Boinne ann am beul na gaoithe
A RÈIR Chalum MhicLeòid a tha 'na ghobha ann an Steòrnabagh, tha fèill air toirsgeirean a-rithist, le barrachd dhaoine a' tilleadh dhan pholl mhòna seach gu bheil cosgaisean connaidh a' sìor dhol an àirde.
AIG Fèis Eadar-Nàiseanta Film Spòrs ann am Mosco, ghlèidh an Sgitheanach Dùghlas MacFhionghain an "Grand Prix" le The Flying Scotsman, film mu Ghreum Obree á Siorrachd Àir, am baidhseagalair bu luaithe fon ghrèin thar uair a thìde.
THA plan aig Mohammed Al Fayed 100 taigh ùr a thogail air an oighreachd aige an Taobh Sear Rois.
THATHAR an dùil gun caillear 36 obraichean aig muileann MhicCoinnich ann an Steòrnabhagh, a bhuineas do Bhrian Haggas.
THÈID ceithir càmhailean Bactrian a ghluasad gu tuath o zoo Dhùn Èideann gu pàirc ainmhidhean ann an Ceann na Creige gus feuchainn ris na creutairean a ghlèidheadh.
The full article contains 162 words and appears in The Scotsman newspaper.
-
Last Updated:
03 May 2008 12:23 AM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh