, Ulapul; Colbhasa, An t-Òban; An t-Òban, Cola, Tiriodh; Malaig, Eilean nam Muc, Rum, Eige agus Canaigh. Thuirt Jim Mather, Ministear na Turasachd ann an Dùn Eideann, "Thug a' chiad Chearcall Gàidhlig brosnachadh do thurasachd agus do chultar na sgìre. Tha mise cinnteach gun cuir na cearcaill eile seo gu mòr ri soirbheachadh air feadh nan eilean, agus cuideachd gum bi mòran deònach Gàidhlig ionnsachadh."

Tha Philip Riddle, stiùiriche VisitScotland, ag aontachadh, 's tha e den bharail gum buannaich turasachd agus cultar on iomairt.





The full article contains 436 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 09 May 2008 10:05 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Tearlach,

Juneau 11/05/2008 16:44:05
Nuair a bha mise a' rannsachadh a'chuairt againn ann an Alba thachair mi ris a' chearcall a tha seo 's cha robh gu mòran feum dhomh feumaidh mi aideachadh. An rud a bha mi ag iarraidh 's e fiosrachadh mu càite a gheibhear comhraidhean Gàidhlig agus dhomhsa cha robh e foilliseach gur e seo a bh' anns a' chearcall gàidhlig a bha seo.

Saoilidh mi gur e seo beàrn a th'anns na goireasan a th' ann do na luchd-turais.

2

RuairidhF,

A' Chuimrigh 11/05/2008 17:13:26
Tha mi dìreach air an leabhair seo a cheannach bho Chomhairle nan Leabhraichean agus tha an dùil agam gum bi e glè inntinneach, gu h-àraidh an cearcall a tha air a sgrìobhadh le Aonghas Pàdraig Caimbeul. Ach tha mi ag aontachadh gu tur le Tearlach. Tha fios aig a h-uile duine nach eil an uiread sin dhe dh’ àiteachean ann an là an-diugh far as urrainn dhut còmhradh fhaighinn gu tric ann an Gàidhlig. Tha sin a ciallachadh gur fhiach fios a bhi agad càite bheil na h-àiteachan sin.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.