Published Date:
27 June 2009
AIG an àm so de'n bhliadhna tha na cèird lìonmhor air feadh na Gàidhealtachd, ach 'sa gheamhradh gheibhear iad mar is trice an cùl-shràidean nam bailtean-móra. Chan eil iad 'nan aoidhean sona an àite 'sam bith, oir tha iad coma ciamar a chothaicheas iad an lòn cho fad 'sa gheibh iad e gun a bheag a dhìoladh air a shon.
Chan eil iad 'nam mèirlich no 'nan luchd-reubainn ach tha iad gaolach air deirce shireadh agus is gann gu'n gabh iad diultadh gus am faigh iad rud-éiginn. Aig cuid dhiubh tha eich is cairtean; agus, leis gu'm bheil iad a' siubhal daonnan 'nam buidheannan móra, tha iad iomadh uair glé chroiseil do thuathanaich agus do chroitearan. Leigidh iad na h-ainmhidhean m'a sgaoil air na raointean; agus, m'a dh'fhanas iad latha no dhà, nì iad sganairt nach beag air an ionaltradh.
An gabh dad idir deanamh ás leth na muinntir so chum an toirt gu stanndadh agus grinneas? Tha a'cheist ro dhuilich fhuasgladh agus cha d'fhuair i fhathasd freagairt dhiongmhalta. Tha tuillidh de'n cuid cloinne theagamh a' dol do'n sgoil 'sa gheamhradh, ach an taobh am mach dheth so tha an cor dìreach mar a bha e ceudan bliadhna air ais.
-
Last Updated:
26 June 2009 11:06 PM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh