Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Staing an ionmhais ag adhbharachadh ath-bheothachadh nan lot

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 02 May 2009
SE lot, neo allotment, pìos de thalamh a bhios air a chur gu feum airson glasraich agus flùraichean a chur gu fàs. Tha iarrtas airson lotaichean, chan ann a-mhàin air an dùthaich ach sna bailtean mòra, a' sìor dhol suas, 's tha comhairlean 's ùghdarrasan gu tric a' sireadh talmhainn far am faodar an stèidheachadh.
Aig an àm seo tha staing an ionmhais a' ciallachadh gu bheil airgead anns an sporan gann, agus an àite a bhith a' ceannach biadh ás na bùthan tha daoine deònach cothrom fhaighinn air nas urrainn dhaib' fhèin a thogail. Leis mar a tha prìs a' chonnaid
h air èirigh cho àrd, tha e cosgail biadh a thoirt á thall thairis, agus a bharrachd air sin tha an CO2 a tha a' tighinn ás a' seo a' dol ma sgaoil 's ag adhbharachadh blàthachadh cruinne.

Tha an sluagh a' sìor fhàs mothachail air cho cudromach 's a tha e a bhith ag eacarsaich, agus chan eil nas fheàrr dhaibhsan a tha dùinte ann an oifis fad an là na dèanamh air an lot far am faod iad a bhith an sàs ann an iomadach seòrsa gnìomh a chuireas 'nam fallas iad. Cuideachd tha an seòrsa obrach sin 'na thogail don spiorad.

Tha e air amas gu bheil còrr agus 6,500 lot ann an Alba, gu bheil co-dhiù 4,000 a' feitheamh airson tè, 's ann an àiteachan gum feumar fuireach deich bliadhna. Thuirt Jenny Mollison bhon Scottish Allotments and Gardens Society: "Bheir sinn cuideachadh do neach sam bith a tha ag iarraidh lot, agus tha sinn a' strì ri comhairlean ionadail airson talamh a chur air leth son lotaichean."

Bha an seòrsa àiteachais seo a' dol ann an Alba airson linntean. Mus tàinig Achd nan Croitearan bhiodh gu tric pìos de thalamh, far am biodh iad a' cur buntàta 's glasraich, aig coitearan a bhiodh ag obair air na h-oighreachdan. B' àbhaist pìosan de thalamh ris an canadh iad glìoban a bhith co-cheangailte ri eaglaisean, 's bhiodh àite aig gach buachaille anns gach baile son planntrais a chur.

Bha lotaichean, a bha mar bu trice air an obrachadh le mèinneadairean agus luchd obrach stàilinn, ann an Tobar na Màthar bho àm a' chiad chogaidh. An-diugh tha 35 lot stèidhichte aig ceann a-deas a' bhaile 's tha fir agus mnathan, sean agus òg, an sàs annta.

Tha hut air gach lot le acfhainn, todhar agus sìol, agus tha ionad ann, bothag mhòr, far am bi daoine a' leigeil an anail 's ri deasbad 's ri conaltradh.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 01 May 2009 8:24 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

jenny,

inveresk village 02/05/2009 21:35:53
I wish I could read Gaelic as this is obviously about allotments and I can see my name in the text!
2

eamon,

04/05/2009 13:53:24
#1 Jenny

Contact Finlay Macleod at CNSA and your wish could come true. He is a great guy who will help no end. Good luck, on both fronts.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 

Featured Advertising



Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.