Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Sunday, 12th October 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Fabiani: nàimhdean na Gàidhlig gam dhèanamh fiadhaich



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 06 July 2008
THA ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani, air tighinn a-mach an aghaidh an fheadhainn sin a bhios a' gearain mun airgead a bhios a' chànan a' faighinn.
Ann an còmhradh le colbh Ghàidhlig a' phàipeir seo, thuirt i gu robh i seachd sgìth de dhaoine a bhiodh a' càineadh na Gàidhlig is nan Gàidheal, is gum bu chòir cuimhneachadh air na dh' fhuiling an sluagh is an cànan thairis air na bliadhnaichean.
Thuirt i cuideachd gun robh i ag iarraidh na diofair phoileasaidhean a thaobh na Gàidhlig a thoirt còmhla gus am biodh poileasaidhean Riaghaltais na h-Alba gu lèir a' toirt cuideachaidh dhan chànain.

Bhruidhinn i agus i air turas air Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan agus i a' dèanamh deiseil son falbh air bàt-aiseig a-null gu na h-Eileanan an Iar.

Tha Fabiani air a bhith ann an dreuchd ministear na Gàidhlig son bliadhna a nis. Fhuair i an dreuchd as dèidh dhan SNP an taghadh son pàrlamaid na h-Alba a bhuannachadh an uiridh.

A' bruidhinn ris a' cholbh seo, thuirt i: "Tha a' Ghàidhlig cho cudromach is a ghabhas dha Alba. Nan cailleadh sinn i, chailleadh sinn rud a tha cudromach dha Alba gu lèir. Agus tha mise gu bhith a' dèanamh mo dhìcheall gus nach caill sinn a' chànan.

"Tha iomadh rud a' tachairt ann an Gàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig againn, tha fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' leudachadh, tha obair ion-mholta a' tachairt anns na Fèisean, tha an sianail telebhisean gu bhith againn. Bhithinn-sa ag iarraidh na diofar rudan sin a thoirt còmhla gus biodh a' Ghàidhlig a' dèanamh adhartais. Agus tha sinn a' dèanamh sin anns an riaghaltas. Tha ministear an fhoghlaim Àdhamh Ingram a' dèanamh sgrùdaidh air foghlam fo aois sgoile, agus tha foghlam fo aois sgoile ann an Gàidhlig an lùib sin. Agus sin an seòrsa rud a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, chan e dìreach gu bheil mise ann, ach gu bheil an riaghaltas gu lèir ag obair gus a' Ghàidhlig a thoirt air adhart."

"Saoilidh mise gu bheil foghlam fo aois sgoile air leth chudromach. Feumaidh barrachd chloinne a bhith fileanta ann an Gàidhlig mus tèid iad dhan sgoile is chan e dìreach ga h-ionnsachadh anns an sgoil fhèin."

Fhuair i eòlas air a' Ghàidhlig tro a bhith ag èisteachd ri seinneadairean Gàidhlig nuair a bhiodh i a' cèilidh air buill den SNP air Ghàidhealtachd. 'S iad an luchd-ciùil Gàidhlig as fheàrr leatha Art MacCarmaig agus Cathie-Anna Nic a' Phì. Tha i a' cur seachad na làithean seo ann an Uibhist mu Dheas, tha ceangal aig an duine aice ri Geirinis.

A thaobh cor na Gàidhlig, thuirt i: "Tha cuid de rudan gam mhisneachadh gu mòr. Na bu thràithe an diugh chunnaic mi sgioba dràma òg anns an Eilean Sgitheanach. Chòrd e rium cho math. Agus bidh an sianail ùr Gàidhlig a' ciallachadh gum bi cothroman-cosnaidh ann dha Gàidheil. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na fèisean a' dèanamh rudan cumhachdach cuideachd."

A thaobh nan rudan a tha ga dèanamh fiadhaich, thuirt i: "Tha mise cho seachd searbh sgìth de a bhith a' cluinntinn daoine a' gearan an aghaidh na Gàidhlig, iad ag ràdh nach bu chòir an airgead a bhith a' dol dhan Ghàidhlig. Tha iad ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig a' faighinn a h-uile càil. Nach eil iad a' tuigsinn mar a dh' fhuiling na Gàidheil is an cànan, mar a rinn na h-ùghdarrasan gach oidhirp cur as dhan chainnt. Abair e gun do rinn iad an dìcheall, iad a' buaileadh cloinne anns an sgoil."

Lean i air adhart: "Agus rud eile, daoine ag ràdh nach robh Gàidhlig 'a-riamh' anns an sgìre seo no an sgìre eile agus iad ag ràdh nach bu chòir àite sam bith a thoirt dhith. Tha a' bheachd sin cho ceàrr. Tha mise fortanach gu leòr a bhith a' faicinn seann chairtean-dùthcha far a bheil eòlaichean a' mìneachadh dhomh nan ainmean Gàidhlig air feadh Alba, cuideachd ann an ceann a deas na h-Alba. Buinidh a' Ghàidhlig do dh' Alba gu lèir. Agus bu choir cuimhneachadh air an sin."

"Chan urrainn dhomhsa tòiseachadh a mhìneachadh na chailleadh Alba nan cailleadh sinn a' Ghàidhlig. Bhiodh rud cho chudromach, cho bunaiteach a dhìth oirnn. Agus chan eil mise ag iarraidh gun tachair sin idir."





The full article contains 833 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 05 July 2008 7:39 PM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
 
1

Steafan,

Iapan 06/07/2008 02:45:30
'S fhearr cur anmoch na bhith gun a chur idir. Ach a bheil i ro fhadalach? Tha coltas ann gum bheil nam bharail-sa ged a bhios mi beo an dochas!
2

Uilleam,

Alexandria 14/07/2008 16:19:03
Steafan, a charaid: Creid nach eil i ro-fhadalach, fhathast, ged tha tòrr obair roimhpe agus roimh a h-uile duine ... 's math a bhruidhinn i, cò-dhiubh. Chì sinn gu dè a nì i. Gu math a thèid leatha!

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.