Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Sunday, 12th October 2008

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Chan ann air an TBh againn a bhios am pailteas airgid



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 22 June 2008
BIDH cuid ag ràdh gu bheil an telebhisean a' toirt air daoine a bhith ri fòirneart, gu bheil e ag atharrachadh ar nàdar. Tha e gam dhèanamhsa fiadhaich a bhith a' faicinn na tha an telebhisean Beurla a' faighinn de dh' airgead son nam prògraman aca a dhèanamh.
Chaith am BBC airgead air sanasan faileasach son nan geamaichean ann an Euro 2008. Carson dìreach? Bha fios againn glè mhath gun robh an fharpais gu bhith ann. Ma bha daoine gu bhith ga coimhead, bhiodh iad ga coimhead. Bha sin an urra riu fhèin. Cha
ruigeadh duine ann am Breatainn an leas sanasan a bhith ann son toirt orra coimhead ri na geamaichean.

Agus thathas a' gearan mu dheidhinn "nam muilleanan" a' dol a thaobh na Gàidhlig.

Ach smaoinichibh mionaid mu dheidhinn nam muilleanan sin. Cosgaidh an sianail ùr telebhisean Gàidhlig, no seirbhis digiteach, mar a dh' fheumas sinn a ràdh - timcheall air £22m ann an cosgaisean prògraman. Tha iad gu bhith a' sgaoileadh mu chòig uairean a thìde gach là, canaidh sinn, air 300 là gach bliadhna.

Nis, tha fios gu bheil corra phrògram gu bhith air ath-chraoladh. Tha fios agam gu bheil corra seann phrògram gu bhith ann. Ach saoilidh mise gun fheum iad tighinn a mach le faisg air 800 uairean a thìde de phrògraman gach bliadhna. Sin le timcheall air £22m eadar airgead bho Riaghaltas na h-Alba agus ionmhas a' BhBC fhèin.

Faodaidh sinn coimhead air an seo ann an dòigh eile. Ann an 1992, bha ionmhas de £12m ann dha timcheall air 200 uair a thìde gach bliadhna de phrògraman ùra.

Eadar 1992 is 2008, tha mòran rudan air a dhol suas ann am cosgaisean. Bha litre peatrail aig 35p an uairsin, mas math mo chuimhne. Bha taighean daora ann an Dùn Èideann a' cosg mu £120,000.

Cuiridh mi geall gu bheil sibh a' tuigsinn càite a bheil mi a' dol le seo.

Ciamar air thalamh a thathas a' dèanamh a-mach gun gabh mu 800, gun luaidh air 1,000 uair a thìde de phrògraman ùra a dhèanamh gach bliadhna le £22m? Sin nuair a bha 200 uair a' cosg £12m bliadhnaichean air ais? Am biodh muinntir na Beurla riaraichte le seo?

Creid e no nach creid, tha telebhisean daor. Tha telebhisean as fhiach coimhead ris gu math gu math daor. Tha naidheachdan daor. Tha prògraman èibhinn nas daoire buileach. Tha fios agam gu bheil cuid de rudan air atharrachadh a tha a' ciallachadh gu bheil e nas saoire prògraman a dhèanamh agus a chuir ri chèile. Tha uidheaman ann an diugh a leigeas le aon neach air tràigh ann an Uibhist obair a bhiodh uaireigin a' cur feum air sgioba de dhaoine ann an studio ann an Glaschu le na muilleanan notaichean de dh' uidheamachd.

Tha fios.

Ach tha fios air an seo cuideachd. Nach eil anns a' bhruidhinn seo mu dheidhinn "muilleanan na Gàidhlig" ach grèiseidh is snìomh le daoine a tha ag iarraidh cur as dhuinn.

Chan e nach eil gu leòr ann am Beurla. Tha CNN, am BBC fhèin, Sky, France 24 ann am Beurla, fiùs al-Jazeera ann am Beurla. Ach cha bhi cuid riaraichte gus nach bi air am fàgail ach iad fhèin.

Feumaidh an fheadhainn a chuireas an sianail ùr Gàidhlig ri chèile a bhi comasach air miorbhailean a dhèanamh. Feumaidh iad prògraman a chuir ri chèile le nas lugha de dh' airgead na bhios air a bhuileachadh air an fheadhainn Beurla. Tha daoine mar Ionatan Ros a' faighinn nam muilleanan mòra gach bliadhna. Ma thathas mì-thoilichte mu chuibhreann nam prògraman Beurla eile, faodar coimhead air suidhichidhean mar sin an àite earrainn na Gàidhlig.

Na bitheamaid air ar mealladh. Coma leinn a bhith a' leantainn beachdan an fheadhainn a tha ag iarraidh cur as dhuinn.

Smaoinicheamaid air an seo. An liuthad muillean is buillean nota a chaidh a chaitheamh feuchainn ri cur as dha cultar is cànan nan Gàidheal. Airgead mòra air na sgoiltean. Airgead mòra air na meadhanan. Airgead mòra air sanasan ann am Beurla a-mhàin ann an sgìrean far nach robhas a' bruidhinn ach Gàidhlig. Leabhraichean. Fiolmaichean. Pàipearan. Bileagan. Fuadaichean. Fòirneart. Brùidealachd.

Is tha sinn ann fhathast.



The full article contains 768 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 21 June 2008 9:30 PM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.