Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Tha Dòmhnall agus Màiri a' sàbhaladh leabhar nan cearcall

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 06 June 2009
SE The Gaelic Rings: Cearcaill na Gàidhlig (Comhairle nan Eilean Siar, £5) an seòrsa leabhair a tha ag éibheach riut: "Cuidich! Rugadh mi aig companaidh PR. Chaidh m' àrach le comataidhean. Cha robh dhìth orm riamh ach màthair."
Ann am faclan eile, chan eil ainm deasaiche air an duilleig thiotail (chan eil duilleag thiotail ann), ach tha e gleansach, làn dath, làn stoidhle 's panàis. Tha e 'na threòraiche beag grinn pòcaid ri gach eilean a tha CalMac a' frithealadh ach Arain
n 's Bòd. Agus, gu ìre, ri taobh siar tir-mór, oir se "cearcaill" am prionnsabal, 's ma tha thu a' tòiseachadh sa Ghearastan 's a' dol a Leódhas, mar tha Brian Wilson a' dèanamh, tha agad ri tilleadh rathad Ulapuil gu cearcall a dhèanamh dheth, 's feumaidh tu rudeigin a ràdh, ge b' oil leat, mu na tha eadar siud 's an Gearastan.

Tha e 'na leabhar dà-chànanach, Beurla 's Gàidhlig. Mar sin, rinn mi na tha mi dèanamh gach uair a thig a leithid a-staigh. Leugh mi a' Ghàidhlig a-mhàin.

Gheàrr siud ás na duilleagan far a bheil na sgrìobhadairean air an cur an aithne dhuinn. Tha iad seo uil' ann am Beurla. Grrrr.

Chaidh iarraidh air sianar eòlaichean, neo chàraidean eòlaichean, aiste a sgrìobhadh am Beurla 's an Gàidhlig a' toirt beachd pearsanta air a' chearcall as fheàrr leotha. Seach gur e treòraiche turasachd a th' ann, bheir mi rionnagan dhaibh.

Aon rionnag gu Iseabail agus Mairead Nic an t-Sagairt (Giogha, Ìle, Diùra, Colbhasa). Tha an aist' acasan 'na brochan. Droch eadar-theangachadh bhon Bheurla? Bu ghann a thuiginn i.

A dhà gu Brian Wilson (an t-Eilean Sgitheanach, na Hearadh, Leódhas). Rinneadh seo le eadar-theangair profeiseanta. Aithnichidh mi a leithid mìle bhuam. Duine glic. Ach cha do dh'ionnsaich mi móran. Cus cas air an accelerator. Cus objectivity. Cus luachan naidheachd.

Trì gu Ùisdean 's Sìne Cheape (na h-Eileanan Beaga). Gàidhlig stòlda luchd-ionnsachaidh. Mealanaidheachd. Ach cha do dh'innis duine dhaibh gur e Rùm an t-eilean 's nach e idir Ruma.

Ceithir gu Aonghas Pàdraig Caimbeul (Barraigh, Uibhist, an t-Eilean Sgitheanach). Tòrr mu litreachas. Math.

Cóig gu Màiri NicArtair (Muile, Ì, Àird nam Murchan). Mi air mo bheò-ghlacadh. Air Muile 's Ì bha Màiri coltach ri fear de na leabhraichean as luachmhoir a th' agam, Am Measg nam Bodach. Nuair thog i oirre gu tuath thàinig caoineadh 'na guth. Mhill siud e.

Sia gu Dòmhnall Meek (Tiriodh, Cola). Pearsanta. Mheasainn seo còmhla ris na h-aistean as fheàrr a chaidh sgrìobhadh an Gàidhlig riamh, can 'Seann Sgoil' aig Dòmhnall MacFhionghain.

A mhuinntir PR, tha Dòmhnall 's Màiri air ur sàbhaladh. Tha Cearcaill na Gàidhlig sgoinneil.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 06 June 2009 12:12 AM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Iain Mac,

07/06/2009 01:42:05
Deagh phios a tha seo.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.