Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Òrain mhòra brosnachaidh air son an linn againn fhìn

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 13 June 2009
AN DÈIDH iomadh bliadhna a thoirt a' seinn 's a' cluichd air feadh an t-saoghail, tha Eric Bogle a' dol a sgur dhen t-siubhal sgìtheil seo.
Tha amharas agam, ge-tà, gun tig iomadh deagh òran uaithe fhèin 's on chluichdeadair gitàir aige John Munro fhathast, ged nach biodh iad a' falbh an siud 's an seo. Tha e fada ro dhoirbh do luchd ciùil leis na tàlantan aca na pinn a chur gu taobh gu
tur. Tha an dithis aca an-dràsta air a' chuairt "Waltzing Matilda no More" a tha dol air feadh Bhreatainn gu 11 Sultain, agus is math as fhiach an cluinntinn. Nochd CD ùr o Eric o chionn ghoirid, The Dreamer (CDTRAX 337), air a bheil 11 òran – a' chuid as motha dhiubh ùr.

Tha an sgrios a bh' anns a' Chiad Chogadh air a bhith 'na chuspair ann an cuid dhe na h-òrain as ainmeile rinn Bogle tro na bliadhnaichean, 's tha e a' nochdadh a-rithist anns an òran Lost Soul mu chuid de na tùsanaich Astràilianach – daoine gun chòirichean 'nan dùthaich fhèin – a chaill am beatha ann. Nas fhaisge dhan linn againn fhìn, tha Bringing Buddy Home mu na saighdearan òga Ameireaganach a chaill am beatha ann an Iraq.

Tha iomadh cuspair eile a' nochdadh air Dreamer ge-tà – aonranachd, anaceartas, strì an aghaidh nan gnìomhachasan mòra 's nan comhairlichean a tha leigeil leis an àrainneachd a dhol a dholaidh, air sgàth an sainnt no an aineolais. Ged a tha Bogle ag aideachadh gur e bruadaraiche a th' ann, tha 'n teachdaireachd aige cudromach dhuinn uile. Se sin gu bheil dleastanas oirnn uile feuchainn ri ar saoghal a dhèanamh nas fheàrr.

Se CD a tha seo anns a bheil na faclan fìor chudromach, agus tha an ceòl-taic a' tarraing ar n-aire thuca. Tha a' chluichd aig John Munro fìor thlachdmhor, ealanta, agus nuair a bhios e fhèin agus Eric Bogle air an àrd-làr, tha an tuigse a tha eatarra cho follaiseach 's gum bithear a' faireachdainn gu bheil iad a' leughadh inntinnean a-chèile. Se dithis a th' annta a th' air dìleab phrìseil fhàgail de chlàraidhean 's de dheagh òrain, a bhios ri'n cluinntinn fad iomadh bliadhna.

Cluinnear sàr dheagh òrain cuideachd air People and Songs of the Sea (CDTRAX338), air a bheil mòran òran agus ciùil mun mhuir 's mu obair an iasgaich. Thugadh a' chuid as motha dheth far chlàraidhean a rinneadh le seinneadairean 's luchd ciùil ainmeil, leithid na McCalmans, na Corries, Cilla agus Èirdsidh Fisher, Isla St Clair, Heather Heywood agus Catrìona-Anna Nic-a-Phì, a tha a' seinn an òrain eireachdail An Ataireachd Àrd. Chaidh an cruinneachadh seo de dh'òrain a chur ri chèile le Shona NicIlleMhaoil aig a bheil ceangal pearsanta ri obair an iasgaich tro a màthair. Tha na h-òrain a' toirt dealbh air leth inntinneach air an dreuchd seo tro na linntean, agus gu h-àraid na cunnartan a tha 'nam pàirt dheth. Tha neart agus spiorad nan coimhearsnachdan iasgaich, agus an taic a dh'fheumadh daoine a thoirt do chèile ann an iomadh duilgheadas, a' tighinn troimhe gu soilleir anns an taghadh òrain. Tha e fìor iomchaidh gu bheil an CD a' crìochnachadh le ceudnar de mhuinntir an iasgaich a' seinn an laoidh Will Your Anchor Hold.

