SE Art MacCormaig, 43, cathraiche ùr pàirt-aimsireil Bòrd na Gàidhlig. B'e esan an cathraiche sealadach bho dh'fhàg Mata MacÌomhair san Iuchar. Bidh e ann gu Màrt 2013 air £18,600 sa bhliadhna. Tha dùil aig ministear na Gàidhlig, Mìcheal Ruiseal, ceannard ùr a' Bhùird ainmeachadh anns an ath bheagan mhìosan.
THA guthan gan togail an aghaidh an duine a bha uaireigin os cionn Banca Rìoghail na h-Alba a bhith a' faighinn peinnsean £693,000 sa bhliadhna fad an còrr dh'a bheatha. Chaidh fhàgail air Sir Fred Goodwin, 50, gur esan a stiùir am banca air slighe
chunnartach sgriosail agus nach eil e airidh air a' peinnsean seo.
CHAILL naoinear am beatha nuair a bhris itealan ás a-chéile 's e a' laighe aig port-adhair Schiphol ann am Amsterdam.
DH'AIDICH banca Lloyd's call £10 billean air son 2008.
THUIRT am ball pàrlamaid Albannach Lib-Demach Iain Fearchar Rothach gum bu chòir reifreann a chumail gu luath gu ceist neo-eisimileachd na h-Alba a fhreagairt. Chan eil seo a réir poileasaidh a' phàrtaidh.
THA barrachd dhaoine an tòir air gach dreuchd a tha bàn anns na h-Eileanan Siar na ann an àite sam bith eile ann an Alba.
THA luchd dìon ainmhidhean feargach gun deach cead a thoirt do chompanaidh Sasannach eileaphantan a thoirt a-staigh bhon Ghearmailt gus pàirt a ghabhail ann an siorcas airson a' chiad turas ann an deich bliadhna. Tha eagal ann a-nis gum fosgail seo an doras ri beathaichean eile, leithid taidhgearan, a bhith ann an siorcasan agus air an àrd-ùrlar.