Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


O dhà Sheòras gu dà Uilleam: iris ùr airson litreachas na Gàidhlig

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 19 July 2008
THA mi air son fàilte air leth blàth a chur air a' chiad àireamh de Aiste (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, £15). Tha dùil aig na deasaichean, Michel Byrne, Thomas Owen Clancy agus Roibeard Ó Maolalaigh, gun tig e a-mach dà uair gach bliadhna.
Tha 'n iris ùr coisrigte do "Rannsachadh air Litreachas Gàidhlig" (sin am fo-thiotal aca) agus tha na deasaichean ag ràdh gun robh e 'na "amas againn o thùs àite cothromach a thoirt san iris do sgrùdaidhean Albannach agus Èireannach, agus do sgrìobha
dh ann an Gàidhlig agus ann an Gaeilge".

Tha a' chiad àireamh rud beag àraidh, gu ìre, oir tha i stéidhichte air sreath òraidean a thugadh an 2000-01 mar chuimhneachan air ceud bliadhna de theagasg na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu, agus chaidh iarraidh air na h-òraidichean bruidhinn mu chuspairean aig an robh ceangal ri sgoilearan Oilthigh Ghlaschu sna bliadhnaichean sin. Mar sin, tha ainmean an dà Sheòrais, MacEanraig agus Calder, nas suaicheanta an-seo na bhitheas iad, is dòcha, ann an àireamh eile de dh'Aiste.

Dé cho fada 's a tha Aiste 1 a' coileanadh amasan nan deasaichean?

Tha ochd aistean ann. Tha aon té (aig Byrne) sa Ghàidhlig, an còrr sa Bheurla. Tha sia dhiubh a' buntainn ri litreachas na Gàidhlig eadar 1750 agus 2000, na dhà eile ri cuspairean meadhan-aoiseach a bh' aig a' Ghaeilge 's a' Ghàidhlig ann an cumantas.

Mar sin chan eil Aiste 1 a' coileanadh amasan nan deasaichean, ach seo aon leughadair nach eil a' gearan idir. Oir tha na sia aistean mu litreachas na Gàidhlig cho susbainteach 's a ghabhas.

Ruaraidh MacThòmais a' ruith air na chaidh a dhèanamh sna ceud bliadhna, le corra chuimhne phearsanta leithid mun chonnspaid Oiseineach: "I was encouraged to investigate this topic about 1946 by … John MacDonald (widely known as Celtic John) and I continued to be involved in this topic, and sometimes plagued by it, for the next fifty years."

Christopher Whyte air bàrdachd MhicThòmais fhéin: mu An Rathad Cian, "although this is something one must never say to writers, who need always to be told that the most recent thing they have produced is their best, I am not convinced that Thomson has surpassed it in his writing since." Beachd dùbhlanach ris nach eil mi fhìn ag aontachadh.

Tha Byrne a' cur a chorraig air àm, cuspair, daoine 's litrichean a tha a' nochdadh dealachadh nan rathad do litreachas na Gàidhlig. B'e an t-àm 1935-55, an cuspair a' mhuir, na daoine Coinneach MacLeòid agus Deòrsa Caimbeul Hay. Ghabh an Leòdach dàn a sgrìobh Hay, Na Griogaraich, san t-sròin; feumaidh mi aideachadh nach toil leam fhìn e nas motha!

Tha Dòmhnall MacAmhlaigh a' toirt sùil as ùr air bàrdachd Iain Gobha na Hearadh 's a' sònrachadh na bu chòir a dhèanamh leatha. Tha mi toirt an aire nach eil eadar-theangachadh 'na phàirt dhe na tha e moladh, ged a roghnaich MacAmhlaigh an aiste aige sgrìobhadh ann am Beurla. (Is dòcha bhon a roghnaich e an òraid aige a thoirt ann am Beurla?)

"Carmina Gadelica tends to send a nasty shiver through my spine," tha Dòmhnall Meek ag aideachadh, "and an even nastier shiver through my mind." Droch thòiseachadh, shaoileadh tu, do dh'aiste mu Charmina Gadelica. Ach an uair sin, ann a bhith a' cearclachadh mun nì ghrànda gun beantainn ris buileach, tha e a' toirt beò dhuinn sgoilearan linn MhicilleMhìcheil agus nam fìor amasan aca. Leithid Mhic- Leòid a-rithist …

Agus o dhà Sheòras gu dà Uilleam. Aig Uilleam Gilios tha an aiste as léirsinniche 's as mionaidiche a sgrìobhadh air bàrdachd Uilleim Rois riamh. Thig an latha nach bi feum air an aiste seo idir a chionns gun téid i 'na pàirt de làn leagan sgoileireil de dh'obair an Rosaich. Tha an Giliosach ag ràdh gun do dh'aontaich e a leithid a dheasachadh do Chomann nan Teacsa Gàidhlig. Deagh naidheachd tha sin.



Page 1 of 1

  • Last Updated: 18 July 2008 10:23 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Steafan,

19/07/2008 12:52:06
Tha seo a' sealltainn nach eil fiu 's na h-eolaichean as fhearr ann an saoghal litreachais na Gaidhlig comasach air aiste den t-seorsaichean sin a sgriobhadh ann an Gaidhlig? 'Eil mi ceart no cearr?
2

A.T.,

Manhattan 24/07/2008 15:34:41
'Se Derick Thomson aon de na h-eolaichean as miosa airson Beurla a bhruidhinn, agus a sgriobhadh, an aite Gaidhlig. Chan eil e leis fein ge-tha. Tha na leanas a cheart cho 'Beurla':

Christopher Whyte
Willie Gillies
Richard Cox
Donald William Stewart ( a sgriobh leabhar ann am Beurla mu dheidinn Carmichael)

Thalla gu larach 'Rannsachadh na Gaidhlig 2008' cuideachd agus chithear na h-eolaichean a tha a' sgriobhadh ann an Beurla.

Why preach to us to speak Gaelic, if you choose English as your preferred mode of communication?

Perhaps there are others to be added to the list ...
(bruidhinn ann an Beurla gun tuig na h-eolaichean mi)


 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.