THOG Fionnlagh MacLeòid, stiùiriche Comhairle nan Sgoiltean Àraich, connspaid nuair a thuirt e air reidio 's ann am brath a chur e gu luchd dèanadais cànain air feadh an t-saoghail nach robh feum ann am buidhnean leasachaidh cànain, leithid Bòrd na Gàidhlig, agus gu bheil cho math do bhuidhnean eile an seachnadh ma tha iad ag iarraidh a bhith soirbheachail ann an toirt cànan beag beò thairis air na ginealaichean.
THÒISICH Cuairt Chèilidh a' Chanàil Chailleannaich le sreath de 50 tachartas cìuil ann an àiteachan ri taobh a' chanàil eadar seo agus an t-Sultain.
CHAIDH an craoladair Niall Iain Dòmhnallach astar 43 mìle ann an eathar le ràimh eadar Steòrnabh
agh agus Ulapol gus airgead a thogail do charthannais.
THA athisg le comisean neo-eisimeileach nam prìosan fo stiùir Henry McLeish ag ràdh gum bu chòir barrachd obair sa choimhearsnachd a bhith ga dèanamh le prìosanaich.
CHO-DHÙIN britheamh sna Stàitean gu bheil còirichean "habeus corpus" aig an fheadhainn a tha gan cumail ann am campa prìosain Guantánamo, agus gum bu chòir sgrùdadh neo-eisimileach a bhith air a chur air dòigh dhaibh.
THÒISICH obair air bunsgoil ur Àth Tharracail, air chosgais £5.8 millean – a' chiad sgoil ann an Alba a thathar an dùil a dhèanamh gu tur uaine, a' seachnadh cron don àrainneachd agus a' gleidheadh neart.
THUIRT a' chùirt as àirde san Fhraing, an Conseil d'État, gum biodh e an aghaidh "luachan na dùthcha" boireannaich Mhuslamach a bhith a' caitheamh a' bhùrca – trusgan a chumas gach nì am falach ach na sùilean – ma tha iad ag iarraidh a bhith a' fuireach san Fhraing.
The full article contains 309 words and appears in The Scotsman newspaper.