Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Mar ghabhas 'cleachdadh na Gàidhlig' a thomhas

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 27 June 2009
BHO Dhi-Màirt gu Di-Haoine an t-seachdain seo bha sgoilearan, luchd-iomairt agus daoine bho iomadh raon eile a' deasbad 's a' bruidhinn air "Cleachdadh na Gàidhlig" aig co-labhairt ann an Sabhal Mòr Ostaig. Bha mar amas dhaibh sùil a thoirt air "slatan-tomhais ann an dìon cànain sa choimhearsnachd".
Mar a chualas aig toiseach chùisean, dh'fhaodadh cruinneachadh no conaltradh sam bith a bhith 'na choimhearsnachd, agus bha sin a' ciallachadh gun robh daoine a' bruidhinn air farsaingeachd chuspairean leithid planadh, reachdas, cainnt dhaoine 's mar
tha i ag atharrachadh,luchd ionnsachaidh anns a' Ghearmailt, coimhearsnachdan air-loidhne, 's na sgilean cànain aig daoine 'nan àite-obrach, cho math ri coimhearsnachdan fhèin. Tro na bùthan obrach fhuaras grunn mholaidhean air son phlanaichean cànain, foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, Gàidhlig ann an coimhearsnachdan, bhuidhnean, Gàidhlig anns an dachaigh, agus eile.

Thug Domhnall Uilleam Stiùbhart òraid phungail, eirmseach seachad air a' chiad oidhche a' bruidhinn air mar a bhathar a' cleachdadh Gàidhlig agus Beurla tro na linntean. Ach mar a mhìnich e, chan e 's gun robh cuid a Ghàidhil dìreach eòlach air Beurla Ghallda agus, ri ùine, air Beurla, ach gu robh buaidh nach beag aig cànanan eile na Roinn Eòrpa orra. Mar eisimpleir aig aon àm "ann am beatha làitheil an t-sluaigh … bha aon chànan ann a bha ri chluinntinn na bu trice na a' Bheurla Ghallda: an Laideann. Cha b' ann a-mhàin anns an aifreann a chluinnteadh an cànan, ach ri linn nan deas-ghnàthaidhean bu chudromaiche ann am beatha an t-sluaigh – aig pòsaidhean, aig tòrraidhean, 's aig baistidhean."

Gu dearbh, mar thuirt Domhnall Uilleam, bhiodh gu leòr de Ghàidhil eòlach gu ìre mhòr no beag air Gàidhlig chlasaigeach, Gàidhlig sgoileireil na h-Èireann 's dualchainntean na h-Èireann. Agus bhiodh cànanan eile aca. "Mar sin, cha bu chòir dhuinn coimhead air a' Ghaidhealtachd gu h-eachdraidheil dìreach mar diglossia, 's i air a sgaradh eadar dà chànan. Nam b'e microcosmos de dhualchainntean a bh' anns a' Ghaidhealtachd, gu ìre b'e microcosmos de chànanan a bh' innte cho math … Chan e rud ùr a th' anns a' Ghaidhealtachd ioma-chànanach."

Bhruidhinn e air na planaichean cànain a bh' ann air son a' Bheurla a thoirt air adhart air a' Ghaidhealtachd fad iomadh bliadhna, 's mar a dh'fhàs cànan nan Gall nas làidire tro mhalairt 's tro shuidheachaidhean eile far an robh luchd na Gàidhlig 's na Beurla a' tighinn còmhla. A' crìochnachadh na h-òraid thuirt e: "Chan urrainnear coimhead air cleachdadh na Gàidhlig, 's air an dòigh anns a bheil sinn a' coimhead oirre, gun a bhith a' coimhead air cleachdadh nan cànan eile, 's air an dòigh anns a bheil sinn a' coimhead orra, anns an aon sgìre no an ath dhoras."

Ma bha Domhnall Uilleam a' coimhead air cleachdadh na Gàidhlig le sùil fharsaing eachdraidheil, b'ann gu math pearsanta agus drùidhteach a bha na thuirt Liondsaidh 's Màiri Chaimbeul á Fearann Dòmhnaill ann an Slèite. Bhruidhinn Liondsaidh air mar a thog i fhèin 's an duine aice Aonghas Pàdraig an cuid chloinne le Gàidhlig, 's air mar a bha ('s a tha) e cho nàdarra dhaibh, mar theaghlach, Gàidhlig a bhruidhinn, gun ghuth air planaichean, co-labhairtean no eile. "Nuair a choinnich mi ri Aonghas Phàdraig thàinig e a-steach orm nach robh dòigh fo nèamh a b' urrainn dhòmhsa a bhith ceangailte ris an duine iongantach seo mura tuiginn a' chànan a bha 'na chridhe.

"Bha e soilleir gu leòr dhòmhsa gum bu chòir dhomh a' chànan agus an dualchas dham buineadh e fhoghlam dhomh fhìn. Cha robh e furasta. Rinn mi e beag air bheag, ceum air cheum, facal air an fhacal, mar a tha mi ga dhèanamh fhathast. Rinn sinn e còmhla."

Mar a mhìnich i, cha robh mòran Gàidhlig aice nuair rugadh Màiri o chionn 16 bliadhna. "Ach rinn i a dìcheall."

Lean i oirre: "Se an aon rud a tha mi air fhiosrachadh, gum feum thu a bhith freumhaichte ann an gràdh air son 's gun obraich rud sam bith, oir mar a thuirt am fear eile, 'Ged a labhrainn le teangaidhean dhaoine agus aingeal, agus gun ghràdh agam, tha mi am umha a nì fuaim, no am chiombal a nì gleangarsaich.'"

Bhruidhinn a nighean Màiri le faireachadh 's le gliocas air cho nàdarra 's a bha e dhi fhèin, dh'a peathraichean 's dh'a bràthair Gàidhlig a bhruidhinn ri càch-a- chèile. Mar thuirt i mu deidhinn fhèin 's a piuthar Steaphanaidh, agus an dithis aca ann an Sgoil Chiùil Moire an Dùn Èideann a-nis, "Chan eil gu diofar dhomh fhìn no do Steaphanaidh an ann an Slèite no air Sràid a' Phrionnsa tha sinn, tha sinn an còmhnaidh a' bruidhinn Gàidhlig ri chèile."

Nach bu chòir dhuinn uile, a tha a' cleachdadh na Gàidhlig, a bhith ag amas air a-sin.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 27 June 2009 12:19 AM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.