Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


An fheadhainn a chaidh a-null 's a thill

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 04 July 2009
BHIODH iad a' tilleadh, an fheadhainn a dh'fhalbh air a' Mhetagama 's am Marloch 's an Canada – luchd nan lèintean tartain 's nam bifocals 's nam pacemakers – ach se rathad le dà cheann a bh' ann, 's cha bhiodh iad a' fuireachd fada, bha 'n dachaigh a-nis anns an dùthaich thall. Thill Seòras Dhòmhnaill Sheoc air cuairt, rinn e amhran làn cianalais:
Ged fhuair mi na tulaich,

Na slèibhtean 's na mullaich,

Cha d'fhuair mi na curaidh

A chunnaic mi uair.

Thill am Porstan.

Fear de bhalaich Phoids ás Àird Dhail a bh' anns a' Phorstan; co-aois mo mhàthar. Chunnaic i e, le ad mhòr gheal,
air rathad na h-Àird, agus dh'aithnich i e air a choiseachd. An Àird, a bha cho làn bhalaich, bha còignear an taigh Phoids fhèin; le uisg' a-muigh, bhiodh gleadhraich a-staigh, 's nuair a thigeadh turadh, chanadh Poids: "Cha do cheannaich an t-òr an t-sitig."

Chunnaic i e a' cur car aig tobht' Dhòmhnaill Bhocs 's a' tilleadh, 's chaidh i chun a' gheat 'na choinneamh. "Uill, a Mhàiri," thuirt e, "'s mì tha cur an umhail air a' bhaile. Faodaidh tu coiseachd tron Àird an-diugh, 's cha thilg duine clach ort."

A' chiad tuath air an robh Tohan Tam, se tuathanach Frangach. "Dépêche-toi!" bhiodh e ag ràdh ris.

"A Dhè, Winnipeg anns a' gheamhradh!" ars am Bòcan, bràth'r mo sheanmhar. "Gaoth bhon Arctic a' toirt d' anail bhuat, 's do mhùin a' cnapadh 'na dhèidh aig do chasan."

Chum e air gu'n iar, gus na chuir am Pacific stad air. Baile Bhòcain a th' aig balaich a' Phuilein air Vancouver.

Anns a' Ghiblean 1863 theich sluagh á Gabhsann (á bailtean eile cuideachd) a dh'Ontario. Se bhochdainn a chuir ann iad. Bliadhnaichean as dèidh sin, thill feadhainn le mnathan Innseanach 'nan cois, tha an sliochd fhathast ann am Borgh 's ann am Mealabost. Bha tè ann an Nis – càit' eile ach Eòrapaidh? Na squaws bhochd, a dh'fhàg an talamh fuar air son sitigean taobh siar eilean Leòdhais, tepees air son taighean dubh.

Chaidh iad tarsainn aon chuan, agus cha do ràinig iad. Agus chaidh iad an uair sin tarsainn cuan eile. Agus na taighean a bh' aca, nuair a bha e a' sileadh a-muigh, bhiodh e a' sileadh a-staigh. Agus nuair a sguireadh e a shileadh a-muigh, bhiodh e fhathast a' sileadh a-staigh.

Chuir fear á Siabost, a fhuair obair anns an leaghadair an Traill, B.C., fios gu bhràthair 's nàbaid dhaibh a thighinn a-null, agus dh'fhalbh iad. A' siubhal son làithean, an trèana air an robh iad 'na stad aig stèisean bheag am meadhan a' phrèiridh, cò thàinig a-steach dhan t-seòmar-feithimh ach dà Innseanach, agus se Gàidhlig a bha iad a' bruidhinn! Cha do leig an dithis a bha staigh càil orr' – ach nuair a dh'fhalbh na h-Innseanaich a-mach, thionndaidh fear Shiaboist ri nàbaidh 's thuirt e: "Aig Dia tha fios dè 'n dath a bhios air Dòmhnall againne."





The full article contains 550 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 03 July 2009 10:04 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.