THÈID fèis a chumail sa Ghleann Mhòr ann an Srath Spè an ath dheireadh sheachdain, 18 agus 19 Lùnastal, gus am bàrd agus an ceannard ainmeil Seumasach, Iain Ruadh Stiùbhart á Cinn Chàrdainn, a chuimhneachadh 's an obair aige a chur mu choinneamh an t-sluaigh.
Bha Iain Ruadh aithnichte 'na latha mar beau ideal de dh'oifigear Gaidhealach 's e 'na chòirneal air Rèisimeid Dhùn Èideann. An dèidh ruaig nan Seumasach ann an 1746 bha e greis mhath fo choille agus sann an uair sin a rinn e na h-òrain as ainmeile a
ige. Chaidh dà òran aige air Latha Chùil Lodair a sgaoileadh air feadh an t-saoghail le eilthirich Ghaidhealach.
Gu ruige bho chionn greis bha bàrdachd Iain Ruaidh tric air bilean na seann fheadhainn Ghaidhealach ann an Srath Spè ach tha fiùs ainm fhèin an cunnart a dhol an dearmad leis na ginealaich as ùire mus dèanar rudeigin mu dheidhinn.
Tha Rùnaire na Fèise, Ann Wakeling, ga mhìneachadh: "Tha e follaiseach bho sheann phàipearan naidheachd sgìreil ás na 20an gun robh Iain Ruadh Stiùbhart fhathast aithnichte mar laoch ron Dàrna Cogadh Mhòr ged nach eil cuimhne aig mòran air a-nis.
"Tha sinn fortanach ge-tà gu bheil stòras de dhualchas agus de rannsachadh aig sgoilearan mar Niall MacGriogair agus Seumas 's Alison Diack mu dheidhinn Iain Ruaidh, 's bha e iomchaidh beagan dheth sin a chur an cèill ann an dòighean tlachdmhor, inntinneach, a ghlacadh aire dhaoine."
Le òraidean, taisbeanaidhean de bheatha nan Seumasach (leithid luadhadh clò agus losgadh chuilbhearan 's chanan), an sàr sheinneadair Iseabail NicAsgaill agus a' bhan-sgeulaiche Easaidh Stiùbhart aig cèilidh mhòr ann an teanta faisg air Loch Mhòrlaich, agus fiùs cuid de shliochd Iain Ruaidh an làthair, tha tòrr sa chlàr-ghnothaich Di-Satharna a thàladh duine sam bith le co-fhaireachdainn Gaidhealach.
Di-Dòmhnaich thèid "Bratach Uaine", a' riochdachadh sròl rèisimeid Iain Ruaidh, a mheàrrsadh bhon Ghleann Mhòr gu mullach a' Chùirn Ghuirm, far am bi i air a leigeil ma sgaoil mar bu ghnàth gach bliadhna le Seumas Mac an t-Saoir, Fear Bàn Bheag-Ghleann, a ghlèidh bratach Iain Ruaidh bho bhith air a losgadh le crochaire Dhùn Èideann - mar a thachair do dh'iomadh suaicheantas Seumasach eile.
Tha targaid agus daga Iain Ruaidh air an glèidheadh le taigh-tasgaidh Oilthigh Obar Dheathain, agus chaidh ìomhaighean dhiubh a dhealbhadh a-steach air a' Bhrataich Uaine ùir. Feumaidh an duine a bhios ga giulan - agus a chompanaich - a bhith tapaidh ge-tà, oir bidh iad seachd uairean de thìde a' dol an àird air a' Chàrn Ghorm agus a' tilleadh.
Bha fàisneachd aig Iain Ruadh agus e an dùil gum biodh latha eile aig na Gaidhil fhathast: "Thig cuibhle an fhortain mun cuairt." Le tachartasan beothail gan cur air dòigh le buidhnean smiorail mar seo, tha gach dòchas gum bi co-dhiù urram aig an fhàidh 'na dhùthaich fhèin a-rithist.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho www.soundintentions. com/johnroy/johnroy.asp.