CLUINNEAR ceòl gu leòr sa Ghàidhlig sna seachdainean a tha romhainn. Bidh mòdan ionadail ann an Àird nam Murchan, Glaschu agus Inbhir Nis a' tòiseachadh air an 19mh là dhen mhìos seo. Tha làn fhiosrachadh mu'n deidhinn air www.acgmod.org.

Aig toiseach na h-ath mhìosa bidh sreath de dh'Fhèisean ann, a' tòiseachadh leis an fheadhainn an Tiriodh, Cataibh, Inbhir Nis (Fèis na h-Òige), Uibhist a-Tuath (Fèis Tìr an Eòrna), Eige, Barraigh, Na Hearadh, Uibhist a-Deas (Fèis Tìr a' Mhurain) agus Cola.

ON 5mh chun an 10mh là dhen ath mhìos bidh Ceòlas ann an Uibhist a-Deas, far am faighear cothrom cuid de na seinneadairean Gàidhlig, den luchd ciùil 's de na dannsairean as ainmeile an Alba agus an Ceap Breatainn fhaicinn air an àrd-ùrlar, agus teagasg fhaighinn bhuapa.

Am measg nan seinneadairean a bhios ann ás Alba bidh Rona Lightfoot, Donnie Murdo MacLeòid, Mairead Stiùbhart, Màiri NicAonghais agus Catrìona Garbutt. Bidh am fìdhlear Joe Peter MacIllEathain am measg na bhios a' tighinn tarsainn a' chuain. Tha sàr dheagh Ghàidhlig aige, agus dòigh cluichd a tha 'na dhearbhadh air cho làidir 's a tha na ceanglaichean eadarainn mar Ghàidhil ge bith dè an taobh dhen chuan air a bheil sinn. Tha làn fhiosrachadh air www.ceolas.co.uk.

DÌREACH an dèidh Ceòlais, on 12mh là chun a' 15mh là, bidh co-labhairt ann an Èirisgeigh fon ainm "Gaisgeach an t-Sluaigh". An seo, bithear a' toirt sùil air an obair aig Mgr Ailean Dòmhnallach, mar shagart, mar bhàrd, agus mar neach cruinneachaidh beul-aithris. Se duine sònraichte da-rìribh a bh' ann.

Boinne ann am beul na gaoithe

GED a dh'aithnicheadh flù nam muc a-nis 'na ghalar mór a tha sgaoilte air feadh an t-saoghail, chan eil dòigh soilleir ann air smachd a ghabhail air. Le 30,000 neach ga fhulang, 909 ann am Breatainn, tha gach dùil gum fàs cùisean nas miosa nuair a théid na sgoiltean air ais as t-fhoghar. Tha aig riaghaltasan ri bhith a' beachdachadh air sgoiltean agus àitean obrach a dhùnadh ann an oidhirp gus bacadh a chur air.

SAN dusan mhìosan sa tighinn bidh Taic/CNSA a' cumail deich coinneamhan fiosrachaidh air feadh Alba do phàrantan a tha am beachd an clann a thogail mar luchd bruidhinn Gàidhlig. Gheibhear fios bho Fhionnlagh MacLeòid (finlay@cnsa.org.uk).

CHUIR stiùiriche SMO, Boyd Robasdan, taic ris an iomairt aig Murchadh Peutan gus ionad nàiseanta a stéidheachadh aig Àrdsgoil Phort Ruighe a chleachdas teicneòlas ùr gu cuspairean àrdsgoile a theagasg tron Ghàidhlig air feadh Alba.

THA eagal air Comann Luchd Teagaisg Àrdsgoiltean na h-Alba gum bi mu 20 ás a' cheud de sgoilearan àrdsgoile air an dùnadh a-mach á siostam nan deuchainnean le sgeama ùr a chuireas ás do theisteanasan aig an Ìre Choitchinn.

LE 15 ás a' cheud den bhot san taghadh Eòrpach, thuit Làbar gu treas àite am Breatainn air chùl nan Tóraidhean agus UKIP. Ann an Alba bha na Nàiseantaich fad air thoiseach air Làbar, le 29 ás a' cheud, ach ás na sia suidhean bha a dhà an urra aca 's aon an urra aig na Tóraidhean agus na LibDeamaich. Chuir seo uile eagal cho mór air na buill phàrlamaid Làbarach agus gun tug iad an làn taice a-nis do Ghòrdan Brown.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 12 June 2009 8:18 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.