Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

Drink Driving, Don't Risk It!

San t-srìth ùr aig Fionnlagh thèid do bhogadh 's an còrr

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 23 May 2009
SANN òirnne a tha an t-uallach cruaidh ag ionnsachadh cànan ar dualchais mur an d'fhuair sinn gu leòr dhith aig glùintean nan ginealach a chaidh romhainn.
A rèir Alasdair MhicCaluim, a rinn rannsachadh air suidheachadh an luchd ionnsachaidh ann an saoghal na Gàidhlig, chan eil ach mu 700 de luchd ionnsachaidh ann uile gu lèir a tha air fileantas a ruigsinn.

Tha e coltach ge-tà gu bheil fuasgladh aig
Fionnlagh MacLeòid, stiùiriche Comhairle nan Sgoiltean Àraich, dhan duilgheadas.

Mhìnich e dhomh beagan mu dheidhinn nuair a thug e dhomh cuireadh a dhol gu seisean trèanaidh ann an Inbhir Narainn air son faicinn mar a tha an siostam aige, Total Immersion Plus, no TIP, ag obrachadh gus Gàidhlig a thoirt gu inbhich. "Nuair a tha thu dìreach a' toiseachadh air cànan ùr, feumaidh do shùil laighe air rudan agus feumaidh tu rudan a làimhseachadh. Mur na làimhsich thu rud tha e doirbh ceangal a dhèanamh 'nad eanchainn eadar an rud agus am facal ùr. Sann le rudan àbhaisteach, leithid sginean agus spàintean, a tha sinn ag obair an toiseach, a' toirt abairtean slàn do dhaoine as urrainn dhaibh a chur gu feum 'nam beatha làitheil."

Is mì bha toilichte am beachd sin a chluinntinn oir tha fios agam fhìn mar a tha e faireachdainn a bhith gu ìre mhath comasach air sgrìobhadh (ach eisimeileach air deasachadh math) gun a bhith buileach cho èasgaidh ga bruidhinn.

Is iomadh leasachadh a dh'fhàs air bunait obair nan cròileagan cloinne aig CNSA, a' bhuidheann a chuir Fionnlagh air bhonn anns na 80an, 's chan e bu lugha dhiubh an t-atharrachadh a thàinig air inntinn dhaoine a thaobh ionnsachadh cànain.

Tha Fionnlagh an sàs ann an strì eile a-nis, a' toirt aire luchd leasachaidh na Gàidhlig gu beàrn eile san t-siostam. Chan eil e gu leòr, tha e ag ràdh, a bhith a' bogadh dhaoine ann an cànan, tha rudeigin eile a dhìth – mìneachadh ceart agus làimhseachadh rudan a tha da-rìreabh ann.

Se an rud sin a bharrachd a tha toirt am "plus" air TIP, agus ged a bha mi caran teagmhach, bha fadachd agam ga fhaicinn ann an gnìomh.

Bha mu chòig daoine fichead ann agus feadhainn eile fhathast ri thighinn, gàire air a h-uile aodann agus deagh fhaireachdainn san àite. Fionnlagh 'na ghlòir os cionn ghnothaichean, ach cha b'ann mar shoisgeulaiche na Gàidhlig ann an deise dhubh, a chorrag fhada a' sàthadh an adhair, mar a tha sinn cleachdte ri fhaicinn. Bha geansaidh agus briogais comhartail air, agus e fhèin a' coimhead aig an taigh a' mìneachadh, le crathadh cinn agus smèideadh làmhan, mar a tha mòran a' dol air adhart eadar daoine gun a bhith tuigsinn na cainnt aig a-chèile 's mar a tha sin 'na bhunait do dh'ionnsachadh cànain eile.

Ach obh obh, dìreach nuair a bha mise a' blàthachadh ris na modhannan spòrsail aige thàinig atharrachadh air an deagh fhaireachdainn oir dh'òrdaich Fionnlagh dhuinn uile a thighinn air beulaibh na buidhne son beagan innse mu'r deidhinn fhìn agus esan gar ceasnachadh ann an guth car cruaidh. An uair sin bha e air ais a-rithist gu spòrs.

Theab nach do theich mi sa bhad agus blas cùrsaichean trèanaidh nan comhairlean ionadail gam chur dheth, ach tha mi toilichte gun do dh'fhuirich mi, oir chuala agus chunnaic mi mìorbhailean, nach eil idir àbhaisteach do chlas Gàidhlig, leithid fìor luchd tòiseachaidh a' còmhradh le chèile le bhith ag aithris an àird a-rithist na bha luchd cuideachaidh le deagh Ghàidhlig a' cagarsaich 'nan cluais. Chan e 's gun do thuig iad na briathran a bha iad ag ràdh, ach bhruidhinn iad le blas math Gaidhealach, rud nach eil cumanta aig dòighean teagaisg àbhaisteach.

Bhruidhinn mi ri tè á Bucaidh a tha air a bhith an sàs le TIP airson bliadhna. Bidh i fhèin 's a dithist pheathraichean a' dol gu coinneamh oidhche gach seachdain. Bha ar còmhradh gu tur sa Ghàidhlig. Chan e 's gun do thuig i a h-uile ceist a bha agam ach bha i làn chomasach tuairisgeul a beatha a thoirt dhomh ann an Gàidhlig mhath ghnàthasach, rud nach eil cuid aig a bheil teisteanas àrd-ìre comasach a dhèanamh.

Thàinig balach á Inbhir Narainn a-steach air son faicinn dè bha dol. Mus deach e dhachaigh bha e comasach air an uair innse ann an Gàidhlig. Bha sin an dèidh do dh'Fhionnlagh 's dhan cho-luchd obrach aige a bhith a' cluich geama èibhinn le uaireadair chloinne.

Tha rudeigin prìseil aig Fionnlagh agus aig TIP. Thuirt e: "Tha sinn a' leasachadh modhannan obrach a tha freagarrach do shuidheachadh na Gàidhlig, oir tha an tìm a' ruith oirnn."

"Dè an uair a tha e?" Tha e làn thìde gun robh barrachd dhaoine an an Alba mothachail gu bheil a leithid de shiostam ann a dh'fhaodadh fàs a rèir feumalachdan. Bidh Fionnlagh a' bruidhinn aig co-labhairt "A' Cleachdadh na Gàidhlig", 23-26 Ògmhios 2009 aig Sabhal Mòr Ostaig.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 22 May 2009 11:43 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Calum Crubag,

23/05/2009 16:20:26
Gura math a theid le Fionnlagh. Cleachd a' Ghàidhlig no caill e.
2

Gràisg,

24/05/2009 10:54:42
Seadh tha mi ag aontachadh le Calum, Gura math a thèid le Fionnlagh. Fhuair mise cothrom a' dol dhan tachartas ud agus 's ann mar sin a bha e.

Ceist eile dhuibh, na h-innealan Markies:
Am bu choir do Art Cormaig còir a bhith bualadh air doras Markies cho luath ‘s ghabhas?

http://inbhirnarann.blogspot.com/2009/05/roghainn-canain-ann-am-priomh-bhaile-na.html

Roghainn cànain ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd. Dè an t-àite don Gàidhlig san Coimhearsnachd-d (e-Society)?

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.