BIDH sùilean an t-saoghail air Coinneach MacAsgaill agus fianais nas cinntiche air nochdadh gu bheil Abdelbaset Ali Mohmed Al-Megrahi, 56, a' bàsachadh le aillse. Tha e an urra ri Ministeir Ceartais na h-Alba a leigeil mu sgaoil air adhbharan co-thruacantais neo a chumail sa phrìosan gu latha a bhàis.
Rùnaich cuid bàs aonaranach piantail don Libianach, a fhuair binn beatha sa phrìosan fon chasaid gun do dh'adhbhraich e bàs 270 duine nuair a spreadh boma air bòrd Iteal PanAm 103, a thuit 'na bhall teine air baile-margaidh sàmhach Logarbaidh air o
idhche 21 Dùbhlachd 1988. Chaill 11 de mhuinntir a' bhaile am beatha a thuilleadh air na 259 a bha air a' phleuna.
Ach do mhòran nach eil a' creidsinn gu bheil e ciontach, se naidheachd glè dhuilich tha seo, oir ma bhàsaicheas Mgr Al-Megrahi tha eagal nach tig fìrinn na cùise am bàrr gu bràth. Tha gluasad làidir ann le athchuinge gu fhaighinn air a leigeil mu sgaoil.
Tha tòrr eòlaichean teagmhach mun chùis. Chan e an neach as lugha dhiubh fear lagha cliùiteach a bhuineas do Logarbaidh 's aig a bheil tuigse dhomhainn air an luach a tha ri chur air diofar sheòrsaichean fianais.
Nuair a ghabh an t-Oll. Raibeart MacIlleDhuibh os làimh cùirt shònraichte fhaighinn air a stèidheachadh sna Tìrean Ìsle gus èisteachd a thoirt do Mhegrahi fo lagh na h-Alba, bha e deimhinne gun taisbeanadh e don t-saoghal cho ceart-bhreitheach agus cho cothromach 's a dh'fhaodadh pròiseas lagh a bhith. Gheall e dearbhadh-lagha seasmhach a lìbhrigeadh le toradh cinnteach.
Ach 'na bheachd-san chaidh a' chùis 'na "mì-ghiùlan ceartais cho maslach 's a chunncas an Alba bho chionn ceud bliadhna".
Chaidh Megrahi a dhìteadh air 31 Faoilleach 2001 air puing fianais a tha an t-Oll. MacIlleDhuibh a' cumail a-mach nach gabhte rithe gu bràth nan robh a' chùis air a feuchainn air beulaibh coiste 15 duine den t-sluagh mar as gnàth ann an Alba.
Chroch co-dhùnadh na cùirte air bad aodaich a bhathar ag ràdh a chaidh a cheannach le Megrahi ann am Malta 's a lorgadh, mas fhìor, còmhla ri pàirtean den inneal spreadhaidh a sgrios an t-itealan.
Cha d'fhuaireas freagairt fhathast ri ceistean bunaiteach leithid 'Dè bha luchd-casaid-stàite Ameireaganach a' dèanamh sa chùirt a' comhairleachadh sgioba chasaid a' Mhorair Tagraidh?' Neo: 'An d'fhuair am marsanta aodaich Maltach Tony Gauci duais $2 millean air son a chuid fianais?'
Leis na rinn e fhèin gu riaghaltas Libia a shàsachadh gum b'e mòd-ceartais le triùir bhreitheamhan Albannach aig Campa Zeist, ann an dùthaich neo-phàirteil, an aon dòigh as cinntiche air còirichean Mhegrahi a dhìon, chan urrainn do MhacIlleDhuibh ach a bhith "a' faireachdainn gu ìre cunntasach" mun t-suidheachadh anns a bheil an Libianach a-nis.
