ANN an Smeòrach Mi (Stòrlann, £18) tha 111 pìosan de bhàrdachd Ghàidhlig air an roghnachadh do dh'àrdsgoiltean, a' sìneadh on 15mh chun an 21mh linn.
Chan aithne dhòmhsa duanaire eile coltach ris. Tha na duilleagan mór, tha gach dàn air duilleag dha fhéin, 's air móran de na duilleagan tha ìomhaigh làidir ann an dubh, geal agus buidhe a tha a' cur taic ri cuspair no spiorad an dàin.
Chan eil se
o furasta a dhèanamh, ach tha a bhuil tòrr nas fheàrr na aig Leabhar Mòr na Gàidhlig, oir chaidh a chumail fo rian, 's tha urram air a thoirt dhan bhàrdachd - chan eil duine a' cumail a-mach gur e "ealain" a tha sna h-ìomhaighean. Tha Glac a' Bhàis aig MacGill-Eain, mar eisimpleir, air a chlò-bhualadh air muin dealbh mór camara de shaidhdear marbh.
An aon ghearan a th' agam mu na h-ìomhaighean se nach eil buidhe gu leór annta. Còmhla ri gach dàn tha beag-fhaclair, agus tha eachdraidhean-beatha nam bàrd aig deireadh an leabhair.
Chan eil Smeòrach Mi a' cur a chùil ri bòcan teagasg an litreachais sna sgoiltean ge-tà, na "cuspairean". An àite feuchainn ri stòiridh bàrdachd na Gàidhlig innse mar tha i sìor fhosgladh a-mach thar nan linntean, tha againn ri cur suas ris na caibidealan - neo cistean? - àbhaisteach, Gaol, Nàdar, Creideamh 's an leithid.
Chan eil na "cuspairean" uile dona ge-tà. Tha na dhà an-seo, "Ceanglaichean" agus "Dualchas", aig nach eil ciall fhollaiseach 's a tha comasach mar sin air smuaintean mu na dàin a tha fo ghlais aca a leigeil mu sgaoil.
"Cuspair" annasach eile a tha ri mholadh se "Nàbaidhean Ceilteach", anns a bheil dà dhàn bho gach gin de na cóig dùthchannan Ceilteach eile air an cur gu Gàidhlig.
Seo a' chiad duanaire Gàidhlig a chuir cas an doras an 21mh linn, 's tha e tarraingeach dha-rìribh. Tha mi toilichte cóignear bhàrd òga fhaicinn ann nach robh air ainm a dhèanamh dhaib' fhéin nuair a thug mi An Tuil a-mach ann an 1999: Kenneth C Steven, 40, Iain S Mac a' Phearsain, 43, Murchadh Dòmhnallach, 39, Flòraidh NicArtair, 38, agus Caoimhin MacNèill, 35.
THUG mi cunntas an-seo air Litir à Ameireagaidh le Flòraidh NicDhòmhnaill ann an 2005 nuair a bha e ri leughadh air an eadar-lìon a-mhàin, 's thuirt mi gun robh e air a dheagh sgrìobhadh. Tha e mu Dhòmhnall Iain á Uibhist a théid 'na phoileasman cam ann an New York, 's tha e gar toirt air ais gu prohibition agus speakeasies nan 1920an. A-nise tha Sandstone Press ann an Inbhir Pheofharain air a thoirt a-mach mar leabhar beag grinn (£7.95), air a sgeadachadh le geàrr-chunntasan Beurla aig toiseach gach caibidil a tha ga fhàgail air leth fhéin freagarrach do luchd ionnsachaidh.
Mar a thuirt mi roimhe, tha cion cainnte 's còmhraidh a' fàgail coltas aislinge air a' mhórchuid dheth, ach aig an deireadh, nuair a tha an t-uabhas a' tachairt, tha fuaim nan guthan a' bristeadh troimhe an àird an claiginn mar chreach air inntinn ghuanach Dhòmhnaill Iain.
Is dòcha gur e an ath cheum leabhraichean a thoirt a-mach le eadar-theangachadh Beurla air gach dàrna duilleig do luchd ionnsachaidh na Gàidhlig, mar a gheibhear le cànanan eile.
The full article contains 626 words and appears in The Scotsman newspaper.