Duaisean do luchd naidheachd
SE luchd-naidheachd bho Scotland on Sunday agus The Scotsman a ghléidh duaisean Gàidhlig nan Scottish Press Awards aig dìnneir an Glaschu a-raoir.
Tha Murchadh MacLeòid aig SoS 'na "Naidheachdair Gàidhlig na Bliadhna".
Chaidh an dara duais gu Alasdair H Caimbeul aig The Scotsman. Bha Niall MacRath agus Iseabail T NicDhòmhnaill againn fhìn air an liosta ghoirid cuideachd.
Thuirt am britheamh, Mata MacÌomhair: "Tha MacLeòid a' nochdadh cunbhalachd a tha dìreach drùidhteach. Bha na pìosan a fhuair an duais dha a' bointinn ri cùisean a bha tomadach ach diofraichte.
"An nì a b' fheàrr air fad, se gun do ghabh e os làimh cuspairean doirbh aig an robh buntanas ri dòigh beatha nan Gaidheal, cho math ri Alba anns an fharsaingeachd."
The full article contains 142 words and appears in The Scotsman newspaper.
-
Last Updated:
18 April 2008 11:06 PM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh
-
Related Topics:
Gaelic language