MA leugh thu Calum's Road aig Roger Hutchinson, aithnichidh tu am formula a tha Donald S Murray a' cleachdadh ann a The Guga Hunters (Birlinn, £9.99). Gabh euchd gaisgeil air choreigin (togail rathaid, sealg a' ghuga); thoir cunntais phearsanta air an duine, neo na daoine, a tha ga chur an gnìomh; cuir seo air bhog le dealbh eachdraidheil den sgìre ás a bheil iad (Ratharsair, Nis) a leigeas fhaicinn dé thug an t-euchd gu bith; mu dheireadh, cuir an t-euchd ann
Tha am formula ag obrachadh gu math 's tha The Guga Hunters làn airidh air an t-seòrsa soirbheachais a bh' aig Calum's Road. Tha diofaran beaga ann ge-tà – buinidh Dòmhnall S don sgìre air a bheil e mach; tha an t-euchd a' gabhail àite a h-uile bliad
hna, le deichnear ghaisgeach an sàs còmhla.
Se neart an leabhair na cunntaisean mionaideach aig Dòmhnall S air cuid de na daoine a tha, neo a bha, an sàs san t-seilg. Tha e a' coimhead orra tro shùil a' bhàird. Se laigse an leabhair nach robh e fhéin air Sùlaisgeir riamh. Tha sin ceart: sgrìobh e leabhar mu rud a tha tachairt a h-uile bliadhna ged nach fhac' e riamh e (ach dh'ith e iomadh guga). Cha deanadh an dol a-mach seo an gnothach dhan National Geographic. Ach nuair a smaoinicheas tu air, cha do stob Hutchinson spaid dhan rathad a thog Calum nas motha.
Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal ge-tà nuair tha Dòmhnall S a-mach air "the notion that the guga hunt could and should remain an entirely private concern, that the secrecy that once surrounded it should remain". Anns a' cheann thall, se an diofar as motha bhon rathad a thog Calum gu bheil sealg a' ghuga a' togail cheistean a bhuineas ri fiadh-bheatha. O chionn fichead bliadhna sgrìobh mi fhìn mun t-seilg sa "Phàipear Bheag" on aon t-sealladh 's a th' aig Dòmhnall S (tha na fir a' cur am beatha fhéin an cunnart gu biadh a thoirt dhachaigh; coltach ris a' Ghàidhlig, tha sealg a' ghuga 'na samhla cudromach air neart na coimhearsnachd; tha cus shùlairean air Sùlaisgeir co-dhiù). An ath sheachdain nochd litir sa phàipear bho thé le ainm Sasannach: "Tha siud uabhasach. Cha chuala mi riamh a leithid. Bu chòir cur ás dhan mhì-chneastachd seo a's a' bhad."
A Dhòmhnaill S, tha mi tuigsinn car son nach d'fhuair thu a dhol a Shùlaisgeir. Ach sgrìobh thu leabhar math mun ghuga, mu na laoich agus mu Nis, sgeadaichte gu grinn le dealbhan dubh 's geal, le bàrdachd Ghàidhlig mar bu chòir, agus leis a' bhàrdachd Bheurla agad fhein.