B' ÀBHAIST tocsaid de pharafan a bhith aig ceann an taighe air gach croit. Bhiodh i, mar bu trice, air a cur 'na seasamh air tòrr de chlachan agus bha goc faisg air a' bhonn aice los gun sruthadh am parafan aiste.
Bha e air a chur gu feum air son solas – an toiseach sna lampaichean sibheig 's an-sin sna tilleys a bha 'g obrachadh le bhith pumpadh èidhir an lùib a' pharafan. An-sin an dèidh an dara cogaidh thàinig an tractar a bh' air a chumail a' dol le para
fan. Thàinig an dealan, dh'fhalbh na lampaichean, agus ghabh dìosail àite a' pharafain anns an tractar.
Cha robh mòran iarrtas air fad bhliadhnachan, ach a-nis tha dùil gun cuirear am parafan gu feum ann a bhith a' cur casg air àireamh nan gèadh a tha a' deanamh uiread de chron anns na h-Eileanan an-Iar.
Tha e air amas gu bheil sia mìle de na geòidh ghlasa sna h-Uibhistean 's ann am Barraigh, agus tha an àireamh air èirigh leis mar a tha croitearan air a bhith 'g ath-nuadhachadh talamh mòintich. Le bhith cur aol agus todhar Gallda air a' mhonadh tha fraoch agus luachair a' seargadh, agus an-sin ma chuirear fras feòir air an talamh fàsaidh feur gorm brìoghmhor a chòrdas ri crodh 's ri caoraich – ach cuideachd, gu mì-fhortanach, ris na geòidh.
Ithidh ochd geòidh uiread den fheur ri gamhainn, agus sgiollaidh ealt dhiubh iomaire arbhair ann an aon oidhche.
Dh'fhiach na croitearan iomadh dòigh air an sgeunadh, eadar bodaich ròcais, rocaidean a' spreadhadh gach lethuair 's an sgiùrsadh le coin, ach ged ghabhas iad eagal an toiseach, chan fhada gus nach cuir iad diù annta.
A-nis tha Dualchas Nàdarra Alba (DNA) air sgeama dearbhaidh a chur air bhonn anns na h-Uibhistean far an cuirear steall bheag de pharafan air na h-uighean anns an nead 's cha tig isean á aon aca ged a chumas an gèadh air suidhe orra. Ma chreachar nead 's ma bhrisear na h-uighean, gu tric thèid an gèadh gu nead eile far am beir i tuilleadh uighean.
Chaidh Cailean Newton á Loch nam Madadh, a tha 'na oifigear ceannsachaidh phlàighean, fhastadh le DNA air son na h-obrach, a mhaireas sia seachdainean. Thuirt e, "A' chiad sheachdain chuir mi ola air ceud gu leth ubh. Tha dà chù agam a tha air an trèanadh gus na neadan a lorg air a' mhòintich. Chan eil na geòidh a' gabhail dragh le bhith air an gluasad neo leis an ola. Gu tric bidh iad air ais air na neadan an ceann lethuair."
Tha eòlaichean den bharail nach dèan an ola, neo na h-uighean a bhios gun fheum, cron sam bith air an àrainneachd. Thuirt Dàibhidh MacAoidh bho DNA, a tha stèidhichte an Uibhist a-Deas, "Faodaidh croitearan cead fhaotainn ola chur air uighean air an talamh aca fhèin, ach tha mòran dhiubh ri croitearachd pàirt ùine agus cha bhi e furasta dhaibh sin a dhèanamh."
Saoil an dèan am parafan an gnothach air na geòidh agus air Coinneach Odhar?
The full article contains 565 words and appears in The Scotsman newspaper.