A dh'aindeoin cho neo-earbsach 's a bha a' bhinn, chaidh a' chiad agairt aig Megrahi 'na h-aghaidh a dhiùltadh gun mòran reusanachaidh ann an 2002. Ach le cuideachadh aithisgean làidir mion-sgrùdaidh o neach coimhead nan Nàisean Aonaichte, Dr Hans Köchler, thugadh a' chùis gu aire Comisean Ath-Sgrùdaidh Cùisean Eucorach na h-Alba ann an 2003.
Bha trì bliadhna gu leth mus do dh'aidich iad gu bheil còir aig Megrahi ri dàrna agairt. Thuirt Dr Köchler gun robh e coimhead coltach gun d'fhuair na seirbheisean dìomhair a dh'aona ghnothaich air dàil a chur air a' chùis. Bha dàilean eile agus connspaid ann nuair a dhiùlt am Morair Tagraidh, Elish Angiolini, pàipearan riatanach a leigeil an làmhan sgioba dhìon Mhegrahi. Chaidh a chur ás a leth gun tàinig i fo bhruthadh aig riaghaltas Lunnainn fon leisgeul nach robh e "gu feum na rìoghachd" an fhianais seo a leigeil fhaicinn.
Tha Dr Köchler 's an t-Oll. MacIlleDhuibh le chèile cinnteach agus fosgailte 'nam beachd gun deach "gobhair bhacach" a dhèanamh de Mhgr Al-Megrahi agus de Libia le seirbheisean dìomhair na RA 's nan Stàitean air son adhbharan poilitigeach.
Ged a tha mòran de na teaghlaichean Ameireaganach a chaill luchd dàimh air Iteal 103 ro thoilichte bàs cràiteach a mhiannachadh air Al-Megrahi, agus ged a bhiodh cuid aca air an dòigh nan tigeadh sgrios air Libia fhèin, chan eil na teaghlaichean Breatannach den aon bheachd fhuilteach sin idir.
Chaill Dr Jim Swire a nighean, Flòraidh NicDhòmhnaill Mairead Swire, an uair a bha i 24. Dh'fhaodadh e a bhith deònach a chreidsinn gur e Al-Megrahi a mharbh i, ach leis na chuala 's na chunnaic e, 's e an làthair cha mhòr gach latha den chùirt, dh'fhàs e cinnteach á dà rud. Chan e murtair a th' ann an Al-Megrahi agus cha d'fhuair e èisteachd cheart aig Zeist.
Tha Flòraidh tiodhlaicte san Eilein Sgitheanach, oir thogadh Dr Swire faisg air Dùn Bheagain, ann an Taigh Òrboist, far an do thachair athair ri mhàthair, Otta Swire, ùghdar an leabhair Skye: The Island and its Legends. Thug e lethbhreac dheth do Chòirneal Gaddafi, ceannard Libia, nuair a choinnich e ris agus a dh'iarr e air Mgr Al-Megrahi a lìbhrigeadh do chùirt Zeist.
Bha an dualchas Gaidhealach agus Crìostail aige, cho math ris an trèanadh ann an stuthan spreadhaidh a fhuair e san arm 's a chuid obrach mar lighiche, 'nan taice nach bu bheag dha 'na dhreuchd dhoirbh mar athair a' sireadh ceartas dh'a nighinn. Thuirt e: "Tha mi leagte nach tèid ainm mo nighean a cheangal ri ultach de bhreugan neo ri gnìomhan dìoghaltais. Se mo dhùrachd gum faigh Abdelbaset Al-Megrahi a chliù air ais mus bàsaich e 's gum bi na teaghlaichean Ameireaganach air an toirt gu socair ás an t-slochd chunnartach anns a bheil iad a' gabhail fasgadh."
Cluinnear agairt Mhegrahi le breitheamhan sa Ghiblean, ach faodaidh bliadhna a bhith ann mus tig co-dhùnadh ás. Tha mar fhiachaibh a-nist air Mgr MacAsgaill an co-dhùnadh ceart a ruigsinn agus neo-eisimeileachd Lagh na h-Alba a dhìon.
www.justiceformegrahi.com