THA sgioba de eòlaichean còmhdhail a' cumail a-mach gun fheum luchd-siubhail ann an Alba fada cus tìde a chaitheamh a' feitheamh air ceanglaichean son trèanaichean, busaichean, is bàtaichean-aiseig.
A-rèir Comann Còmhdhail Poblach na h-Alba, bu chòir cumhachdan ùra a thoirt dha buidheann an riaghaltais son rathaidean is trèinichean, Còmhdhail na h-Alba, gus coinneamhan clàran-ama a chuir ri chèile gus nach fheum daoine a bhi a' feitheamh ro fhad
a.
Tha iadsan ag iarraidh coinneamhan is co-labhairtean a bhi ann far an tigeadh na buidhnean còmhla gu bhi ag ullachadh nan clàr-ama.
Chuir iad na beachdan ri chèile ann an tagradh gu comadaidh còmhdhail pàrlamaid na h-Alba a tha an-dràsta a' beachdachadh air seirbhisean aiseig na dùthcha.
Feumaidh mise a ràdh gu bheil na seirbhisean aig Cal-mac a' freagairt orm an ìre mhath. Chan eil ach an aimsir a' cur stad orra. Cha do dh' fhàg iad mi ann an trioblaid cho tric ri na leth-chiallaich sin aig Companaidh Adhair Bhreatainn. Chan e an aois a tha a' liathadh mo chiamhagan, ach an liuthad turas a rinn BA call orm.
Ach biodh sin mar a bhiodh e.
Thathas a' togail nan eisimpleir a leanas mar uireasbhaidhean anns an siostam againne.
Ruigidh trèana Glaschu gu Mallaig aig 1334, dìreach mionaid mus fhalbh am bàta gu Armadal. Feumaidh an fheadhainn tapaidh sin a tha ag iarraidh a dhol gu Eilean a' Cheò fuireach gu 1505 gus am faigh iad tarsainn. Is math as fhiach e aon uair agus gum faigh duine ann.
Feumaidh neach a tha a' siubhal bho Mhuile gu Glaschu a bhi foighnidneach. Tha a' chiad trèana gu deas a' fàgail an Oban aig 0811, leth-uair a thìde mus ruig am bàta. Feumar feitheamh trì uairean a thìde.
Ma thathas ag iarraidh a dhol a Lunnainn gu Inbhir Dheòrsa air an trèana-oidhche. Feumar a bhi gu math tapadh. Ruigidh an trèana a Lunnainn aig 0830. Sin 45 mionaidean as dèidh dhan trèana gu tuath fhàgail. Feumar feitheamh còrr air dà uair a thìde son an ath thrèana.
Cha bhiodh na trioblaidean sin cho dona mura b' e gu robh an riaghaltas a' sìor-searmonachadh dhuinn a bhi a' dol air còmhdhail poblach. Thathas ag èigheach gu bheileas a' coimhead as dèidh na h-àrainneachd le a bhi ag àrdachadh prìsean peatroil is deisel gun chiall. Chan eil roghainn aig daoine ach càraichean a chleachdadh le cho duilich is a tha cùisean. Nach e a bhiodh math, a bhi a' siubhal ann an trèana, ag òl cofaidh is a' leughadh nam pàipear, is gach nì ag obair gu cofhurtail.
Air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa, gheibhear clàran-ama a chanas riut gun fheum thu thighinn a-mach a trèana, feitheamh son trì mionaidean gus an tig fear eile, agus leum dhan fhear ùr. Sin mar a bhios atharraichean bho aon loighne gu fear eile ag oibreachadh. Agus tha iadsan ga dhèanamh is carbadan aca a dol eadar rìoghachdan eadar-dhealaichte le iomadh clàr-ama.
Chan eil teagamh sam bith, tha piseach air tighinn air cuid de rudan. B' àbhaist dhan bhus a Ulapul bhon bhàta feasgair a bhi a' tighinn a-steach cho anmoch is nach ruigeadh neach air an trèana gu deas. Tha sin air atharrachadh is tha sin math. Tha an Comann a chuir an tagradh a-steach den bheachd gu bheil CalMac is an rèile ag oibreachadh glè math còmhla ri chèile ann an Guireag far a bheil an soitheach a' tighinn a-steach aig àm is àite a tha a' freagairt math air na trèanaichean.
Thàinig piseach air Dùn Èideann cuideachd - b' àbhaist gum biodh na busaichean gu oirean a' bhaile a' fàgail dìreach nuair a thigeadh na trèanaichean a Glaschu a-steach air an oidhche. Chailleadh tu iad agus bhiodh tu a' feitheamh leth-uair a thìde eile. Dh' fhàs iad na b' fheàrr gus an do chuir obair nan trama bun os cionn buileach iad.
Tha mar a tha a' tachairt a' sàrachadh daoine aig nach eil càraichean agus a' cur dheth luchd-turais. Tha leisg air gu leòr dhiubh a bhi a' siubhail air an taobh "cheàrr" den sràid. Tha prìs a pheatroil a' toirt orra a bhi a' fannachadh. Bha uair ann nuair a bhiodh a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan làn de Ghearmailtich òga. Bha siud ann reimhid nuair nach robh e furasta dhaibh a bhi a' siubhal gu Taobh Sear na Roinn-Eòrpa. Tha roghainnean aca a-nis a tha mòran nas goireasaiche.
The full article contains 846 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.