TUIGIDH mi cuid de na bh' aige nuair a chàin Coinneach MacLeòid, an comhairliche a Inbhir Nis, am Mòd. Thuirt e nach b' fhiach an fhèill tuilleadh is gum bu chòir cuimseachadh air Fèis Ceilteach a bhiodh ann an Inbhir Nis a h-uile bliadhna.
Tha esan a' cumail a-mach nach eil an fhèis inntinneach gu leòr, gur e a th' ann an cus dheth daoine dìreach a' gabhail nan aon òrain, agus nach eil am Mòd ceart a' tòiseachadh gu anmoch anns na taighean-seinnse.
Tha air bruidhinn mu fèis Cheilte
ach ùr a chuir an àite a' Mhòid, rud dha na dùthchannan Ceilteach gu lèir, agus e den bheachd gu bheil am Mòd aig crìoch a thuras.
Tha e ceart, is tha e ceàrr. Gu tur ceàrr.
Chan eil teagamh sam bith nach eil earrainn den chàineadh ceart. Is iomadh rud a tha ceàrr air a' Mhòd, cò againn nach eil seachd searbh sgìth de na h-òraidean mòra fada Beurla mus tig buil nam farpais a-mach? Cò againn nach do chrath cinn mu cho beag is a nochd aig cuid de na farpaisean? Tha e fìor gur iad na cèilidhean is na coinneamhan air an oidhche cridhe ceart a' Mhòid. Is gur ann an sin a tha an spòrs ceart
Ach chan e freagairt a th' ann cur as dhan Mhòd. Ma tha muinntir Inbhir Nis ag iarraidh rudeigin ùr a bhi aca, bhiodh sin glè mhath. Ma tha iad den bheachd gum b' fhiach e fèis ùr Cheilteach a bhi ann, chan eil ceàrr air Inbhir Nis rudeigin a dhèanamh air an ceann fhèin. Ma bhios e follaiseach gu bheil an Fhèis ùr seo cho math is tòrr nas fheàrr na am Mòd, thèid daoine thuicese, is seargaidh am Mòd as leis fhèin. Cha bhi e ach nàdarrach.
Ma tha daoine mì-thoilichte leis a' Mhòid, feuchaidh iad ri atharrachadh a thoirt orra. Ma thathas fhathast mì-thoilichte, fuirichidh iad aig an taigh. Nì iad rud air an ceann fhèin. Leigibh leis a' chòrr againn toileachas fhaighinn as an fhèill.
Tha am Mòd a' còrdadh ri sean is òg. Tha e a' toirt misneachd dha na cailleachan. Tha e a' misneachadh cuid de chlann òga a bhi a' gabhail ùidh ann an cànan is ceòl an sinnsearan.
Cha thuig mi rim mhaireann carson a tha a' bheachd seo a' nochdadh bho chuid, gun fheum cur as dha rudeigin a tha a' dol air adhart ann an Gàidhlig ma tha rud ùr a bharrachd gu bhi air a stèidheachadh.
Bhiodh a' cheist ormsa cuideachd mu dheidhinn cho Gàidhlig agus cho Gàidhealach is a bhiodh an fhèill ùr seo. Thathas a' bruidhinn mun "dòchas gum biodh àite aig a' Ghàidhlig" anns an gnothaich ùr.
Ach chan eil "dòchas gum biodh àite aig a' Ghàidhlig" math gu leòr. Chan eil fiùs "àite aig a' Ghàidhlig" math gu leòr ann an fèis Cheilteach ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Bhiodh dragh ormsa cuideachd mu dheidhinn dè bhiodh iad a' ciallachadh bhon bhratach Ceilteach. Is iomadh seòrsa ciùil a chluinnear anns an là a th' ann aig fèisean a tha a' gabhail Ceilteach orra fhèin, is gun glè bheag de cheangal aige ri rud sam bith a thuigeas mise mar Ceilteach na Gàidhealach.
Chòrdadh e rium rudeigin ùr fhaicinn, ach mar rud ùr a bharrachd a bhi ann. Is chan ann a bhi a' sguabadh as rud a bhuineas dhuinn mar-thà.
Chan eil càil ceàrr air a bhi ag ath-leasachadh cùisean aig a' Mhòd. Bhiodh dhà na thrì atharraichean feumail, samhail:
Casg air òraidean ann an cainnt sam bith ach Gàidhlig a-mhàin.
Duaisean a bharrachd dha nithean ùra. Farpais pìosan YouTube ann an Gàidhlig?
Leasanan Gàidhlig saor a bhi a' dol ann an sgìre a gheibh am Mòd co-dhiù bliadhna roimhe agus bliadhna as a dhèidh.
Riaghailt gun fheum e tilleadh dha na h-Eileanan Siar gach ceithir bliadhna aig a' char as lugha.
Cuiridh mi geall gu bheil mìle moladh eile ann dhan Mhòd, gu leòr a bhios mòran nas ciallaich na an fheadhainn agamsa.
Ach tha rud eile a' cur dragh orm mun bheachd ùr seo.
A bheil an duine seo a' bruidhinn mun t-aon Inbhir Nis, Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd, agus a chuir casg air sanasan dà-chànanach anns a' mhòr-chuid den bhaile? Agus fiùs far a bheil cànan nan Gàidheal a' faighinn àite, tha sin ann an sgrìobhadh beag mìn nach gabh a leughadh.?
Cuiridh iad an gnothaich aca fhèin an òrdagh.
TEACH YOURSELF GAELIC
Gabh: Take/Accept
One of Gaelic's most versatile words, but is pronounced in two ways depending on dialect, either as gav or gaw. That means words based on the verb also vary in pronunciation. Gabhail, meaning taking, is either said as gaw-wal, or gah-val. And gabhaidh, for will take, is either gaw-wee or gav-vee. It means take as in take possession of, or accept, as in taking food, accepting advice - gabh comhairle (gav-gaw coo-wharle), and even taking a rest, gabh d' anail (gaw dan-nal), take your breath. Also means 'be able to' as in An gabh sin a dhèanamh? (Un gaw/gav shin a yeanoo) - Can that be done? A singer is said to be a' gabhail òrain (uh gaval aw-rann) - taking a song.