CHUIREADH cóig slighean ùra ri "Cearcall na Gàidhlig", iomairt le taic o Bhòrd na Gàidhlig gus turasachd 'Ghàidhlig' a bhrosnachadh. Tha an làrach-lìn ùr a tha aca, www.gaelic-rings.com, anns a' Bheurla a-mhàin.
A RÉIR rannsachadh ùr a dh'fhoillsich Seirbhis Nàiseanta na Slàinte tha cus dhaoine ro reamhar sna h-eileanan an-iar an coimeas ris a' chòrr de dh'Alba. Tha Alba fhéin air thoiseach air gach dùthaich eile ach Ameireaga ann an lìg reamhrachd na cruin
ne.
FHUAIR Tesco smachd air bùthan Somerfield ann an Steòrnabhagh, ann an Ulabal, ann an Arcaibh 's ann an Obar Dheathain. Bha Tesco air àicheadh gun robh ùidh aca ann an Steòrnabhagh ach tha iad a-nis ag ràdh cho toilichte 's a tha iad ri faighinn a-staigh do na h-eileanan.
THUIRT Wendy Alexander aig co-labhairt nan Làbarach san Agaidh Mhór gun robh is dòcha cus chumhachdan aig Pàrlamaid na h-Alba. Chan innseadh Poileas an Taobh Tuath cia mheud oifigear a bha an làthair ach dh'aidich iad gun deach gach litir agus pasgan airson muinntir na sgìre a sgrùdadh mus deach an lìbhrigeadh. Bha poileas còmhla ri cuid de na puist air na cuairtean aca.
CHAIDH an clàradh fuaim as sine a tha ann a lorg ann am Paris. Se fear Edouard-Leon Scott de Martinville a rinn e, ann an 1860, 17 bliadhna mus do rinn Edison na ciad chlàraidhean aigesan.
The full article contains 270 words and appears in The Scotsman newspaper.