NUAIR a shiubhail an Rìgh Uilleam ann an 1702 bha Alba domhainn ann am fiachan an déidh tuaiream Darien. Mhol Anndra Fletcher á Saltoun, ball ann am Pàrlamaid na h-Alba, gun gabhadh Alba ris a' Bhànrigh Anna air chùmhnant gun gabhadh Sasann ri còrdadh saor-mhalairt eadar i fhéin agus Alba.
Bha e fada an aghaidh làn aonaidh. Is e bha san amharc aige aonadh feadarail.
Ann an 1703 chuireadh Achd na Tèarainteachd tro Phàrlamaid na h-Alba, ag ràdh am measg eile nach gabhadh Alba ri monarc a thaghadh Sasann mura robh i ga mheas freagarrac
h. Bha eagal a beatha air Sasainn gun dèanadh luchd leanmhainn nan Stiùbhartach ar-a-mach, agus ann an 1705 chuireadh "Achd nan Coimheach" tro Phàrlamaid Shasainn, a' cur bacaidh air Alba bathar a chur do Shasainn. Bha na bàtaichean-cogaidh aice a' toirt ionnsaigh air bàtaichean marsanta Alba 's gan glacadh.
Bha gnothaichean cho searbh eadar an dà rìoghachd 's gun robh iad gu h-ìre a bhith an claigeann a-chéile. Ged a bha a' mhórchuid de bhuill Pàrlamaid na h-Alba fada an aghaidh aonaidh, 's ann a bha Sasann a' co-éigneachadh nan Albannach.
Chaidh Comisean Rìoghail a stéidheachadh gu beachdachadh air cùisean. B'i a' Bhànrigh Anna a thagh buill a' Chomisein, 's cha robh ach aon air a bha an aghaidh an Aonaidh. Rinn i cinnteach gun robh an còrr den 32 fear-ùghdarrais Albannach air taobh an Aonaidh.
B'e bagairt, co-éigneachadh agus dubh-chìs riaghailt an rathaid.
B'e an t-Aonadh an nì a bu thàmailtiche a thachair riamh an eachdraidh na h-Alba. Tha clàradh againn gun deachaidh na fir-ùghdarrais Albannach a cheannach air son beagan agus £20,500. Fhuair Diùc Queensberry £12,235 air son còir-bhreith na h-Alba a reic. Bha cuid eile ann nach d'fhuair ach suim gu math suarach. Mar eisimpleir cha d'fhuair Morair Bhainbh ach mu £11.
Mhol na Comiseanairean Achd a thàthadh Sasann agus Alba ri chéile le aon phàrlamaid, aon bhratach, aon mhonarc, airgead cumanta, agus riaghailt càine chumanta. A chum cluain a chur air daoine cumhachdach an Alba, thugadh barrantas seachad gum biodh an Eaglais Chléireach, foghlam agus lagh Alba air an dìon. Agus gheibheadh Alba £400,000 mar dhìoladh air son na chaill i ann an Darien.
Gidheadh, cha bhiodh ach 22 ball pàrlamaid Albannach ann an Taigh nan Cumantan agus 16 ann an Taigh nam Morairean. Bha seo a' dèanamh cinnteach nach biodh seasamh coise aig na buill Albannach nuair a thigeadh cùisean gu bhot ann am Pàrlamaid Bhreatainn. Nuair a thàinig na molaidhean seo mu choinneamh na Pàrlamaid Albanaich, chaidh gabhail riutha le 110 bhot an aghaidh 68. Bha cuid ann nach do bhot idir.
Nuair a bhuail e air muinntir Dhùn Éideann gun deachaidh an còir-bhreith a reic chaidh iad air bhoile, agus b' fheudar do na buill phàrlamaid dol air falach ann an ceilear. Ach chaidh an lorg, agus b' fheudar dhaibh na buinn a chur rithe an uair sin gu taigh a' Mhorair Seafield air Sràid nan Canan.
B' ann an-sin a chuir na h-urraidhean móra agus iadsan a bha a' riochdachadh an t-sluaigh an ainm ri Achd an Aonaidh. Nuair a thug Seafield am pàipear gu'n Bhànrigh air son na seula rìoghail, bhean e dha leis an t-slait rìoghail agus thuirt e: "Seo crìoch air seann òran."
Chaidh a' chuibheall mun cuairt, thàinig uair a bha còrr,
Chaidh ar saorsa gu cluain gun ruaig a chur oirnn;
B' iad cealgairean suarach, truaillidh 's gach dòigh
A reic còir-bhreith na h-Alba 'son airgid is òir.
Ach tha crìoch an òrain gun tighinn fhathast, oir se am Pàrtaidh Nàiseanta a tha a' riaghladh na Pàrlamaid Albannaich a-nis, agus tha e dol a thoirt bile reifreann air son neo-eisimeileachd air a beulaibh ann an 2010. Agus on a tha na pàrtaidhean dùbhlanach am bùrach mun chùis, có aige tha fios dé a dh'fhaodas tachairt?
Ach tha aon rud cinnteach, agus se sin nach mair an t-Aonadh mar a tha e, oir feumaidh rudeigin géilleadh.
Thig àrd-làn le reothart 's cuiridh gealach a cuairt,
'S a' ghrian a chaidh fodha, cha laigh i sa chuan,
A' chìs a bha fada, théid thairis na h-uair,
'S tillidh saorsa gu'n fhearann, las an t-sradag a' bhuaic.
Tha a' bhàrdachd o òran a rinn Niall Brownlie fhéin, Saorsa. Le ceòl a rinn Anna Latharna NicIllÌosa, tha e san leabhar ùr aig Niall A' Chlàrsach Ùr - £6.99 o Argyll Publishing, Gleann Dà Ruadhail/Glendaruel, PA22 3AE.
NOCHD còmhlan de cheud fìdhlearan òga à Ceap Breatainn ann an cuirmean- ciùil ann an Inbhir Nis agus san Eilean Sgitheanach.
DH'AINMICH Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, maoineachadh a bharrachd de £250,000 gach bliadhna do gach bòrd slàinte eileanach: na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealltainn, airson co-obrachadh nas dlùithe a chur air dòigh le bùird slàinte air tìr-mòr a thaobh riaghlaidh.
CHAIDH Alasdair Moireasdan, a b' àbhaist a bhith na bhall Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba, ainmeachadh le Ofcom mar chathraiche ùr 'MG Alba' (an t-ainm ùr air Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig). Tha an co-dhùnadh seo air connspaid adhbhrachadh.
CHAIDH Art MacCarmaig a thaghadh mar chathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig.
SE Kirsteen NicDhòmhnaill à Sgòr Gaoithe ann an Inbhir Nis a tha dol a bhith libhrigeadh nan aithrisean aimsir air an t-sianal dhidseatach Ghàidhlig. Tha i ag ràdh gun do dh'ullaich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil a' Mheadhain sa bhaile i airson na h-obrach seo.
CHAILL 47 sìobhaltaich, a' gabhail a-staigh 39 boireannaich 's pàistean, am beatha ann an ionnsaigh-adhair Ameireaganaich ann an roinn Nangarhar ann an Afganastan. Thathar a' creidsinn gur robh iad aig cuirm-bhainnse.
THA ùghdarrasan na Sìona air òrdugh a thoirt do na 112 taighean-bìdhe oifigeil a tha fo an smachd gun a bhith a' tairgse feòil chon mar bhiadh idir rè àm nan Geamaichean Olympach.
A RÈIR aithisg le Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba, tha cruaidh fheum air structar ùr a libhrigeas cùrsaichean trèanaidh a bhiodh iomchaidh don ghnìomhachas chudromach seo air a bheil luach £4 billean gach bliadhna don eaconomaidh Albannaich.
THA rannsachadh a' dol air adhart air mar a chaidh clàran dìomhair aig euslaintich a lorg ann an ospadal dùinte faisg air Cathair MoLuaig ann an Siorrachd Lannraig.
THA Pàrlamaid na h-Alba a' tairgse seiseanan foghlaim tron Ghàidhlig do dh'fhileanaich agus do luchd-ionnsachaidh an dà chuid sa bhun-sgoil 's san àrd-sgoil. Faodaidh sgoiltean a thighinn don Phàrlamaid no faodaidh luchd-obrach na Pàrlamaid a dhol a-mach don sgoil. Airson seisean a chlàradh, faicibh prìomh-duilleag na Pàrlamaid aig www.parlamaid-alba.org.
The full article contains 1257 words and appears in The Scotsman newspaper.