Ceartas air a dhèanamh do na 'Dàin do Eimhir'
Published Date:
21 June 2008
By RAGHNALL MacilleDHUIBH
THA mi fìor thoilichte Dàin do Eimhir le Somhairle MacGill-Eain, deasaichte le Christopher Whyte, fhaicinn a' tighinn a-mach gu profeiseanta aig Birlinn (£9.99). An uair a thug an Association for Scottish Literary Studies a-mach e ann an 2002, shaoil mise nach do rinn iad obair mhath dheth idir – bha e air a dhroch chlò-sheatadh 's bu shuarach a choltas, nì a bha mì-iomchaidh don leabhar Ghàidhlig a bu chudromaiche agus, 'na bhrìgh, bu bhòidhche a thàinig a-mach san 20mh linn
Dh'fhalbh na dealbhan aig Uilleam Crosbie a bha sa chiad leagan (1943), ach tha gach nì eile mar bhiodh dùil. Tha ro-ràdh léirsinneach ann (ann am Beurla) le Whyte, na dàin fhéin le eadar-theangachadh Beurla, notaichean mìneachaidh, agus rud no dhà eile bho litrichean a tha a' cur an céill pearsantachd làidir Shomharle. Mu sgoilearan Gàidhlig an latha tha e ag ràdh ann an 1935: "Which of them has produced a verse-translation of a Gaelic poem that is not beneath contempt?"
The full article contains 198 words and appears in The Scotsman newspaper.
-
Last Updated:
21 June 2008 12:23 AM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh