Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Beul na gaoithe

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 02 May 2009
CHAIDH Carol Ann Duffy ainmeachadh mar a' chiad bhana-bhàrd-cùirte bho chaidh an dreuchd a stèidheachadh bho chionn còrr is 300 bliadhna. Rugadh Ms Duffy ann an Alba agus mar sin thathas ag ràdh gur ise cuideachd a' chiad bhàrd-cùirte Albannach riamh – dhiùlt Walter Scott an urram ann an 1813.
THÀINIG iomairt an airm Bhreatannaich ann an Iraq gu crìch oifigeil agus saighdearan a-nis a' dèanamh deiseil airson tilleadh dhan RA. Chaill 179 saighdearan am beatha bho thòisich riaghaltas na RA air feachdan armaichte a chur do dh'Iraq ann an coga
dh a bha mi-laghail a rèir mòran.

NOCHD fianais bho na Dùthchannan Aonaichte gu bheil riaghaltas Sri Lanka ag amas sligean a dh'aona ghnothaich air baile Mulattivu far a bheil 50,000 sìobhaltach Tamaileach gan glacadh. Tha mu 6,500 sìobhaltach air bàsachadh bho tòisich an ionnsaigh as ùire aig an riaghaltais an aghaidh nan Tìgearan Tamaileach a tha a' sireadh stàit neo-eisimileach do na Tamalaich, saor on luchd riaghlaidh Sinhal.

GUS an deicheamh ceann-bliadhna aig Pàrlamaid na h-Alba a chomharrachadh, thathar a' sireadh earrann sgrìobhte co-cheangailte ri Alba a thèid a snaigheadh air balla an togalaich. Faodar molaidhean ann an Gàidhlig, Beurla no Beurla Ghallda a chur gu www.parlamaid-alba.org/canongatewall.

THA Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, air iarraidh air Banca Rìoghail na h-Alba gabhail ri seicichean a tha sgrìobte sa Ghàidhlig às dèidh dhaibh diùilteadh gabhail ri seic sa Ghàidhlig anns a' mheur aca ann an Steòrnabhagh. Tha Mgr MacCarmaig a-nis a' sireadh chòmhraidhean leis a' bhanca.

ANNS an airtigeal "Mar a dh'ionnsaicheas clann òrain" an t-seachdain sa chaidh bha mearachd san t-seòladh làraich-lìn a thug sinn seachad a thaobh an DVD/CD Dè an-Diugh? Se an seoladh ceart www.portree-pri.highland.sch.uk





Page 1 of 1

  • Last Updated: 01 May 2009 8:23 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.